AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH.
CEUD MHÌOS AN EARRAICH.
IV. AIREAMH.
MELCHISEDEC.
A Theachdaire chòir,
CHAIDH ceist a chur riut aon uair, Am b’ urrainn thu fiosrachadh sam bith a thoirt seachad mu Mhelchisedec, ach gus an do thaisbean thu do ghnùis as ùr cha chuimhne leam gu’n d’thug thu riamh freagairt sam bith air a’ cheist. A thaobh ’s gur beachd leamsa nach do mhìnicheadh fhathast gu ceart a’ cheist air a’ bheil mi ’tighin, agus a bhrìgh ’s gu’n do thachair dhomh beagan rannsachaidh a dheanamh mu thimchioll Mhelchisedeic, thainig fodham na leanas a chur h-ugad mu’n chùis, chum’s gu’n coimeas thu r’a chéile am beachd a thùr mise agus am beachd a chinn aig an neach a thug oidhirp air a’ cheist fhoillseachadh sa’ cheud àireamh. Air sgàth do luchd-leughaidh tha e ceart gu’m faigheadh tuille na aon neach cothrom air a bharail féin a thaisbeanadh mu cheist no mu chùis sam bith air a’ bheil côir aig a’ mhóran soilleireachadh no fiosrachadh fhaotainn. So agad toradh mo shaoithreach-sa mu ’n cheist.
’S e an ceud âite ’s am bheil iomradh air Melchisedec sa’ Bhìobull an XIV. caib de Ghin. aig an 8mh. rann. Tha e iar a ràdh an sin “gu’m b’e righ Shàlem e, agus sagart an Dé a’s ro airde, gu’n d’thug e mach aran agus fìon gu h-Abraham; gu’n do bheannaich se e, agus gu’n do ghabh e deachamh uaithe de gach ni a ghlac Abram o na rìghrean co-bhoinnte.” ’S e ’n t-ath àite ’s a’ bheil Melchisedec iar ’ainmeachadh an Xmh Salm thar a’ C. an 4mh rann. “Mhionnaich an Tighearna agus cha’n aithreach leis Gur sagart thu gu siorruidh do réir cineal Mhelchisedeic.” Cha’n eil focal tuille sa’ Bhìobull mu ’n ainm Melchisedec gus an ruig thu an Vmh. caib. de’n litir chum nan Eabhrach. Ann an sin aig an 6mh. rann tha briathran an t-Salmaidh iar an aithris, agus mar an ceudna aig an 10mh rann. Aig a’ 1d. rann deug tha’n sgrìobhaiche ’g ràdh gu bheil aige r’a ràdh mu Mhelchisedec móran de nithe deacair r’an cur an céill, a thaobh maille agus aineolais nan Iùdhach; no, mar deir e féin, a thaobh an stalcaiche no am buidhre.
A mise tha a’ chuid a’s mò de luchd-mìneachaidh a’ deanamh dheth gu’m bu duine Melchisedec, a bha ’na righ air baile do’m b’ ainm Sàlem; agus mar-ri bhi ’na rìgh gu’n robh e ’na shagart ann mar an ceudna. Tha iad fòs am barail gu’m b’e ’n Sàlem so am baile ris an abairteadh an déigh sin Ierusalem. A rithist tha cuid eile ’m beachd gur h-ann air Sàlem bu rìgh Melchisedec, baile bha fada mu
Có, ma ta, an sagart ard urramach a bha ’n so? “Có a chuireas an céill a ghinealach?” Isa. liii. 6. An e aingeal a’ choimhcheangail a bh’ ann? ard-shagart ar n-aidmheil? prionnsa na sìth? grian na fìreantachd? seirbhiseach Dhia? an t-iongantach?
Ma ’s e Criosd a bh’ ann, ciod is brìgh do na briathran, “Is sagart siorruidh thu do réir cineal rian, ordugh, riaghailt, réim Mhelchisedeic? Nach ionann sin agus a ràdh, Is sagart siorruidh thu do d’ réir féin? Is ionann gun teagamh. Ach air a shon sin cha ’n eil na briathran gun seadh. Tha fios againn nach robh anns an lagh ach sgàil air na nithe matha bha gu tighin (ri linn an t-soisgeil). Cha robh ann an Aaron agus anns na Lebhithich eile ach luchd-samhlaidh air Criosd, agus anns na h-iòbairtean agus na deas-ghnathan a bha iad a’ frithealadh ach sgàilean air fulangas agus ìobairt iomlan an ard-shagairt shiorruidh. Ach bha na sgàilean so uile neo-iomlan. (Eabh. 7. 19.) Bha sagairt an lagha caochlaideach, bàsmhor; agus, uime sin, ’nan samhladh neo-iomlan air Criosd a ta ’na shagart neo-chaochlaideach, buan-mhairsinneach. Bha iad peacach, anfhann, agus uime sin ’nan samhladh neo-iomlan airsan a tha naomh, ionraic, fìorghlan, sgaraichte o pheacaich, agus iar ardachadh os-ceann nan nèamhan, neach nach feumadh, mar iadsan, ìobairtean a thairgseadh gach latha, air tùs airson am peacannan féin, agus an déigh sin airson peacannan an t-sluaigh; chionn dh’ fhoghain aon ìobairt uaithe-san an uair a thairg e suas e féin. Cha robh sagart sam bith cosail ri Melchisedec, matà, ach e féin, agus is ann uime sin a ta Criosd ’na shagart a réir cineal Mhelchisedeic. Esan a bha ’na shagart siorruidh cha b’ urrainn caochladh teachd air a shagartachd. Ach cha
’Nuair a ghabh Criosd an t-sagartachd ’na làimh féin cha robh tuille feum air samhladh neo-iomlan na sagartach Lebhithich; air an aobhar sin chaidh sagartachd an lagha agus an cineal a bha ’ga frithealadh a chaochladh; agus ghabhadh an dreuchd le fear frithealaidh a bha iar a dheanamh a réir samhlaidh iomlain. A nise, ged is ann aig “lànachd na h-aimsir” a thachair an caochladh so do’n t-sagartachd, bha e deanta o shiorruidheachd a réir riaghailt Iehòbhah a tha ’meas mìle bliadhna mar latha, agus nan nithean nach ’eil, mar gu’m bitheadh iad ann.” O so tha e soilleir gu’n robh Criosd ’na shagart riabh, agus nach b’ urrainn sagart eile a bhi roimhe mar shamhladh air. ’S e Melchisedec a’ cheud sagart le Dia air a’ bheil iomradh againn anns a’ Bhìobull, agus a bha ’na shamhladh air Criosd, ’na shamhladh cho iomlan ’s nach comas da bhith nach b’e Melchisedec Criosd; chionn nam bu duin’ e cha bhiodh e ach ’na shamhladh neo-iomlan air, mar bha na Lebhithich; agus a bharrachd cha’n ann a réir cineal duine a rinneadh Criosd ’na shagart, ach a réir samhuil Mhelchisedeic a ta marsainn ’na shagart gu siorruidh. Uime sin cha bu duine Melchisedec. Ach ciamar ma ta a rinneadh Criosd ’na shagart a réir a shamhuil féin? Ann an lànachd na h-aimsir rinneadh ’na shagart e a réir an riochd anns an do thaisbein e e féin mar Mhelchisedec do Abram ’an àm pilltinn o chasgairt nan rìghrean. Tha Criosd e féin ag ìnnse dhuinn “gu’m faca Abraham a latha-san ’an cian, agus gu’n d’rinn e aoibhneas:” ’se sin gu’n d’ fhuair e fiosrachadh air slighe na saorsa trid ìobairt agus sagartachd Chriosd. An uair a ghairm Iehóbhah Abram á Padan-arum, gheall e dha a bheannachadh. Ghabh Iehóbhah a sheòl agus ’àm féin air so a dheanamh. Ri linn tilleadh o Hàba gu Hébron an déigh buaidh a tholrt air na righrean a thug air fuadach Lot, iar do Abram gleann Shabheh a ruigsinn, choinnich sagart au Dia ro Mhóir an sin e agus BHEANNAICH SE E. Ach chuir e ’na chuimhne, aig an àm cheudna gur e ’n Dia ro Mhòr so a thug a mach a’ bhuaidh dha air na righrean cinneach. Ged nach eil ach beagaa iar ìnnse sa’ Bhìobull mu’n choinneamh so eadar Melchisedec agus Abram, feumaidh gu’n do thachair nithe òirdheirc r’a linn. An tùs chaidh gealladh Iehóbhah a choimhlionadh, chaidh a bheannachd a thoirt air Abram. Ach b’e Criosd ard-shagart an Dia Mhòir, a choisinn gach beannachd air a bheil còir aig na creidich. Agus có bu deònaiche thigeadh g’am buileachadh na esan leis an tlachd a bhi deanamh toil ’Athar? teachdair a’ chùmhnant’ a tha luchd-mìnich a’ smuaineachadh a nochd e féin iomad uair an déigh sin do athair [Gin. xviii. 1, 2, 3, 13, 22, 25; Iosua v. 13, 15; Gin. i ii. 8.] so nan creideach, agus do ioma creideach dìleas eile? Agus nach bu chuid so de’n urram a chuir an t-Athair air, agus de’n toileachas a thug e dha, airson saothair anma? Nach ion, cuideachd, a smuaineachadh gu’n nochdadh Iehóbhah do’n phrìomh chreideach a shlànuighear anns a’ cheart chruth ’san robh e ri bhi iar fhoillseachadh ann an làithean ’fheòla? agus gu’n leigeadh e ris da a shloinneadh
O.
title | 1 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |