RIGH ALFRED.
BHA’N rìgh ainmeil so ’nam measg-san bu ghlice, a b’ fhèarr, agus a b’ fhiùghantaiche a rìoghaich riamh san tìr so: agus bha ’chaithe-beatha ro-chomharaichte. Bha aig gach uair d’ a bheatha a gnothach féin air a chur air leth. Roinn e an là agus an oidhche ’nan trì earrannaibh le ochd uairean do gach aon diubh; agus ged a bha e gu mór air a chlaoidh le galar cràiteach, cha do ghabh e ach ochd uairean eadar chadal, theachd-an-tìr, agus shrâidimeachd; agus ochd uairean eile do leughadh, do sgrìobhadh, agus ùrnuigh; agus an treas earrann do ghnothaichibh na rìoghachd. Bha’n duine mór so co mothachail air feumalachd aimsir ’s nach bu mhiann leis earrann air bith dhi a mhi-bhuileachadh; agus gu’m b’ éiginn da cùnntas ìocadh Dhàsan a bhuilich air i. Agus gu cìnnteach ma bha ’leithid-san de dhuine, anns an inbh a b’ àirde air thalamh, ann am measg gach buairidh le socair, pailteas, agus toilinn-
title | 13 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |