[82]

CUMHACHD NA GAILIG.

Fhir-dheasachaidh,

THA minis os ceann còrr as sèa bliadhna deug ag éisdeachd searmoin Bheurla. —Bha mo riasan féin agam air so agus chan eil gnothuch aig an t-saoghal risco dhiù, o chionn ghoirid ghabh mi aite-suidhe ann an eaglais Ghaelaichbha mo riasan féin agam air so cuideachd agus chan eil gnothuch aig an t-saoghal risach feumaidh mi nis aideachadh gu bheil cumhachd anns aGhàilig thar gach cànain!

Thig i air achridhe mar sgeula na h-aimsir a dhfhalbhno mar uisgemhuilinn a chuireas gu gleus an roth-mórs an roth-beag— ’s gach roth as clach a tann gus mu dheireadh an labhair an clabar. ’S ann mar so da rìreadh a thachair dhòmh-sa— ’nuair thogar achomhla-uisges a thig an soisgeul fallain a nuasna mhaoma troma tre thorraig na Gàilig, theid maigne, mar gum beadh, air bhoilebuailidh cuisle mo chléibh cho làidirs cho cas agus gum feud thucluinntinn, agus nuair theid mi dhachaidh cha tàmhs chan fhois domh gus an tòisich an clabar, an teanga, ri dàn!

Tha agam mòran diubh so nach faca sùil. Cuiridh mi aon fhear thugaibhse leis a so, agus ma bheir sibh misneach dhomh bheir mi dhuibh aon airson gach mìos sabhliadhna. Theagamh gur h-ann a gheibh mi trod mòr air a shon so, ach ciod a thann ach cealgaireachd a chleith air duine ni nach urrainn sinn a chleith air Dia? Tha E féin amoladh an fhir a labhras an fhìrinn sin a mach, mar thana chridhe a steach.” So an laoidh

A Dhia mo chridhe gleus gu ceòl
Do dmhòrachd féin amhàin is fiù,
Tha aingil naomh as airden glòir
Gun sgìos an còmhnuidhseinn do chliù!
S am binan tosd an cinne-daonn
Ag iarraidh toirt am plaosgaibh faoin?

Thaghrians aghealach anns an spéur
Do ghnà ag éigheach“ ’S Tusa Dia;”
S thachoillteach mhòr le h-iomadh craobh
Aseirms asaobhadh don ard-Thriath.
S am binan tosd an cinne-daonn
Ag iarraidh toirt am plaosgaibh faoin?

Tha boladh cùbhraidh nan ùr ròs,
Gach blàth as bòidhche agus lus,
Atairgseadh ìobairt agus tùis
Don a dhùisg iad suas on dus.
S am binan tosd an cinne-daonn
Ag iarraidh toirt am plaosgaibh faoin?

Tha eòin na h-ealtainn air gach tom
Tha torman tróm leum-uisgnam beann,
Tha magh is frìththa samh nan tonn
Aseinn le fonnS Tus Tighearn ann;”
S am binan tosd an cinne-daonn
Ag iarraidh toirt am plaosgaibh faoin?

Ach chaneil dadum cosmhuil riut
Ameasg na chruthaich Thu gu léir,
Is chaneil no neach no cainnt,
A labhras tainm ach tfhocal féin:
So far am faigh thu moladh saor,
Ged bhiodhnan tosd an cinne-daonn’!

An Dara Mìos, 1836

AN GAEL ANNS A’ BHAILE.

title3
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text4
<< please select a word
<< please select a page