CAIRDEAS.
Bithidh Cairdeas dhuinn ’na shonas,
Bithidh Cairdeas dhuinn ’na àgh;
Cha dean Cairdeas ’chaoidh ar dochunn,
Cha dean Cairdeas ’chaoidh ar cràdh.
Tharruing Cairdeas sinne cuideachd,
Eadhon Cairdeas ’dh’aon a chéil’,
Sgaoilidh Cairdeas iomradh umainn,
Còbhraidh Cairdeas oirnn ri feum.
Bhrosnuich Cairdeas mi gu m’ dhuanaig,
Thionnsgain Cairdeas dhomh mo rann,
Dùisgidh Cairdeas crìdh’ gu truaghas,
Fàgaidh Cairdeas làidir gràdh.
’S annsa Cairdeas leis gach Clachair,
Dhuinne Cairdeas ’s ordugh rùin,
’S dìleas Cairdeas do gach Bràthair,
Sgaoilidh Cairdeas fad’ ar cliù.
Fàgaidh Cairdeas ’ghnàth sinn subhach,
’Nuair bhios Cairdeas blàth ’s gach crìdh’,
Aonaidh Cairdeas-àigh sinn uile,
Leanaidh Cairdeas sinn gu’r crìch.
Sìthein. EAD. LE CUACHANACH
title | 9 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 3 |