BLAR CHORUNNA, AGUS BAS SHIR IAIN MOORE.
AIR maduinn an dara-la-deug do’n cheud mhìos, bha ’n t-arm Frangach a’ sìor dhol am meud aig taobh sruth Mhero. Gu ro sheòlta ghabh Bonaparte seilbh ann an uile thighean baile Pherillo. Bha iad a’ deanamh uiread fhuaim gach latha a’ losgadh oirnn le ’n cuid ghunnacha-móra ’s gu’n do chuir iad taobh a mach nan sreathan fo fhiamh, agus gu cinnteach cha robh ioghnadh ann; oir bha peileirean móra nam Frangach a’ tionndadh suas an talaimh ’na mhìrean mòra ’nam measg. Air a’ cheathramh-la-deug thug iad a leithid do dhairirich oirnn ’s gu’n robh mullach nam beann a’ freagairt do’n fhuaim, agus do nuallanaich oillteil nam Frangach a bha a’ losgadh ’s a’ teicheadh sios air taobh a’ ghlinne. Bha ’n coslas fiadhaich, le ’m feusagan fada dubha, agus feudaidh mi a ràdh gu robh tuillidh eagail oirnn romh’n coslas na romh ’n saighdeireachd. Dh’fhosgail gunnaichean nam Breatunnach gu gailbheach orra aig an àm so air dhòigh a choisinn
Air feasgar an latha so thainig na soithichean ris an robh sinn co fada ’feitheamh am fradharc aig Vigo, agus dearbhte gu leòir bha tein’ -éibhneis a’ lasadh le dealas ann an cridhe gach saighdeir ri faicinn nan seòl geala bha ’tighinn fo dhùthaich an sinnsireachd, g’an giùlan air falbh o dhùthaich anns an d’ fhuair iad uiread thàmailt o fhuachd, o phlàighean agus o ghorta, anns na chaill iad am mnathan, am mic, am bràithrean, an cairdean agus an còmpanaich.
Nuair chunnaic an t-arm againne a’ cheud sealladh do’n mhuir an déigh a bhi cho foda as a sealladh a stigh san dùthaich ’an àm na ruaige, thainig aoibhneas làn sòlais air gach gnùis; le bhi faicinn na fairge chuimhnich sinn air Breatunn, dà fhocal nach gabh sgaradh ann an tìr aineoil.
Ged a thug sinn deannal goirt air na Frangaich chum iad suas teine millteach oirnn o thaobh thall sruth Mhero, ach air gach dòigh thug sinn dùlan doibh agus rinn sinn gach ni deas gu bhi air bord.
Bha na saighdearan tinn agus leòinte, air an cur air bord gun dàil, ach bha co beag ùine againn leis an dòigh air an robh iad a’ losgadh oirnn ’s gu’m b’ éiginn duinn ar n-eich a mharbhadh ach fìor bheagan—bha tràigh na fairge air a stràchdadh leo. Ged a bha mi féin a’m ruagalaiche truagh gun bhiadh gun aodach, air mo ruagadh eadar peileir agus biodag, ’s e bhi ’g amharc air na brùidean neo-chiontach sin ’gan leagail anns a’ ghainmhich leis a’ mhuinntir a b’ àbhaist a bhi ’gam marcachd ach gun chomas air a leasachadh, na h-eich eile’nan ceudan a’ ruith air an ais ’s air an aghart, am muing an togail ’s am beòil fosgailte a’ sitrich ’s a’ sgriachail gu h-oillteil ri bhi faicinn chàich marbh ’nan sìneadh air an tràigh agus a’ mothuchainn fàile na fala—tha mi ag aideachadh gur e so sealladh a dhrùigh orm co mór ri aon ni chunnaic mi riamh—agus ’s e mo bharail gu’n tugadh e taiseachadh air cridhe mic Albannaich sam bith a b’ urrainn ’na leithid sin a dh-àm smuain a chur seachad air a staid neo-shona féin. Tha mi làn-chinnteach gu’n robh na brùidean foghainteach so air an lìonadh la h-iongantas agus le uamhunn a bhi faicinn an airm ’gam fàgail, agus cha mhór nach d’ thug mi orm féin a chreidsinn gu’n robh mi ’gam faicinn a’ gul.
A nis air maduinn an t-sèathamh-la deug bha sinn uile ann an ard-mhisnich deas gu dol air bord. Thug an seanalair fios duinn gu’m b’ e ’mhiann ar cur air bord na h-Audacious aig ceithir uairean an déigh a’ mheadhon-latha, agus leum e air muin eich a dhol a dh’ fhaicinn an robh na reisimeidean-dìona làidir gu leòir chum cluiche ’chumail ris na Frangaich am feadh a bhiomaid uile ’dol air bord nan loingeas. Gu mi-fhortanach cha robh e mionaid air falbh ’nuair a choinnich teachdair e a dh’ innis gu’n robh na Frangaich fo’n armaibh, agus aig a’ cheart àm thainig saighdear a theich o’n arm Fhrangach leis an sgeul cheudna.
Mun deachaidh e ceud slat as a so chunnaic e gu’m b’ éiginn fuil a dhórtadh fhathast mun gabhadh an gnothuch so crìochnachadh, ge h-iomadh mìle galan de ’n fhìor-fhuil phrìseil Bhreatunnaich a dh’ fhàgadh cheana san Spàinde. Dhóirt na Frangaich a nuas le fuaim neo-chreideasaich a bha eagallach r’a chluinntinn, a’ sguabadh gach nì romhpa. Ann am
Dh’ orduich an ceannard Moore do Sheanalair Paget e thoirt bealach anns na Frangaich mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. Chaidh Paget a suas leis an réisimeid d’ an ainm na Guards, a thionndaidh na Frangaich air gach ionnsuidh. A’ chuid diu bh’ air mullach a’ chnuic dh’ fhosgail iad oirnne le aona-gunna-deug a rinn bealaichean ’s na sreathan a bha eagallach. Bha cothrom taghta aca air an àm so, iadsan air àit ard, sinne ann an slochd dubh domhain làn uisge agus gaineimh; bha na gunnaichean acasan na bu mhò agus na b’fhèarr na na gunnaichean againne, bha iad a’ losgadh leis gach cothrom oirnn agus bha ’n cuid pheileirean ’gar falach anns a’ ghainmhich. ’S anns a’ chonnspoid so chaidh gairdean Seanalair Shir Daibhidh Baird a leònadh gu ro olc le fras pheileirean, iaruinn agus ghloineachan, agus b’ éiginn da marcachd a mach as a’ bhatailt: aig an àm so bha teine an nàmhuid a’ deanamh mòran millidh oirnn, agus leis an droch cothrom a bh’ againn anns an làthaich oillteil a dh’ ainmich mi cheana agus a bha làn phreasan air sniomhadh ’na chéile, a ruith air ar n-ais ’s air ar n-aghart, dh’ fhàs mi mu dheireadh cho sgìth ’s gur gann a bheirinn mo chasan as a’ pholl.
Thug seanalair Soult iomadh ionnsuidh air a chuid airm a tharraing a stigh ’nar meadhon, agus nan rachadh so leis cha’n fhaigheadh colunn againn air bord; ach a dh’ aindeoin a chridhe cha do chaill sinn oirleach, sheas sinn mar chraig, agus ged a bha bealach gu tric a’ fosgladh ’nar sreathan bha e co ealamh air a dhùnadh a suas. Gu cinnteach ’nuair chunnaic mi féin mo cheannard agus m’ fhear-duthcha Coirneal Stiùbhart a bha osceann na réisimaid-duibhe a’ marcachd suas air ar beulaobh ’s a’ glaodhaich ann an Gàilig “Cuimhnichibh air ghaol Dia air na daoine o’n d’ thàinig sibh agus air an éididh tha sibh a’ giùlan, tha dòchas an t-seanalair annaibhse, a Ghaelaibh; air ur n-aghaidh ’s gu robh Dia leinn!” Ri cluinntinn nam briathran gaisgeil so ann an cànain dhrùightich nam beann, air m’ fhocal, claoidhte sgîth mar a bhà sinn, lìon mire-chatha as ùr gach cridhe; dh’ fhairich
Ghluais Seanalair Moore gu cabhagach suas far an robh anr eisimeid-dubh, agus ghlaodh e riutha. “A Ghaelaibh! cuimhnichibh air latha blàr na h-Eiphit nuair a ghlaodh Abercrombie ribh ‘Cuimhnichibh ur dùthaich’. Deanaibh mar a rinn sibh riamh!” Bhrùchd sinn air ar n-aghaidh le toirm—cha robh fo na dùilean na chuireadh stad oirnn aig an àm so—chuir sinn an ruaig orra gus an deach stad oirnn le ballachan mòra air nach faigheamaid thairis. Chaidh gach nì ’dheanamh fo shùil Shir Iain féin a bha leinn suas air thoiseach gach sàthaidh gu barraibh nam béigneidean.
R’a leanailt san ath Theachdaire.
title | 15 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |