GUTH O MHACTALLA.
A Theachdaire Ghaolaich.
Cha’n ’eil ag air bith nach ’eil “Eoghan-a’ -chaolaìs” am barail gu’n do mharbh e Mactalla: Nan deanadh aon duine e, cha’n ’eil teagamh air bith agam nach b’ -e ’n duìne sin Eóghan; oir, co ac’ is maìghstir-ceisteir, no fear-aisig e.
“ ’S gruamach a shealladh,
Fuidh shuaicheantas ballach”
Ach feudaidh gu’n cuir “thugaibh thugaibh, ob, òb!” clos air a’ Bhard-bhreac; ’s e slachdraìch nam buillean glòir Mhîctalla—Cosmhuil ri eilid Dhonnacha-Bhàin.
“ ’Nuaìr a shaoilear e ’bhi buailte
Sin an uaìr a’s airde leumas.”
’S e’s coìreach gu’n robh mì cho fada’m thosd gu’n robh mi sgrìob air m’ eòlas—chaidh mi stigh do’n chraig-mhóir ann an eilean Chola air feasgar ciùin ceud lá an earraich, agus a thiota cluinnear seann duine a’ gabhail an òrain a’ leanas domh.
O! ’ghuth nan guth a chòmhnuidh tà
Sa’ charraig fhàsail ûdlaidh fhuair!
An robh thu riamh de shliochd na mnà,
No có ’ni air do nâdur luaìdh?
San fheasgar cluinnear thu a’ seinn,
Le flath ’s le loinn, mar ghruagaich òig;
Phaisg eòin na doire ’n ribheid féin,
A’s dh’ aom a dh’ éìsdeachd guth do bheòil;
S a’ mhaduinn ’s tric a chluinnear thu
Mar tharbh a’ bùirich ’s stùic gu cath,
Am buachaill’ faic a mach le ’chù,
A’ gearradh shùrdag seach an srath.
A’ thiota’ cluìnnear thu mar mheann
’An ciabh nam beann ri miogad maoth,
’S a nìs mar bhó, ri langan teann,
Aig eadradh-anmoich, ’gairm a laoigh!
An dràst tha thu an impis sgàin’
A’ gàireachdaich le lachan garbh,
’S a nis a’ bas-bhualadh ’s a’ cràdh,
Mar mhàthair thlà ’s a ceud-ghin marbh.
Is minic feasgar bha mi sgìth,
’G ad ruagadh dian o chnoc gu cnoc;
’S co minic thug mi suas an strìgh,
Le dorran inntinn agus sprochd!
Thug mi uair leam ord nan clach
A chum do thalla ’bhristeadh suas,
Air a’ cheud ghleadhar, sud thu ’mach,
Is thugar tartar mìle uam!
Am maighdeann thu ’bha uair an gaol,
Air balach baoth, ’s a chuir riut cùl?
No’n d’ thug an stuadh an t-òigfhear caoin,
Mach thar an taobh, fa chòmh’r do shùl?
An spiorad math thu ’chaidh a mhort,
Mar Abel còir le cloich o thùs,
Tha ’g éigheach dìoghltais o na cnoic,
A theagamh air na mhortadh thu?
No’n deach’ do chur an sin le Dia,
A thogail fianuis latha-bhràth,
Air aintighearnas nam mìle Triath
A mharbh le fiar-bhreith, s le ard-mhàl?
O! ’ghuth nan guth a chòmhnuidh tà,
S a’ charraig fhàsail, ùdlaidh fhuair,
An robh thu riamh de shliochd na mnà?
No có ni air do nàdur luaidh?
MACTALLA.
Glascho, 1836.
title | 6 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |