NAIGHEACHDAN.
Tha e nis air a shocrachadh eadar an FHRAING agus AMERICA gu’n strìochd iad do bhreith rìgh BHREATUNN mu dhéibhinn a’ chonnsuchaidh a bh’ eatorra; air chor agus nach ’eil a nis coltas air bith cogaidh eadar an dá dhûthaich chumhachdach sin.
Cha d’ fhuair a’ Pharlamaid móran ghnothaichean a chur seachad o’n a choinnich iad. Tha O’ Connell, “gille na h-aimhreit” a’ cur mòran dragh orra; agus cha lugha na sin an iomaguin a tha na rathaidean-iaruinn a’ cur orra. Cha ’n urrainnear a ràdh ciod iad na riaghailtcan a shocraicheas iad mu na rathaidean; ach cha ’n eil teagamh aìr bith nach i so cùis a’s cudthromaiche, co dhiù ’s math no cron do’n dùthaich a bhios ’nan lorg, a thàinig fa chomhair na Parlamaid o chionn ioma bliadhna. ’S gann gu bheil cearn air feadh Shasunn no na Galldachd anns nach ’eil iad a’ cur aird air rathad-iaruinn. Cha ’n eil teagamh nach bi aon diubh eadar Dun-éideann agus Glascho; agus ge beag feum a shaoileamaid a th’ air a leithid eadar Glascho agus Grianaig, tha iomradh làidir aca air tòiseachadh air aon gun dàil, a theid mu’n cuairt rathad Phaisleig. Cha ’n eil dòigh eile astrachaidh ann coimeas doibh a thaobh luathais—tha daoine fòghlumte anns na gnothaichean sin ag ràdh, gu’n deantar da-fhichead mìle san uair orra gu socrach, agus tha cuid a’ dol mòran os-ceann so. Tairngidh each fichead tunna air fear dhiubh. O’n bheagan a thubhairt sinn tha e furasd’ fhaicinn a réir ’s mar theid na rathaidean so an lionmhoiread gu’n teid na h-eich a chur air chùl, agus gu’n ìslich so luach gach seòrsa gràin agus gach seòrsa bìdh a tha feumail do bheathach no dhuine san rìoghachd so. ’S e so tha ’cur iomaguin air luchd an fhearuinn, agus a’ toirt misnich do luchd-nan-ìnnleachd. Nan tachradh so bhiodh a dh’ aona mhaitheas air gu’n cuireadh e á h-eisimeil dhùthchannan céin sinn airson gràin, nî nach ’eil sinn idir air an àm so; agus bheireadh e mòran cosnaidh do dhaoine sa’ cheud dol a mach: —ach leigidh sinn seachad iad gus an cluinn sinn ’dé ni gliocas Parlamaid na rìoghachd mu’n déibhinn.
title | 14 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |