“LEATHAN RI LEATHAN A’S CAOL RI CAOL.”
GHEALL sinn anns an Teachdaire mu dheireadh gu’n tugamaid oidhirp air an riaghailt-sgrìobhaidh Ghàidhealaich so a mhìneachadh.
Cha’n fhiosrach sinn gu’n do sgrìobh duine sam bith leabhar-taibse Gàilig gun iomradh thoirt air an riaghailt-sgrìobhaidh so; ach tha na h-iomraidhean sin co aithghearr agus a’ toirt cho beag toileachaidh do dh-aon leis am bu mhiann fios fhaotainn mu chion-fàth na riaghailt so o thoiseach, no c’ arson a chuireadh air chois i, agus gu bheil e a’ dùsgadh amharuis nach d’amais iad idir air fìor sheadh na riaghailt. Fòghlumte, eòlach, glic mar is cinnteach a tha iad, cha ’n urrainn mi gun a smuainteachadh gur h-iongantach iad a ràdhainn cho beag uime so, agus gur h-ann a tha iad a’ diomoladh agus, a leth-char a’ fochaid air an riaghailt so, a ta, a réir mo bheachd-sa, ni’s luachmhoire na aon riaghailt eile a bhuineas do sgrìobhadh na Gàilig; ged tha sinn ’ga faicinn air a gnàthachadh ann an iomadh àite far nach ’eil math air bith innte.
Do réir mo bheachd-sa matà ’s e ’s feum do’n riaghailt so gu bheil i a’ comharrachadh a mach agus a’ cur os-ceann teagaimh doigh-labhairt nan litrichean comh-fhoghair (consonants) C. D. G. L. N. R. S. T. agus CH agus GH, nuair a chithear aon diu ann am meadhon focail. Tha fios againn uile gu bheil dà dhòigh air an labhrar na litrichean so: a h-aon diu leathan no garbh, agus an dòigh eile caol no mìn, agus gur iad na litrichean foghair no gutha (vowels) a, e, i, o, u, a ta a’ riaghladh na labhairt so, a réir ’s mar a thachras litir ghutha chaol no gharbh, a bhi an taice ris a’ chomh-fhoghar—oir ged tha ainmeannan againn air na litrichean comh-fhoghair cha ’n urrainnear an labhairt le seadh sam bith gun chòmhnadh nan litrichean gutha. De na litrichean gutha so tha e agus i air an meas caol agus a, o, u, garbh no leathan. Nuair a chithear aon de na litrichean comh-fhoghair (consonants) roi’ -ainmichte air a càramh eadar dà litir fhoghair gharbha, tha so a’ comharachadh a mach gur còir an dòigh-labhairt a bhi leathan no garbh. Air an dòigh cheudna nam faicteadh a’ cheart litir sin eadar dà litir fhoghair chaola bhiodhmaid air ar stiùradh chum labhairt chaol no mhìn; ach nam biodh foghar caol air an dara taobh dhi agus foghar leathan air an taobh eile, dh’ fhaodadh an leughadair a bhi fo imcheist cia dhiù ’s ann caol no garbh bu chòir do’n labhairt a bhi. Mar so: mar tha briseas, briseadh, brisear, an dràst air an sgrìobhadh chì sinn gu bheil an comh-fhoghar, s, air a suidheachadh eadar dà fhoghar chaola, i agus e, agus tha so a’ seôladh dhuinn, s, a labhairt caol no mìn; ach nan sgrìobhteadh iad gun suim do’n riaghailt, brisas, brisadh, brisar cha b’urrainn a’ chuid bu lìonmhoire de leughadairean, aig am bheil tuille r’a dheanamh na ’bhi daonnan a’ rùrach leabhraichean, a thuigsinn cia dhiù ’s ann caol no leathan a labhradh iad s. Nan sgrìobhteadh bioran gun suim do’n riaghailt, biran, cha b’ urrainnear a thuigsinn cia dhiù ’s ann mìn no garbh bu chòir r a labhairt—agus mar so sìos ann an iomad mìle focal eile.
Cha’n eil teagamh nach gabhadh an dòigh-labhairt riaghladh air ioma seòl eile, gu h-àraidh am measg
Ach tha ceithir litrichean eile ann a tha tur os ceann cumhachd na riaghailt so, ’s iad so B, F, M, P, agus bh, fh, mh, ph. Cha ruig sinn a leas mìneacheadh a thairgseadh umpa so, oir tha e soilleir nach ’eil e’ n comas nan litrichean foghair an dòigh-labhairt acasan atharrachadh ciod sam bith dòigh air an teid an suidheachadh no an càramh riutha. Gidheadh ged a bhà agus a thà a’ chùis mar so, bha luchd-sgrìobhaidh na Gàilig a’ càramh na riaghailt riutha so cho cùramach ’s a bha iad ris an t-seòrs’ eile; agus tha mi a’ meas so ’na dhearbhadh làidir nach deachaidh a’ chùis so riamh a mhìneachadh no a thuigsinn mar bu dligheach dhi air feadh na Gàidhealtachd.
’An àite, matà, a bhi ri sgeig no dimeas air an riaghailt luachmhoir so, ’s ann bu chòir, nam biodh a comasach fhaotainn a mach có ’chuir air chois i, carragh a thogail mar chuimhneachan air, ged a b’ ann air mullach Beinn-Nibheis.
M.
title | 10 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |