[91]

MO CHÓT’ UR.

CHA robh mi riamh co iomagumeachs a bha mi air an latha chuir mi orm mo chótùr. Bha amhi-fhoisneachd so air a meudachadh leis an fhiuthair a bhagam gum bithinn anabharrach aighearach. Chuir mi orm mo chótùr an déigh àm-braiceis; fhreagair e gu ciatach agus cha biongantach sin oir than tàilleir ag ìnnseadh dhomh gu bheil mo phearsa fìor eireachdail. Bha mi aleughadh leabhair anns an robh eachdraidh air baintighearn òig eireachdail a thainig tre ioma cruaidh-chas, agus bha mo chridhe ag at agus air a lìonadh le truacantasna h-aobhar, ach co luaths a chuir mi orm mo chótùr cha burrainn mi minntinn a shocrachadh oirre-se no ni air bith eile ach sràidimachd ann an sràid-aPhrionnsa. Phutanaich mi mo mo chòtùr, oir tha feallsairean acomhairleachadh dhuinn aodach ùr a ghnàthachadh mar so car treis, chum gun faigheadh e suidheachadh teann dluigheil ris achorpair an aobhar sin phutanaich mi e, agus


[92] thàr mi as. Chroisg mi Sràid-Sheòruis, agus air leam gun robh mòran tuille bhaintighearnan aig na h-uinneagan na bàbhaist a bhi ann. Bha mi coma, bha fhiosam gun robh mo chòta air a dheanamh ann an àirden fhasain, agus le sin thuirt mi rium féinsealladh iadsan ma shanntaicheas iad!” Ach chuir mi romham nach faingheadh duine sam bith air mo choiseachd no air mo ghiùlan gu robh mi mór as achòta. Uime sin choisich mi gu saor fuasgailte agus chan eagal nach faiceadh duine tuigseach sam bith gu robh mi caoimhneil ann am nàdur agus iriosal ann am ghiùlan air fad. Cha do chuir mi mo nèapaiginn shìoda ìnnseanach ann am bhroilleach, oir mhoththuich mi gum biad aona chuid peasain no feaghain air an robh cótaichean a bha air caitheamh mun bhroilleach a chleachd sin a dheanamh; chuir mise mo nèapaiginn ann am pòca mo chóta agus leig mi le cirb bhig dhi crochadh a machgun fhios domh. Bha miga toirt a mach an dràsds a rithist, achnuair a chuir mi air a h-ais i bha daonnan cearb bheag afuireach a mach. Aig oisionn sràid-a’ -chaisteil chuir na carbadairean agus na fir-eallacha an làmhan ran adaichean, agus sheall da shearbhanta eireachdail a bhanan seasamh aig dorus tigh-mhóiram dhéigh gus an robh mi as an t-sealladh. Air dhomh dol beagan na bfhaide air maghaidh dhfharraid triùir no cheathrar dhiom an robh carbad a dhìth orm? ach ged nach do mhì-thaitinn so rium fhreagair mi, nach robhair dhòigh co uasal agus co modhail agus nach burrainn iad gun a smuainteachadh gum bu mhath an airidh mi air achóta eireachdail a bha micaitheamh. ’Nuair bha mi goirid o bhùth Mhr. ’Ic Dhiarmaid thainig fear crìon leibideach, agus dhfharraid e dhiom, ann an cagar, an robh sean aodach agam ra reic. Fhreagair mi gu frionasach nach robh, oir shaoil mi gur ann a bha efochaid air mo chóta; ach chuimhnich mirithist gur ann ri daoin’ -uaisle agus feaghain air am bi aodach ùr as trice leò so bruidhinn, agus bha duilichinn orm gun do labhair mi cho garg ris. Gu ruig a so cha do thachair móran a chur frionais orm, ach direachnuair thionndaidh mi oisionn sràid-Hanóbhar shuath fear-eiginn air an robh coltas geal e féin ri muinchille deis mo chóta agus dhfhàg e làn mine. ’S fuineadair a bha san t-sloightire ann-dàna so, agus ghluais e air aghaidh mar nach biodh cron sam bith iar tachairt. Mar bham fortan fàbharach dhòmh-sa bha gille duin’ -uasail goirid uam agus air faicinn mo thrioblaid, bhuail e gu ro fhaicilleach agus rub en cóta gus na chuir e ceart e, agus fhuair mise faochadh on bhriste-cridhe thug an tubaist so orm; ach chuir mi romhan nan tachradh am uile-bheist fhuineadair am feasda tuillidh orm gum fàgainn a chorp brùideil cho bog ris an taois a bhan trusdar acleachdadh a bhig oibreachadh!

Mu dheireadh ràinig mi Sràid-aPhrionnsa. Bhaghrian aboillsgeadh gu h-àillidhbha sluagh an t-saoghail uilemuigh, ach chan fhaca mi aon air an robh cóta co ùr ri mfhear-saagus mhothuich mi le mór-thaitneachd an ceannas a bhagam thar chàch. Cha burrainn domh gun fhaicinn gun robh na h-uile aon agabhail beachd orm, agus O! a liughad sùil dhubh agus ghorm a thilg an gathan soillse ormsa leis an tlachd bu chomharraichte agus a bhagoid


[93] mo chridhe air gach ceum mar chaidh mi air maghaidh. Mu choinneamh bùth Bhlackwood chuir duin’ -uasal air an robh cóta gorm agus speuclairean uaine, stad orm agus dhinnis e dhomh anns achànain Fhrangaich gur fògarrach Spàindeach a bhannro bhochd agus ri mhi-shona, agus do bhrìgh gun deach ìnnseadh dha gun robh mise comharraichte thaobh caoimhneis agus tabhartachd, cha robh teagamh aige nach deanainn beagan cuideachaidh ris. Bha so a leth-char taitneach leam; ach cha burrainn mithuigsinn gu ro shoilleir ciamar a fhuair emach gun robh mi sònruichte airson dhéircean, oir seachain aon sgillinn a thilg mi thar an uinneig do ghiullan a bhasgròbail gu sgreataidh air fidhill oillteil, dìreachnuair bha mibrath tuiteam am chodal an déigh àm-dinnearach, tha mi cho cinnteachs a tha mi beò nach dthug mi peighinn seachad air an dòigh sin o chionn naoi mìosan. Ach chuir fògarrach Spàindeach nan speuclairean uaine mòran urraim orm leis mar shònruich emach mi a roghainn air na bhair an t-sràid, agus cha burrainn mi air sgàth nàire bu lugha na leth-chrun a thoirt . Thug e mòran buidheachais domh, agus dhfhalbh mi dhionnsuidh monadh aChalton. Goirid o thigh-òsd Waterloo shéid aghaoth mòran duis ormach bha do ghliocas agam na chum orm gun ghearan; ach thuig min ùine ghoirid gun robh tubaistean bu mhiosa na soan dàn domh. ’An déigh dhomh mullach abhruthaich a ruigheachd dhfhàs an iarmailt gruamach dorcha, agus mhothuich mi boinnealaich uisge ge nach robh e ach ainneamhbha efàs a chuid, a chuid na bu truime, agus mum burrainn mi smuainteachadh dheanainn no cean a reachainn, thainig an t-aon fhras uisge bu gbailbhiche chunnaic duine riabh agus tairneanachs tein’ -adhairna cois. Sheall mi air mo chótùr, agus thainig seorsa breislich ormmu dheireadh thàr mi as aruith le muile luas a sìos am bruthach agus cinnteach gu leòir bu shuarach an coimeas ri so aon oidhirp a thug mise riamh roimhe sin air ruith. ’S ann a bha mi coltach ri duinair achuthach, agus tha mi glé chinnteach gun do chaill mi mo riasan car tamuill. Bham bruthach cas, agus sleamhain leis an uisge, agus ged fhuair mi droch leagadhs gann a chuir e grabadh air bith orm; ach a dhaindeoin na burrainn muile oidhirpean a dheanamh bha mi fliuch gu ruig an craicioun! —mo chótùr cho fliuchs a burrainn uisgedheanamh acheud latha bha e orm! Theab mi teannadh ri caoineadh, ach bha miarguin-sa tuilles cudthromach gu faothachadh fhaotainn air dhòigh co faoin. Nuair a ràinig mi Sràid-a’ -Phrionnsa cha robh carbad ra fhaicinn. Dhfhaodainn dol a stigh do thigh-òsd, ach bfheairde mi sin, bha mi cho fliuchs a burrainn domh bhithug mi dhachaidh orm cho luaths a burradh mi, ach tha mi fiosrach gun robh miann an inbhe mhór as mo bheachdair an latha so féin bha mi ri dol a mach thun mo dhinnearach le mchòtùr, ach a nis, mo chreach! cha burrainn mi gun fhaicinn nach biodh am feasda tuille coltas ùr air! Chuir mi mo làmh ann am phòca, gun suim ciod a bha mi 'deanamh, a thoirt a mach mo nèapaiginn shìodacha robh i ann! Ghrad smaointich mi gum bem fògarach Spàindeach air an robh na speuclairean uaine agus dan dthug min leth-chrun, a ghoid
[94] i. Thilg mi dhiom mo chóta mi-fhortanach agus chuir mi don chidsin e ga thiormachadhtha mo bhana-chòcairena boirionnach math, ach tha i tuilles reamhar. Shuidh mi am aonar ameòraich air faoineachd uile-dhòchais shaoghalta mhic an duine, agus bha mi air leantuinn air an t-slighe-inntinn so greis mhór, agus an impis tuiteam am chodal, nuair a dhfhairich mi boladh mar gum biodh ceann caorachga dhathadh. Air amhionaid dhaithnich mi mar bhàleum mi don chidsinbhabhana-chòcairena suain chadail, agus mo chòta air cùl cathrach ris an teine, smùid de a thacadh ceard agus seòrsa lasrach as achuid a bairde, agus dusan toll annthug mi leum a nùnn a bhualadh na bana-chòcaire ach gu fortanach thuit mi thar tuba-nigheadaireachd a bha san rathad, agus theich am boirionnach bochd as achidsin. Air an ath mhionaid bhuail aon-eiginn aig an dorus, agus be so an tàilleir, a thainig a dhfharraid ciamar bha mo chótafreagairt!! Nam biodh agam dag air an àm so chan eil teagamh nach cuirinn crìoch an dara cuid orm féin no air an tàilleirmar a bhà thilg min dorusna aodann agusthuit mi ann am phaiseanadh.

Dun-éideann, an dara mìos, 1836.

title9
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text4
<< please select a word
<< please select a page