[143]

SEANN SGEUL GAELACH.

O CHIONN còrr as ceithir cheud bliadhna, dhéirich còmhstri mhòr eadar na Cuimeanaich agus Clann-an-Tòisich, aig an robh oighreachd mhath goirid o fhearann aChuimeanaich, Iarla Bhàideanach agus Athuill. Bha ban-Iarla aChuimeanaich, a réir na h-aithris na bana-gheòcaire anabarrach; agus a chum an cìocras so a shàsachadh gum béiginn di buntuinn gu ro-chruaidh ris an tuath bhochd. Theirte gun itheadh ì seipein smior gach aon air a dìnneir, a bhàrr air iomad goireas sòghar annasach eile. Leleithid sin de strògh agus de ana-caitheamh, chlaoidh i a cuid tuatha co mórs nach robh iadnan urrainn na màil a dhìoladh, nom fearann a shaoithreachadh, ionnas gum béiginn di dol a dhaslachadh faoidhe air a coimhearsnaich shaoibhir. An déigh dhi an dùthaich imeachd ag iarruidh faoidhe, dhinnis i da fear an soirbheachadh a bhan co’ -lorg a turuis, agus gun dthug Mac-an-Tòisich mór Thiréni dhi -bhà-dheug agus tarbh. ’S ann a dhùisg an fhialachd shomalta so, an àite a thaingealachd, a dhiumb, ’fharmad, agus a chorruich ri saoibhreas a choimhearsnaich. Bha sgàth air ra bheartas, agus do thaobh sin chuir e roimhe gun cuireadh e as da; ’s a chum sgàil a chur air aghniomh mhi-chneasda sin, chuir en céill gun robh an t-uasal sin tuilles mór aig a mhnaoi. Air leis gun robh sona dheagh leisgeul, agusna chion-fàth freagarach air connspoid. Bha e nis afeitheamh nam fàth chum a rùn a churan gniomh, ni a fhuair e gu grad a dheanamh, le caisteal an duineile aig Tomafùir a chuairteachadh, (àite bha goirid o Bhlàr-Athull), mu mheadhon oidhche, ’nuair a mharbh iad an teaghlach gu h-iomlan, eadar fhirionn agus bhoirionn, a bhanan suain-chadail gun fhiamh gun amharus. Le so a dheanamh ghabh e sealbh air a chuid fearainn, a bha ni bu mhò na bha aig aon duin’ -uasal eile bha san dùthaich.

Bha dlù do mhùr Mhic-an-Tòisich seann duine a chòmhnuidh, aig an robh greim beag fearainn uaithe, air nach robh de mhàl ach boineid


[144] ùr uair sabhliadhna: agus thug a mhaighstir an t-seana bhoineid dha an àm an ùr fhaotainn; agus air a shon sin theirear Croit na-Boineid ris an fhearann sin gus an lathan diugh. Bha ìoghnadh air an t-seann duine co sàmhachsa bha talla mùirneach a mhaighstir, samhaduinn an déigh achasgraidh mhuladaich sin, agus chaidh e a dhfhaicinn an aobhair. Cha luaithe chaidh e stigh na chunnaic e cuid de na cuirp bheubanaichte gun deò air an ùrlar. Le mòr ioghnadh agus uamhunn leis na chunnaic e, làimhsich e gach aon fa leth dhiu, a dhfheuchainn an robh iarmad beatha ann an aon sam bith dhiubh, ach bu diomhain a shaothair, Air a lìonadh le mulad, thog e suas achreathall, a bha bun-os-ceann air an ùrlar, agus fhuair en leanabh-beag foidhpe, ris an abradh iad am brìdeach Eôghan, agus le mór shòlas thuig e gun robh e beò, ach ro lag le cudthrom na creathlach agus an aodaich. Ghrad rug e air, agus ghiùlain e e chum a sheanar a thaobh a mhàthar, Mac-Glaisein Ionar-bhac, a chuir gu grad air falbh leis e gu dlù charaid de shliochd Dhiarmaid ann an Earraghàel, chum nach biodh e mar fhad làimhe don Chuimeanach, far an dfhuair e a dheagh àrach. Bha ena ghnàthachadh aig an t-seann duine thug an sin e dol gu tric ga fhaicinn; ach a chionn gun robh na Cuimeanaich co cumhachdach san àm sin an Albuinn, mheasadh feumail a chumail an cleth gun robh an leanabh beò, ach gus am fàsadh e suas, agus gum biodh e airsonathair a dhìoladh. Ged a bha e car ùine lag, gun mhór chinneas, thainig e air aghaidh, agus dhfhàs e gu làidir eireachdail, agus bha e ro theóma leis abhogha, a thug mór mhisneach da sheana charaid, an dùil gun dthugadh eaicheamhail a mach airson na sean fhalachd. Air àm àraidh chaidh a ga fhaicinn, agus chunnaic e co maths a bha e air achusbaireachd; thuirt e ris gun robh broilleach an fhir a mharbhathair ni bu leatha nan comharadh udni a chuir mòr ìoghnadh air an fhleasgach, nach cuala riamh roimhe iomradh air. Ghrad leig an seann duine ris an diùras, leis gach dùrachd a bhana chomas, mu thimchioll a chairdean agusoighreachd. Dhéisd an t-òg-fhlath le ro-aire ris an sgeul, agus air dhà bhi air a bhualadh gu goirt ri aithris achràidh, bhrùchd emach le àrd bhas-bhualadh agus abras shileadh nan deur; agus thaosg e machinntinn agus a rùnan uchd an t-seann duine. Air dha a nis a bhi làn-fhiosrach air na thachair, bha fadal air gu dol a bhuannachd oighreachdathars a sheanar, agus a dheanamh dìoghaltais air naimhdean an-iochdar a thighe. Chan urrainnear a chur an céill an sólas a thug e don t-seann duine meud na h-iomaguin a bhair an fhleasgach gu bhitriall ga dhùthaich féin. Dhasluich iad le chéile air a chairdibh iad a chur ceathuirne leò a bheireadh aghaidh air a nàimhdibh, agus dheònaich iad an iarrtas, le ceithir-fir-fhichead a chur air falbh maille riutha, fon làn armaibh agus ràinig iad tigh MhicGhlaisein, a sheanair, a chaidh leò agus ochdnar thaghta fon làn armaibh maille ris. Uaithe sin ràinig iad coille Urard-bhig, far an dfhuirich iad gu sèimh sàmhach gus an do chuir iad fios a dhionnsuidh banaltrum Eóghain. Chaidh e féin ga h-ionnsuidh, agus rinn e cagar aig a dorus; dhfheòraich i a bhann aig uair co anmoch? Fhreagair e gun robh
[145] a dalta Eoghan Macantòisich. Than guth coltach ra ghuth, a deir i; ach ma shéideas tu tanail a stigh romh tholl na glaise, tuigidh min sin gu cìnnteach mas thann. Rinn e sin, agus thuig i gu grad gur e féin a bhann; agus bha i ro ait a chionn iga fhaicinn. Chaidh a mhuime chur a dhfhaighinn sgeul mun Chuimeanach, agus phill i leis an teachdaireachd gun deach e lechuid daoinibh gu drochaid Teilt, mu thimchioll mìle air asdar, a thoirt àbhachd dha féin agus da chuid daoine. Le so a chluinntinn roinn Macantòisich a chuid daoinenan bhuidhinn, agus bha MGlaisein air ceann an dara buidhinn, a chumail freiceadan air Caisteal Bhlàir, agus bha Eòghan air ceann na buidhinn eile maille ris an t-seann duine, nach do dhealaich idir ris, agus chaidh iad air tòir aChuimeanaich. Co luaths a thuig e gum bu nàimhdean a bhaga iarraidh, theich e dhionnsuidh a chaisteil, far an do choinnich abhuidheann eile, a mharbh móran diubh mun do thàr iad as, agus lean iad an ruaig a mach Gleann-Teilt, amarbhadh agus aleònadh mòran diubhChaidh an t-sròn a chur de dh-fhear aig allt ris an abrar on latha sin Allt-na-sròinelotadh fear eile sabhroinn aig Allt-nam-marag. Am feadh a bha iad mar so air an ruagadh suas an gleann le MGlaisein, ghabh muinntir Eóghain falach-talandadh orra, agus thachair iad riutha aghaidh-mu-chnoc. Tha e air a ràdh gur en seann duine a bha do ghnà air thoiseach, agus ann am briathraibh smachdail ghlaodh e, Sud agad do nàmhuid an Cuimeanach agus ma leigeas tu as e toillidh tu bàs cladhaire fhaotainn. Chuir Eóghan gu grad a bhogha air lagh, agus chuir en t-saighead troimh chridhe aChuimeanaich. Thuit e air lic leathain ri taobh na slighe, far an do thog iad, mar bu ghnà, càrn chlach mar chuimhneachan air an euchd, ris an abrar Carn aChuimeanaich gus an n diugh. Their na Gaeil ris na cùirn sin, Cuirn na falachd.

title12
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page