A Theachdair ùir,
Chaidh na rannan a leanas a chur r’a chèile le caraid dìleas ann an Siorrachd Pheairt, ’nuair a chual’ e gu’n do sguir an seann Teachdaire. Chaidh beagan a chur riutha o’n àm sin; agus ma chì sibh iomchuidh am foillseachadh cuiridh sibh comain air ’ur seirbhiseach ùmhal,
DUNOLLA.
CUMHADH AN T-SEANN TEACHDAIRE.
’S mi ’m shìneadh air m’ uilinn,
’S mi sgìth ’cur ri tuireadh,
’S e aobhar mo mhulaid
Thu dh’ fhuireach le màirneal.
O nach tigeadh tu ’Theachdaire Ghà’laich!
Gu’m b’ fhearr leam gu’n tigeadh tu ’Theachdaire Ghà’laich.
’N deach ort a’ ghlas-charbaid?
No’n d’ fhàs thu a’d bhalbhan?
Có ’chreideas gu’n d’ fhalbh thu
Le earchall san t-sàmh-thra.
O nach tigeadh tu, &c.
Cha ’n e ’n dù-ghalar earraich
Chuir as duit co ealamh,
’S tu air seasamh na gaillinn
’S air aiseag a’ Mhàigh oirnn.
O nach tigeadh, &c.
’Niad luchd an ath-leasachaidh
’Theann ris a’ chleasachd,
Thug stràchd dhuit a leth-taobh
Chuir as duit co tràthail.
O nach tigeadh, &c.
O Cheann-loch Chille-Ciarain
Gu Irt nan eun fiadhaich,
Tha ionndrain gun chiall ort
Am bliadhn’ aig na Gàidheil.
O nach tigeadh, &c.
Tha ’Mhorbhairn’ ’ga d’ thuireadh,
Tha Cola ro dhuilich,
Tirie fo mhulad,
A’s Muile dhe cràiteach.
O nach tigeadh, &c.
Tha Lochabar nan gaisgeach
’Ga d’ ionndrain làn airsneil,
Liosmór a’s an Apuinn,
Sìos Lathurn’ ’s Mucàrna.
O nach tigeadh, &c.
Tha Raineach a’s Athull
’S dà thaobh Locha-Tatha
A’s sinn’ air na sraithibh
Air iomall nan ard-bheann
A’ caoidh nach tigeadh, &c.
Ged tha ’n saoghal le iomairt
A’ teannadh mo mhinid,
B’ fhearr leam na ’n t-sèa-sgillinn
Thu ’thighinn do m’ fhàrdoich.
O nach tigeadh, &c.
Ach fhuair mi sgeul fìrinn
O mhinisteir sgìreachd,
Thug aiteas do m’ inntinn
’S chuir cîocras air fàrsan;
A’ cluinntinn gu’n tig thu, &c.
Gu’n robh Fionnladh da rìreadh
A’ gleusadh na pîoba
’S gu’m faic sinn gu cìnnteach
San tìr e le Pàdruig.
O nuair thig thu oirnn ’Theachdaire Ghà’laich,
Gur ait leinn ’nuair thig thu oirnn ’Theachdaire Ghà’laich!
title | 4 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 4 |