[83]

DO M’ LEANNAN.

Air fonn— “Ochòin mar thà mi”, &c.

Gur truagh nach bard mi len cleachdadh dânachd,
S gun dcanainn mànran a chur fo luaidh
Air ainnir àluinn nan gorm-shul nàrach,
A rinn mo thàladh le gràdh gach uair
Gun leòn thu ceudan le bòidhchead teudainn;
S gu bheil mi féin ann ad dhéigh gu truagh;
Air feadh Chintìre air h-uile nìonaig
An uaisle ìnntinn, gur ì bheir buaidh.


[84]

A rùin nan gruagach gur h-iomad uaisle
Thasnàmh gun bhruaillean adèudann sàimh;
Tha tuigses eòlas tha gliocas fòghluim
Agabhail còmhnuidh ad chòir do ghnà;
Gur seirce caoimhneil thu beusach maighdeannail,
Sùil mar dhaoiman asoillseadh gràidh;
Beul binn nan òran on grinn thig còmhradh;
Gun spìd gun spòrs gun mhiadmhòr gun tàir.

Mim shuidhem ònar gu tùrsach brònach.
Mo chridhe leòinte gun seòl air léigh,
Gach neach a chì mi gun tuigsair minntinn;
Adeanamh dìmeas air strìgh mo chléibh;
Gun dean mi gàire le cridhe cràiteach,
Mar dhuilleig bhàite air fàs-loch céin;
S cha chluinnear ceòl uam a Luan no Dhòmhnach,
Ach osna bhrònachs na deòirna déigh.

Mar chraobhan gàradh gun mheas gun bhlàth mi,
Mar long air sàile gun ràmh gun seòl;
Mar neach air fhàgail am meadhon fàsaich,
Gun tigh gun làrach gun àird gun dòigh;
Mar bhothan-àiridh gun neachga àiteach
Mar reull gun deàrsadhs i bàiten neòil.
Mar ghrian gun bhlàs mi, mar sgor gun sgà mi;
Mar uan gun mhàthairs gun chàchna chòir.

Chan e do stòras a rinn mo leònadh
Chan e do bhòidhchead a rinn mo chlaoidh,
Achse do nàdurs do bheusan blàth-chridheach,
Dhfhàg fo phràmh mi a s a dhoidhch’;
Gur h-ioma gruagach co àrdan uaisle
Co deas co snuadhor mun cuairt an fhuinn,
Nach cuireadh suarach an tairgse fhuair thu,
Mo làmh gun smuaireans mo luaidh a chaoidh.

OSAG.

title5
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text4
<< please select a word
<< please select a page