[94]

ISEABAL.

AIR FONN— “A nighean bhuidh-bhàn nam falbhadh tu leam, &c.

A leannain bhig abheòilein bhinn,
A leannain bhig abheòilein bhinn,
O! Iseabal an òr-fhuilt ghrinn,
Gur h-iomadh loinn a chi mi ort.

Chi mi gruaidhean mar ròs fàsaich
Lagain bheagnuair ni thu gàirannt
Chi mi plath air leam de Phàrras
Ann ad bhlàth-shuil mhìogaich ghuirm.
A leannain, &c.

Chi mi muineal mar an grian-ghath
Luidheas air an t-sneachd sachriaraich;
Mar shreath neòinean do dheud ciatach
Dlùth, geal, rianail dìonach cruinn.
A leannain, &c.

Chi mi mìn-bhas nam meur slatach,
Chi mi cùl nan camag daite,
S iad mar shruthain den òr leaghte
Sios gu dchriosnam mìlte cuairt.
A leannain, &c.

Chi miged is ann air éiginn,
chiùin-mhalair sneachd-chlar teudainn,
S dreach an ròis fo dhriùchd achéitein
Air do bheulan mìn-bhriathrach.
A leannain, &c.

Chi mi thu mar chraoibhs agharadh
Gach aona mheanglan di fo bhlàth tiugh,
Driùchd nan speur atéarnadh tlàth oirr
S eòinna bàrr gu siorruidhseinn.
A leannain, &c.

Taobh Lochfìne an dara mìos, 1836.

title10
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text4
<< please select a word
<< please select a page