[97]

AN TEACHDAIRE ÙR GÀIDHEALACH.

TREAS MÌOS AN EARRAICH.

V. AIREAMH.

ISMAEL ANN AM FÀSACH BHEER-SEBA.

Gin. xxi.

S MOCH a thòisich deuchainn agus àmhghar Ismaeil. Chuireadh air falbh e o thighathar le beagan arain agus searrag uisge Dhimich e féin agus a mhàthair, Hagar, agus chaidh iad air seacharan ann am fàsach Bheer-sébachaith an t-uisge on t-searraig, agus thilg i an leanabh fo phreasdhfhalbh i féin agus shuidh e fa chomhair astar beag uaithe mu thuaiream urchuir saighde, oir thubhairt i, Na faiceam bàs an leinibh. Shuidh i mar so fa chomhair agus thog i suas a guth agus ghuil i.

s urrainn an eachdraidh so a leughadh gun mhothachadh do chaomhalachd Hagair, a gràdh da mac, agus uamhas oillteil nan dùthchannan fàsail sin far am bheil uisge cho gann, agus an coisichen cunnart bàsachadh le tart air a thurus. Tha sinne cho cleachdte ri taisealachd agus aimsir fhliuch, tha uisge co soirbh fhaotainn anns na cearna sona sos nacheil beachd againn air tiormachd nan dùthchannan seargte loisgeach sin. Tha na beanntan againne air an sgeadachach co àillidh le feur gorm, no leis an fhraoch bhadanach dhearg, an tìr uile co ùrar uaine lusrach fheurachs gu bheil e duilich a thoirt oirnn a thuigsinn an cor eagalach oillteil anns am bheil daoine air uairibhs na cearna sin air an càramh.

S iomchuidh dhuinn fios a bhi againn air so, air neo cha tuig sinn seadh agus chan fhaic sinn maise na cainnt sin a tha air a cleachdadhs na Scriobtuire naomha mu ghoinne uisge, agus mu na samhluidhean tha air an tarruing o thobraichibh uisge tha Dia agealltainn fhosgladh san fhàsach da phobull féin.

Tha fàsach Bheer-seba air taobh na h-airde tuath don Mhuir-Ruaidhaona mhachair ghainmhich nach urrainnear a choiseachd o thaobh gu taobh ann an ùines giorra na fhichead latha, agus tha amhachair fharsuing so co fàsail, ànrach, chianails gun saoileadh neach gun robh e air a dhìteadh le Dia fo mhallachd sònruichte. Troimh fhad agus troimh leud na machrach so chan eil uiread aona bhileag fheòiraona phreas no lus, ach theagamh corra phreas beag leth sheargte den Tamarind agus seorsa de shuth-craoibh àraidh ris an abair iad Acacia a chithear ann an còsan nan creag atarruing a bheatha o dhrùchd na h-oidhche; agus guth aona chreutair beò chan


[98] eil ra éisdeachd air feadh na tìre so uiletha Nādur mar gum bann marbhtham fear-turuis agabhail air aghaidh o latha gu lathaan dòchas gun coinnich aon tòm no tulach uainair, gun ruig e fasgadh no tobar, no baile-còmhnuidh, far an éisd e a rithist ri guth dhaoineach tha a dhòchas faointha esiubhals asiubhal, ach sealladh chan eil e afaicinn ach creagan fiadhaich agus gainmheach fhàsail gun deireadh gun chrìochaghrianga losgadh os a cheann agus aghainmheach mar éibhle beò fa chasangun taisealachd air a dheas laimh no air a laimh chlì, fodha no os a cheann, ach am boinne falluis thasruthadh o mhalaibh. Chan eil na tobair uisge ach ainneamh anns an fhàsach so; ’am bitheantas tha iad mu thimchioll astar ochd làithean o chéile, agus a bharrachd air so tha e cho doirbh amas orra san dìthreabh oillteil so; agus gu tricnuair a ruigear iad gheibhear iad air an tacadh suas le gainmhich, agus air uairibh eile co lān de phronnusgs de shalunns nach urrainnear an t-uisge òl. ’Nuair thachras so chan eil e comasach cor eagalach an luchd-turuis thruaigh a chur an céillthan tart do-fhulangan craicionn afàs tioram seargtena sùilean mar mhìll theine sacheannan teanga air atan duinefàs bodhar agus dallcomas labhairtga fhàgaila sgornan uile air iongrachadhs air atgun chomas smugaid a shlugadh ged robh smugaid ann, gus mu dheireadh am bheil an duine truagh atuiteam air an làr no acàradh a chinn mar rinn Ismael, fo fhasgadh pris gus an tilg e an deò. ’S minic a thug luchd-turuis cóig ceud dolar airgid do dh-Arab airson aon deoch uisges iad mar so air an claoidhach am bitheantas chan eil deur ra fhaotainn, agus uile òr nan Innsean cha cheannchadh aona bhoinne. ’S beag fios tha againneliughad beannachadh a tha sinn asealbhachadh o Dhia anns na cearna sona so! Is suarach leinn uisgen fhuarain, co prìseils a tha air aghaidh an t-saoghail. ’S ioma sgeul tùrsach cianail a dhfhaodamaid ìnnseadh mu luchd-turuis a bhàsaich san tìr thruagh sofòghnaidh an t-aon a leanastha sinnga thabhairt focal air an fhocal mar tha e air a chur a mach le fear-turuis ainmeil, anns am faodar làn chreideas a chàradh.

Bha marsanta mór Turcach a bha ri malairt ann an tràillean, ’s e sin aceannach agus acreic a cho-chreutairean féin, agus leis amhalairt mhì-nàdurra pheacaich so acàrnadh a suas stòrais da féin. Chan ioghnadh ge nach robh beannachdna chois. Dhfhàg e a dhùthaich féin le cheud òigh, caileagan àillidh mu thuaiream chóig-bliadhn deug a dh-aois, leis an robh e air a thurus do Bhagdad chum an reic. Cheannaich e iad sonuair bha iad òg, ’nam pàisdean, agus bheathaich agus thog e iad gus an robh iad deas airson amhargaidh, ceart mar a nitear san dùthaich so air crodh as caoirich. Bha e nis air a thurus leotha tren fhàsach, ceud càmhal aigeg an giùlan agus dusan caillteanach aige mar òglaich afeitheamh orra. Thug e leis nis leòir uisge mar a shaoil e, do bhrìgh gun robh fiughair aige tuillidh fhaotainn aig tobar a bha roimhe, achnuair a ràinig iad an tobar sin bha e tràighte tioram, gun aona bhoinne ann. ’Nuair a choinnich am fear-turuis tha ag ìnnseadh an sgeòil so iad, tha eg ràdh gum be an t-aon sealladh a beagalaiche chunnaie no chuale riamh. Bham marsanta


[99] Turcach aruith air aiss air aghart mar neach as a bheachd aguls aglaodhaich; bha cheud òigh cho àillidhs a chunnaic e riamhnan sîneadh air an làr air an claoidh, gun chomas éiridh, agus abàsachadh le tart. Chaochail cuid diubh, ach mhothuich e le plosgadh na h-analach agus le guidhe cianail na sùl ged nach robh comas labhairt aca, gun robh cuid diubh fhathasd beò, ach bha iad co claoidhte, fhann, agus ged a bhiodh cuinneag uisge mar throidh dhoibh nach burrainn doibh éiridh ga ionnsuidh. Bhan t-aona ghearan bu tiamhaidhs bu mhuladaiche, an aona ghaoir a beagalaiche chuale riamh ag éiridh on bhuidhinn thruaigh. Chunnaic e aona chreutair air a glùinibha sùilean ris an speura làimh paisgte air a h-uchda falt fada buidhena chuaileanan dreachmhor ma muineal, agus i uile gu léir co àillidh, neo-chiontachna coltas ri aona chaileig a chunnaic e riamh. Ghuidh i aona bhoinne uisgeghlac am fear-turuis an t-searrag uisge bha crochte ra ghuaillibh agus bha edol a dhórtadh aona bhraon beag air a teangaidh, ach an t-Arab a bha mar fhear-iùil aca, ruith estigh gu dian eadar es achaileag thruagh agus spìon en t-searrag álaimh! “Amadain gun tùr!” arsesan, “am bàill leat sinne bhi mar tha ise? ’s bàs ann am prioba na sùl dhuitse no do dh-aon eiledhealaicheas ri aona bhoinne den uisge thagainn!” Cha robh comas airbèiginn an òigh àillidh fhàgailthug i aon sgriach fhann thùrsach agus thuit i air a h-aghaidh saghainmhich loisgich. Phill an t-Arabna dhéigh sin agus togar leis air a chàmhal a h-aon de na h-òighean truagha sinthug e deoch dhi agus ghiùlain e dhachaidh i, agus thug e da mhnaoi i mar bhanòglaich.

Nach prìseil gealladh Dhé da phobull féin an àm teinn agus tart? O! ’s mòr a ta fillte steach ann.

Seadh ni mi anns an fhàsach slighe, agus aimhnichean anns an dìthreabh.” Isa. 43. 19, 20.

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text5
<< please select a word
<< please select a page