[120]

NAIGHEACHDAN.

S e naigheachd as mo air am bheil a dh-iomradh san m so, luchd na Pàrlamaid a bhig atharrachadh agus a riaghailteachadh nan cìsean, gu h-àraid mar a bhuineas iad do Phaipeirean-naigheachd, do bhannan sgrìobhte agus do dheanamh thairis fearainn agus thighean don luchd ceannaich. Bha san àm a chaidh seachad an sheòrsa mu dheireadh anabharrach tróm air gnothuichean cuimseach no beaga, agus anns acheart àm sin bha na gnothaichean móra afaotainn as gun phàigheadh idir a réir an luach. Chum so a dheanamh soilleir faodaidh sinn ainmeachadh gum bionann cìs a chuirteadh air reic mìr fearainn a bfhiach 4 mîle punnd Sasunnach agus a chuirteadh air luach da fhichead mìle! Tha iad a nis acur romhpa gum pàigh gach bargan den t-seòrsa so a réir a luach, c bhios e beag no mór, agus tha so air a shocrachadh air dhòighs nach dean e mùthadh sam bith do sporan mór na rìoghachd.

Mu dhéibhinn nam Paipeirean-naigheachd, ’se cìs a thorra air an àm so ceithir sgillean an t-aon, achan àm paigheidh than cóigeamh cuid de soga thoirt diu; ach tha iad a nis a los achìs ìsleachadh gu aon sgillinn air gach paipeir; air achuid as lughase so iomradh a thann air an àm so, ged nacheil e air a làn-shocrachadh fhathasd.

Tha fios aig ar luchd-dùthcha gu bheil comunn fo ùghdaras na Parlamaid, an dràst amion-rannsachadh gach cùis a bhuineas do na h-Eaglaisean. Tha iad air àm so ann an Glascho, ach o nach dfhuair iad fhathast an gnothuichean a thoirt gu crìch chan eil enar comas ni sam bith cinnteach, a ràdh mun déibhinn anns an àireamh so. A réir gach coltais cha mhisde Gàidheil abhaile so iad.

title13
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text5
<< please select a word
<< please select a page