[109]

EACHANN BÀN AGUS AM MINISTEIR.

CHAIDH Eachann Bàn gu ministeir àraidh a dhiarraidh teisteannais. Thuirt am ministeir ris nach buineadh e da sgìreachd-san, —nach robh eòlas aigair, agus uime sin nach burrainn e. Ach, arsesan tha mifaicinn gu bheil thu aosmhor, anfhann, agus, do réir coltais, bochd. Suidh beagan agus bheir mi dhuit teisteannas cho mhaths is urrainn domh le coinnseas glan. Ann an tiota thug e dha an teisteannas a leanas, agus is léur a bhlàth air Eachann on latha fhuair se e.

TEISTEANNAS EACHAINN BHAIN A MUILE.

FONNTharruing grian, Righ nam Planads nan reull, &c.

Tha Fear-iomchair aphaipeir so fann,
Mar is dhasan ams e cho sean,
Thrumaich aois air leh-iomadaibròn
Tha rithe fuaightes gun dòìgh air a chleith;
Tha na neòilan déigh iadhadh mun cuairt,
Chìnn an iarmailt ro ghruamach air fad,
Agus dhorchaicheadh lòchrain nam buadh
Gun leus soluis ach tuaileus fuidh smal.

Chaidh luchd-gleidhidh an tighe bho fheum
A chion spioraid as speuraid as lùth,
Dhfhàs na daoine bha spionntach gun chlì,
S iad acromadh a sìos chum na h-ùir;
Chaidh iad uile gu buileach bho stàth,
Seach mar chleachd as mar bhà iad o thùs,
Than luchd-bleith an déigh sgur on a dhfhàs,
Iad cho tearc as a chnàmh iad gun cùl.

Tha na h-uinneagan cruinne bfhearr dealbh,
Air fàs reódanach seana-bhileach, tuar,
S an luchd-seallaidh bu smearaile colg,
Air an iadhadh le dorchadas buan.
Tha na dorsan teann druidtanns gach sràid,
Agus fuaim na bleithghnà dol nis ìsl’,
Ni e clisgeadh a suas aig guth eòin,
S tha gach binneas as ceòl air bheag prìs.

Dhruid an t-àms am bi geilt roi àrd,
Thréig a chàileachd as dhfhàilnich an gniomh;
Tha gach uamhass an t-sligh’ ’na cheannfàth,
Aig an duine gu chàradh fuidh fhiamh,
Tha chraobh-àlmoin a nise fuidh bhlàth,
Anns aGheamhradhtim ânrach nan sion,
S an leumnach-uainena eallaich air fàs,
Nuair a chaochails a bhàsaich am miann.

A chionn geil an t-oilthireach truagh,
Atriall da dhachaidh ro bhuan air bheag dàil;
S an luchd-cumhaidhn àm sgaoileadh on uaigh,
Dolnam buidhnibh mun cuairt anns gach sràid;


[110]

Nuair a dhfhuasglar gu buileach an cord,
Luachmhor airgidgun seòl air a thàdh,
S nach bi feum ann an soire nis ,
Chum an dreuchd gusn do shònruicheadh è.

S e so staid as cor muladach truagh,
An fhir-thuruisnach cruaidh leibh mar thà?
Dhruid na bliadhnas an aidich echùis
Chaneil tlachd agam annta gu bràth,”
Achs e mheudaich a thruaighe gu léir,
A bhean mar uallachna dhéighs in droch shàlìnt
S ged is duilich gur h-éiginn da falbh,
S iadam freasdal ri oirchiosaibh chàich.

Cha ban-struidheas, cion teómachd, no leisg,
Fhads a shealbhaich e neart agus càìl,
Dhfhàg cho aimbeirteach bhochd e gun treòir,
Ach toil an Fhreasdails mar dhòrduicheadh dhà.
Bha e uairs cha robhm Muile gu feum,
Aon duine bu ghéires a bfhearr;
Ged is duilich a chòmhdachs an uairs’—
Teann air deireadh a chuairt as a làithn.

Fhir a leughas nochluinneas mo dhàn,
Bha Eachann mar thà thusan àm,
Thoir fanear gu faod thusair bheag dàil,
Mar tha esan an dràsd bhibochd fann.
Air an aobhar sin maothcheadh do chrìdh
S ma tha maoin agadsìn da do làmh;
Cha dean beaganthoirt uait de bonn beud,
Nuair thig aois ort as eucailean bàis.

T.

title5
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text5
<< please select a word
<< please select a page