EARBSA ANN AM FREASDAL AN TIGHEARNA.
BHA duine diadhaidh ann a bha a’ creidsinn gu’n robh gach nì bha ’tachairt ris chum a mhaith, agus bha a choimhearsnaich gu tric ri magadh no fanoid air. Bha soitheach a’ dol a dh-America le daoine, agus bha’n duine so a’ falbh cuideachd, ach dìreach ’nuair bha e ’dol air bord thuit e agus bhrist e ’chas agus b’ éiginn tilleadh dhachaidh. “A’ bheil sud airson do mhaith?” ars’ aon gun toinisg de na coimhearsnaich. “Cha’n eil teagamh nach ’eil” ars’ esan “ged nach urrainn duinn air an àm fhaicinn ciamar.” Chailleadh an long agus gach duine bh’ air bord, agus ’am measg chàich an duine gun iochd a chuir a’ cheist sgeigeil ris an duine mhath so.
title | 17 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |