SEAN EACHDRAIDH NA GAIDHEALTACHD.
CHA robh ’na linn féin (1390) duine ann an Gàidhealtachd na h-Alba co ainmeil ri Cailein-Mac- ’Illeaspa-Mhóir, ridire Loch-Odha agus ceann-feadhna gaisgeil nan Caimbeulach. Thugadh Cailein Iongantach mar fhrith-ainm air airson iomadh euchd iongantach a rinn e. Fhuair e fios aon uair gu’n robh a chairdean Clann O’Nèill na h-Eirionn a’ teachd a nall le mòran uaislean agus fhlaithean Eirionnach g’a amharc ’na chaisteal ann an Ionaraora. Cha robh an caisteal a bha san àm sin ann co stàtail eireachdail ’s bu mhath leis, agus chunnaic e gu’n cuireadh na flaithean Eirionnach costas mòr air. Chum so a sheachnadh chuir e teine ris a’ chaisteal agus loisg e gu làr e! Thâinig na cùirteirean Eirionnach ’nam birlinnean rìomhach, agus le anabharra de ghillean agus luchd-leanmhuinn—clàrsairean agus filidhean. Bha’n caisteal ’na làraich luim, ach bha bùithean móra air an uidheamachadh airson nan coigreach far an robh cuirm air a càramh mu’n coinneamh a chuir iongantas orra. Air dhoibh fuireach latha no dhà thog iad an siùil agus sheòl iad air an ais do dh-Eirinn. “Turus math leo,” arsa Cailein—“ ’s saoire dhòmhsa caisteal ùr a thogail na aoidheachd a thoirt doibh sud fad ràidhe.”
’S ann san linn so bha Domhnull-Mór nan Eileanan—aon duine a b’ uaibhriche bha riamh air Gàidhealtachd Alba. Bha Dòmhnull nan Eileanan mar rìgh. Rinn e cùmhnant ri rìgh Shasunn agus thilg e dheth ùghdaras rìgh na h-Alba. Bha déigh mhór aig Cailein iongantach fios cinnteach fhaottainn mu thimchioll lìonmhorachd
B’ ann do Chloinn-a’ -Bhiocair a bhuineadh Ionaraora mun d’ fhuair na Caimbeulaich e. Cheannaich na Caimbeulaich o Chloinn-a’ -Bhiocair uiread ’s a chuairticheadh iad le seiche leathraich. Ghèarr iad sìos an t-seiche ’na h-éill chaoil agus ghlac iad dhoibh féin uiread do’n fhearann ’s a b’ urradh dhoibh a chuairteachadh leis an éill so.
’S ann o so a dh’ éirich an fhàidheadaireachd mu oighreachd nan Cambeulach “Thàinig i ’na seiche, ach falbhaidh i ’na h-iallabh.”
title | 7 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |