[89]

CLIÙ AGUS URRAM A’ BHAIRD-BHRIC.

Fhir mo Chridhe,

Mureil naigheachd agaibhse tha naigheachd agam féin, agus gheibh sibhse; —oir is fîor an gnàth-fhocal thag ràdh, “An làmh a bheirs ìgheibh.” —THAM BARD BREACAN TROM GHAOL! Theagamh nach meas sibhsen naigheachd so airidh air a chur am beul an Teachdaire, achnuair a ghabhas sibh beagan eòlais air cliù aBhaird-Bhric agus air an dòigh chaithe-beatha bha aige gus a nis, is dòcha gum mùth sibh beachdBham Bard Breac, ma , leth-cheud bliadhnana mhaol-ciaran aonarach a chòmhnuidh ann am bothan beag duaichni anns nach earbadh Donnachadh Bán-nan-òran gadhar car oidhche shamhraidhAnns an ionad-tuinidh ùdlaidh tholldaich so ghleus e a chlàrsach ioma-theudach ach cha dfhàilticheadhfhardach riamh le bilibh mnatha. —Dhfhàs a ghruag liath— ’aodann preasacha ghlùinean gliogaideacha shròn biorach,— ’s a shùilean prabach; agus, mo thruaighe! dhfhàsinntinn baoth agus ro-ghòrachRoimhe so dhfheudadh sibh fhaicinuna lùbairneach dubh fad-chasach ableothan a mhairt, —aglanadh abhuntàta, —no sguabadh an tighe; agussi bu chruit-chiùil da bhisior-chàineadh nam ban. —Nan deanamaid ach dhiu ainmeachadh theicheadh e amhuil a theicheas an t-each roin chlach-bholg; nan cluinneadh e dithis a bhi dol a phòsadh, thionndadh e a shùilean ris na speuran, agus le tróm-osna theireadh e, “na truaghain gun tùr!” Dhoilltich a chridhe roighuth caileige, agus chuireadh sealladh do chir-chruim abhuidheach air. —Chaidh e turus do Dhun-éideann, agus dhiarr do ghuanagan nu sràide dram air, agus theab e a pronnadh le cuilbhear do bhata daraich a bhana làimh; —air achds gun chuireadh e don tigh sin ris an canar am Police Office; ach an sin bha e làn-thoilichte do bhrìgh nach fhace gnùis boirionnaich ann. —Thug mise céilidh dha oidhche, a réir gnàthachadh cairdeil luchd-àiteachaidh nan garbh-chrioch, ach ma thug deanam a rithist e! Mar thòisich sinn air naigheachdan a ghabhail agus a labhairt dhfharraid e dhiom ciod en sealladh bu bhriagha chunnaic mi riamh? —Mar bhan tubaist an dàn dòmhsa, fhreagair mi gur iBhan-Iarla-Chatach sgeadaichte ann an earradh


[90] ghearr Ghàidhealach sealladh bu taitniche chunnaic mi riamh.— “Abhan-Iarla-Chatach!” arsam Bards e cur a mheòirna chluasan chum nach cluinneadh e tuille,— “Seadh,” arsa mise, “chunnaic mi iam breacan-an-fhéile aig caisteal Dhunrobain.” “chunnaic,” arsam bards ecur aodann achoilich- ’Fhrangaich air— “chunnaics nan robh mise cho teann oirre leis achlobha sos a bha aingeal achlaidheimh lasaraich air Eubha bhiodh cuimhnaicair fhads bu bheò i.” Bhuail en sin an clobhasan teine le neart co uamhasachs gun do chuir eghriosachna caoiribh ruadha mach air an fhàirleus! Thòisich en sin air ar seanmhair, Eubha; lean e mach as aghàradh i gu tìr Nod; agus smàd agus chàin e gach bean agus nighean bha riamh air an t-saoghal gu ruig Marsaili ghòrach. —Chuale seachduin an déigh sin gun do dhanns mise rìleadh-thulachain air oidhche-shamhna ann an Tigh-an-rughaach ma chuala, ’fhir mo ghràidh, bha en ath-la aig taobh mo leapach agus throd a rium co sgaiteachs gun shaoil leam gun dùisgeadh anail a bheòil tonnan air loch-lìbhunn!

Achchan eil carraig air nach caochail sruth.” Tha e nis ann am fiabhrus aghaoil. —Shocraich am fleasgach so airn do dhóirt leth-cheud bliadhna nuas an siantan, ’aigne air maoth-chaileig nach do dhìrich uchdaich na fichead! Leadh gathan blàth a sùl na turraidean reothaidh a bhacruinneachadh muchridhe làithean a bheathaChì sibh e nis e ataomadh a mach a dhosguinn ris aghealaich san oidhche; —anns an latha feudar fhaicinn a sràidimeachd gu spealparra lead air dara taobh a chinn, agus a léine leth-oirleach os-ceann a chluas. —Ghabh Donull aphùnndair en riochd maighichen , air dha bhina shìneadh aig cùl tuim abeachdachadh air còmhnuidh a leannain. —Ach innsidh a dhàn féin an gaol a thug e don rìbhinn dan ainm

title7
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text4
<< please select a word
<< please select a page