MU RANNSACHADH NAN SGRIOBTUIREAN.
“Rannsaichibh na sgriobtuirean, oir a ta sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh anntasan, agus is iad sin a ta toirt fianuis mu m’ thimchioll.” Eoin. v. 39.
Ged tha fios aig gach neach aig a’ bheil a bheag sam bith de dh-èolas air a’ Bhìobull gu bheil sgriobtuirean an t-seann Tiomnaidh a’ toirt fianius mu thimchioll Chriosd, agus ’ga chomharrachadh a mach mar neach sònruichte a bha ri teachd chum saorsadh oibreachadh a mach airson sliochd caillte Adhaimh, gidheadh tha’n fhianuis tha iad a’ toirt móran ni ’s mionaideiche agus ni’s soilleire na tha ’chuid a’s motha de’n t-sluagh a’ toirt fa’near. Ann an dòchas, matà, gu’m biodh e ’na ni taitneach le luchd-leughaidh an Teachdaire, bheir sinn oidhirp air cuid de bhriathran nam fàidhean mu thimchioll an t-Slànuigheir a chur gu h-aithghearr fa’n comhair; agus a nochdadh dhoibh cionnas, agus c’uin, a bha iad air an coimhlionadh.
Bha e, mata, air a roimh-aithris leis na fàidhean.
I. —GU’N ROBH MESSIAS RI TEACHD.
Fàidheadaireachd. Gin. iii. 15. tha e air a ràdh mu shìol na mnatha, ’se sin Criosd “bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shâil-san.” Cha’neil teagamh sam bith nach ann mu Chriosd tha Dia ’labhairt ri h-Abram ann an Gin. xii. 3.; xxii. 18.; xxvi. 4. se tha Isaiah a’ ciallachadh le “glòir an Tighearna” xl. 5. “agus foillsichear glòir an Tighearn, agus chì gach uile fheòil i le chéile.” Agus Hagai ii. 7. “agus crathaidh mi na h-uile chinnich, agus thig miann nan uile chinneach.”
Coimhlionadh. Bha’n fhàidhearachd so air a coimhlionadh ceithir mìle bliadhna ’n déigh do’n cheud chuid dhi bhi air a labhairt. Gal. ii. 4. “Ach an uair a thainig coimhlionadh na h-aimsir, chuir Dia a Mhac féin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fuidh ’n lagh.” Eoin iii. 8.; Luc. ii. 10.
II. —AN T-AM SAN TIGEADH E.
Fàidh. Gen. xlix. 10. “Cha dealaich an t-slat rìoghail ri Iudah, no lagh-thabhartair o eadar a chosa, gus an tig Siloh, agus dhàsan géillidh na slòigh.” Bha am Messias ri tighin ’nuair bhiodh fiughar ris an cumantas, agus a bhiodh sìth fad an domhain gu h-iomlan. Bha e ri teachd am fad ’s a bhiodh an dara teampull ’na sheasamh, agus seachd ’s tri fichead seachduin( ’se sin 490 bliadhna) an déigh an teampull a thogail. Hagai ii. 6–9. ; Dan. ix. 24, 25; Mal. iii. 1.
Coimh. Nis ’nuair thàinig Criosd, bha ’n t-slat-rìoghail air dealachadh ri Iudah, oir bha na h-Iudhaich foidh chìs aig na Rómanaich Luc. ii. 1–3; Eoin. xix. 15. Bha sìth fad an t-saoghail uile. Bha fiughair aig na h-Iudhaich ri neach sònruichte ’thighin san linn sin, Mat. ii. 1–10.; Marc. xv. 43; Luc. ii. 25, 38; Eoin. i. 19–45; agus, ni ’s iongantaiche, bha’n fhiughair cheudna aig na Cinnich mar tha Suetonius agus Tacitus, sgrìobhairean Rómanach, a cur an céill.
III. —CO UAITHE BHA E RI TIGHIN.
Fàidh. Bha e ri tighin o Eubh. Gin. iii. 15; o Abram agus o ’shliochd, Gin. xii. 3.; xxviii. 14; o Iudah, Gin. xlix. 10; o Iese, Isaiah xi 1; o Dhaibhidh, Salm cxxxii. ii.; Jerem. xxiii. 5.
Coimh. Ma bheachdaicheas sinn air na h-earrannan a leanas de’n Sgriobtur, chì sinn mar bha na briathra so air an coimhlionadh Gal. iv. 4.; Mal. i.; Eabh. vii. 14; Rom. xv. 12.
IV. —GU’M BIODH E AIR A BHREITH LE OIGH.
Fàidh. Isaiah vii. 14. “Feuch, bithidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Immanuel mar ainm air.”
Coimh. Mal. i. 24, 25, “Agus air mosgladh do Ioseph as a chodal, rinn e mar a dh’ iarr aingeal an Tighearn air, agus ghabh e d’a ionnsuidh a bhean: agus cha d’ aithnich e i gus an d’ rug i a ceud-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.” Luc. i. 26–35; Mal. i. 22, 23.
V. —C’ AIT ’ AN ROBH E RI BHI AIR A BHREITH.
Fàidh. Micah, v. 2. “Agus thusa a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iudah, gidheadh asad thig a mach a m’ ionnsuidh-sa neach a bhios ’na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a mach o shean, o làithibh na siorruidheachd.”
Coimh. Luc. ii. 4–7. “Agus chaidh Ioseph mar an ceudna suas o Ghalile, á baile Nàsaret, do Iudea, gu baile Dhaibhidh, d’an gairmear Betlehem—agus tharladh, am feadh a bha iad an sin, gu’n do choimhlionadh làithean a h-inbhe, chum i bhi air a h-aisead. Agus rug i a ceud-ghin mic,” &c. Mat. ii. 1, 4–6, 8. Eoin vii. 42.
VI. —GU’N ROBH FAIDH, ANN AN SPIORAD AGUS CUMHACHD ELIAS, RI TEACHD AIR THOISEACH AIR, AGUS RI SLIGHE ULLACHADH ROIMHE.
Fàidh. Mal. iii. 1. “Feuch, cuiridh mise mach mo theachdair, agus ullaichidh e’n t-slighe romham” iv. 5. “Feuch, cuiridh mise do bhur n-ionnsuidh Eliah. am fàidh, roimh theachd là mhóir agus uamhasaich an Tighearna” Isaiah, xl. 3.
Coimh. Mat. iii. 1, 3. “Agus anns na làithibh sin thainig Eoin Baiste, a’ searmonachadh am fàsach Iudea, agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas; oir a ta rìoghachd nèimh am fagus. Oir is e so an ti ud mu’n do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, ullaichibh slighe an Tighearna, deanaibh a cheumanna dìreach.” Mat. xi. 14. “Agus ma’s toil leibh a ghabhail, is e so Elias a bha ri teachd.”
VII. —GU’N ROBH AM MESSIAS RI BHI ’NA FHAIDH.
Fàidh. Deut. xviii. 15, 18. “Togaidh an Tighearna do Dhia suas fáidh dhuit o d’ mheadhon féin, o d’ bhràithribh, cosmhuil riumsa,” &c.
COIMH. Luc. vii. 16. “Agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh. Dh’ éirich fàidh mòr ’nar measg-ne.” Mat. xxi. 11. “Agus thubhairt an sluagh, Is e so Iosa am fàidh o Nasaret Ghalile.” —Eoin ix. 17; vi. 14.; vii. 40.
VIII. —GU’N DAIGHNICHEADH AM MESSIAS A THEAGASG LE MIORBHUILEAN MORA.
Fàidh. Isaiah, xxxv. 5. “An sin fosgailear sùilean nan dall, agus bithidh cluasan nam bodhar air am fosgladh. An sin leumaidh am bacach mar fhiadh, agus seinnidh teanga a’ bhalbhain.’ Isaiah, xliii. 7; xxiii. 3.
Coimh. Mat. xi. 4, 5. “Fhreagair Iosa, agus thubhairt e riù, Imichibh agus ìnnsibh do dh-Eoin na nithe a ta sibh a’ cluinntinn agus a’ faicinn: A ta na daill a’ faotainn an radhairc, agus na bacaich ag imeachd.”
IX. —CIONNAS A BHA AM MESSIAS RI DOL A STEACH GU FOLLAISEACH DO IERUSALEM.
Fàidh. Sechar. ix. 9. “Dean gairdeachas gu mór, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim; feuch tha do rìgh a’ teachd a d’ ionnsuidh; is firean agus slànuighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h-asail.
Coimh. Mat. xxi 7. “Agus thug iad an asail agus an loth leo, agus chuir iad am falluinnean orra, agus chuir iad esan ’na shuidhe air am muin.” xxi. 4, 5.
X. —GU’M BIODH AM MESSIAS BOCHD, AGUS TAIR AIR A DHEANAMH AIR. GU’M BIODH E AIR A BHRATH LE AON DE ’DHEISCIOBUIL FEIN, AIR SON DEICH-BUINN-FHICHEAD AIRGID, LEIS AM BIODH FEARANN A’ CHRIADHADAIR AIR A CHEANNACH.
Fàidh. Isaiah, liii. 3. “Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoinibh; ’na dhuine dhoilghiosan, agus eòlach air bròn,” &c. Salm, xli. 9. “Eadhon fear mo shìth, as an d’ earb mi, esan a dh’ ith do m’ aran, thog e a shàil a’ m’ aghaidh.” Zech. xi. 12, 13. “Mar sin thomhais iad air son mo luach, deich buinn fhichead airgid. Agus thubhairt an Tighearna rium, tilg a chum a’ chriadhadair e: luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leò-san. Agus ghabh mi na deich buinn fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an tigh an Tighearn, a chum a’ chriadhadair.”
Coimh. Luc ix. 58. “Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus nid aig eunlaith an athair, ach cha’n ’eil àit’ aig mac an duine anns an cuir e a cheann fuidhe.” 2 Cor. viii. 9; Eoin, xi. 35; Luc. xxii. 3, 4. “An sin chaidh Satan ann an Iudas d’an co-ainm Iscariot, a bha do àireamh an dà fhir dheug.” Mat. xxvi. 15. “Agus choird iad ris air dheich buinn fhichead airgid.” xxvii. 5, 7. “Agus air tilgeadh uaithe nam bonn airgid anns an teampull, dh’imich e, agus chaidh e, agus chroch se e féin—agus air gabhail comhairle dhoibh, cheannaich iad leo fearann a’ chriadhadair,” &c.
XI. —GU’M FUILINGEADH E PEIN AGUS BAS AIRSON PEACAIDHEAN AN T-SAOGHAIL.
Fàidh. Isaiah, 1. 6. “Thug mi mo dhruim do’n luchd-bualaidh.” liii. 5, 8. “Ach lotadh e airson ar peacaidh-ne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan, —le a chreuchdaibh-san shlànuicheadh sinne—ghearradh as e o thìr nam beò, airson easaontais mo shluaigh-sa bha e air a throm-bhualadh.”
Coimh. Eoin. xix. 1, 2, 3. “An sin air an aobhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs se e.” Marc. xv. 19, 25.; 1 Phead. ii. 23, 24.
XII. —GU’M BIODH FANOID AIR A DHEANAMH AIR.
Fàidh. Salm xxii. 7, 8. “Ni iadsan uile a chì mi gàire-fanoid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh. chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh se e, a chionn gu bheil tlachd aige ann.”
Coimh. Mat. xxvii. 39. “Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a’ crathadh an ceann.” Luc. xxiii. 35. “Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h-uachdarain fanoid air maille riùsan, ag ràdh, shaor e daoine eile; saoradh se e féin, ma’s e so Criosd, aon taghta Dhé.” Mat. xxvii. 43. “Chuir e a dhòigh ann an Dia; saoradh e a nis e ma tha toil aige dha.”
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |