NAIGHEACHD MU BHLIADHNA THEARLAICH.
’NUAIR a thug na Gàidheil an ionnsuidh fhoghainteach air maduinn latha Sliabh-Chlamhain, bha uchd-dhaighneach làidir air a ghlacadh leis na Camshronaich agus le Stiùbhartaich na h-Apunn. Bha Alastair Stiùbhart, tighearn Ion’arnahoighle san Apuinn, air thoiseach na cuideachd, agus thug e fa’near do dh-oifigeach de’n arm-dhearg ’na sheasamh le ’chlaidheamh rùisgte ’na làimh a’ dìon na chaidh earbsadh ris ged a theich a chompanaich, agus do réir coltais a’ cur roimhe a dhìon fhad’s a b’urrainn e. Dh’ iarr Ion’arnahoighl’ air strìochdadh, ach ’se freagradh a fhuair e, sàthadh d’a chlaidheamh, nì a chum e dheth le ’thargaid. Bha ’n Stiùbhartach ’na dhuine fìor fhoghainteach— ’na fhear-claidheimh anabharrach, agus air an ath bhuille bha claidheamh an oifiigich-dheirg a’ dannsadh san adhar fichead troidh os an ceann! Bha ’n t-oifigeach a nis a dh-easbhuidh airm-chatha agus bha muilleir Ion’arpholla, fear de luchd-leanmhuinn Ion’arnahoighle, a’ cur thairis na tuaidhe-catha chum a ghrad ghearradh a sìos, ’nuair a chuir e an ath impidh air an oifigeach strìochdadh, nì a b’ éiginn da a dheanamh, ged a bha esan cuideachd ’na dhuine calma foghainteach. Ghabh Ion’arnahoighle cùram d’a phearsa agus
An déigh cath Chuilfhodair, b’e dlighe Whiteford e féin a chur g’a dhùlan chum maitheanas fhaotainn do dh-fhear Ionarnahoighle. Ràinig e gach cumhachd a b’ àirde na cheile san rìoghachd, ach fhuair e do ghnà an éuradh, ag ràdh gu’n robh Ionarnahoighle air a shònruchadh a mach ro-chiontach. Mu dheireadh ràinig e Diùc Chumberland. Fhuair e an diùltadh uaithe-san mar an ceudna. Cha d’ iarr e an sin ach tèaruinteachd do thigh, do mhnaoi, do chloinn, agus do dh-oighreachd Ionarnahoighle. Dhiùlt an Diùc so mar an ceudna; agus air do’n Chòirneal a Chomision a tharruing as a bhroilleach, thilg e air a’ bhòrd e, ag radh, nach biodh e ni b’ fhaide ann an seirbhis rìgh do nach b’ aithne nàmhuid a strìochd a chaomhnadh. Dhrùigh a’ chainnt so co mór air an Diùc ’s gu’n do shil a dheòir. Dh’ àithn e do’n Chòirneal a chomision a thogail, agus dheònaich e dha an tèaruinteachd a dh’ asluich e co dùrachdach.
’S anns an àm a fhuaradh e; oir ’s gann a ràinig e’n dùthaich mun robh feum air, a chaomhnadh an tighe, a’ bharra, agus na spréidhe, a bh’ air gabhail umpa leis an arm dhearg. Bha àireamh dhiu air an socrachadh air fearann Ionarnahoighle, ni a chaomhain iad, am feadh a tharruing iad lom-sgrios air a’ choimhearsnachd; ’s bha iad ri sireachas teann orra-san a dh’ éirich san iomairt, agus gu sònruichte airson fir Ionarnahoighle. Bha e gu mòr ni bu dlùithe dhoibh na bha fiuthair aca; oir bha e ’m folach ann an uaimh, far an cluinneadh e na saighdearan a’ toirt seachad focal an airm d’an co’ -luchd faire. Bha a bhiadh air a thoirt g’a ionnsuidh le nighin da nach robh ach mu ochd bliadhn’ a dh-aois; oir bha gluasad bean-a’ -bhaile, agus a cuid seirbhiseach air am faire co mion, ’s nach feudadh i earbsadh ri aon neach eile. Le seòltachd fada thairis air a h-aois, bu gnà leis a’ chaileig cleasachd mu thimchioll nan saighdeirean, a bha ro chaoimhneil rithe, agus ghabhadh i a h-àm féin air dol gun fhios do dhoire dlù, far am bu gnà leatha an lòn fhàgail, chum gu’m faigheadh a h-athair e.
Chaith Fear Ionarnahoighle mòran aimsir san ionad sin, ged bha e air a leònadh gu tróm ann am blàr Chuilfhodair. Bha e ’an ceann ùin’ àraidh a’ dol còrr uair a chodal ’na thigh féin, a chionn gun d’ fhàg an t-arm am baile; ach air pilleadh dhoibh ro mhoch aon
Fhuair Fear Ionarnahoighle ’an déigh sin maitheanas, agus ghabh e gu follaiseach mu thàmh aig an tigh, gun neach gu carraid no campar a chur air.
Ead. P. M.
title | 8 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 5 |