CRAOBH SHEANACHAIS NAN GAEL.
A luchd-dùthcha mo rùin! Mìle, mìle taing airson an deòthais leis an d’ thainig sibh air ’ur n-aghaidh a chur sìos ’ur n-ainmean airson “Adhamh agus Eubh, no, craobh-sheanachais nan Gäel.”
Cum suas t’ inntinn a Thìr nam Beann! cha’n’ eil thu fathast gun mhic is airidh air màthair cho uasal agus cho mòralach! cha dean gainntir uan de’n leòmhann; agus, cha’n atharraich bochduinn nàdur a Ghaeil!
’Si mo bharail gu’n d’ fhuair mi cheana mìle ainm—chuir cuid sìos an ainm, cha’n ann airson aon leabhair, ach airson dusain—da dhusan—tri dusain—leth cheud! Ach, mo luchd-dùthcha àrd-inntinneach! deanaibh foighidinn rium; —tha bun na craoibhe cho fada fo thalamh agus a friamhan cho fada ’s mar tha mi ’cladhach gu bheil friamhan chraobhan eile a’ tighin a’m rathad—ged nach eil iad ach leibideach tha iad a’ cur maille mhòr orm. Nuair bhios an ceò dòmhail, ’s an tearlaid salach, ’s fearr rif a chur ’s an t-seol-mhór, agus snàgan gu h-athaiseach, na ruith an aghaidh nan creag. Cuireadh sibhse ainm ri ainm— “clach os ceann clach Mhic Leòid:” mar is lionmhoire na ceannaichean ’sann is fearr an luacha peighinn.
Cha ’n ann da rìreadh a chum buannachd dhomh féin a smuainich mi air an obair, agus mar dhearbhadh air so ma gheibh mi dà mhìle ainm bheir mi fiach dà thastain air a h-aon—ma gheibh mi trì mile, bheir mi fiach thrì tastain air a h-aon; agus mar sin suas.
Tha mi cheana aig Baile-nan-sithuan far na shuidhich Noah am fion-lios, mu thuaiream dà-fhichead mile sear air Tùr Bhàbeil.
’Smi le môr urram,
’Ur seirbhiseach dìleas,
L. MACILLEAIN.
GLASCHO, An dara mìos 1836
title | 12 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |