MU AINMEANNAN NAN AIRDEAN.
EAR—IAR—DEAS—TUATH.
AN AIRD’ AN EAR.
THA mi a’ làn-chreidsinn gu bheil móran d’ ar luchd-dùthcha nach do smuaintich riamh ciod is ciall do na focail sin, no ciamar fhuair iad na h-ainmeannan sin.
Tha comh-aontachadh mór r’a fhaotainn eadar a’ chànain Eabhraich agus a’ Ghàilig anns a’ chùis so, mar anns gach cùis eile, a’ leigeil ris duinn an dlùth-chairdeis a bha eadar riutha. ’Nuair a rinn na h-Iùdhaich an urnuigh ri Dia, b’ ann le’n aghaidh a ghnàth ris an aird-an-Ear. Cha ’n eil Iudhach air thalamh nach ann ris an aird-an-Ear, ris an aird anns an éirich a’ ghrian a tha ’aodann ’an àm urnuigh. ’S ionann am focal a th’ aig na h-Iudhaich sa’ chainnt Eabhraich airson an aghaidh, mu chomhair, fa chomhair, agus am focal a th’ aca airson na h-aird’ -an-Ear. Mar so sa’ 55 salm aig an 20mh rann— “Shìn e mach a làmh ’nan aghaidh-san a bha an sìth ris:” ’se an ceart fhocal tha air ’eadar-theangachadh an so ’nan aghaidh-san, ’se so am focal a tha air a chleachdadh ann an leabhar nan Aireamh 23 chap. 7. “o bheanntaibh na h-aird’ an ear.” Tha am focal ceudna air a chleachdadh ann an iomad àite eile airson na h-aird’ an-Ear. Tha am fear-aoraidh a’ seasamh no air a ghlùinean a’ deanamh urnuigh ri Dia—tha ’aghaidh ris an aird’ -an-Ear. Ged is e an aird’ -an-Ear is àbhaist leinn an is a ràdh’ se ’n aird’ -an-oir am focal ceart— ’s e so am focal tha aca ann an Eirinn— ’s e so am focal tha aca san Laidinn airson éirigh na gréine—oriens. Amhairceadh duine sam bith a stigh do dh-fhoclair Eirionnach agus chì e gur h-e oir a tha aca airson na h-aird’ an Ear, agus na dùthchannan oirthear airson rìoghachdan na h-aird’ -an-Ear, ceart mar anns an Laidinn orientalis. Cha ’n eil teagamh nach ann o so a thugadh òr mar ainm air a’ mhiotailt phrìseil sin. Tha ’m focal Eabhrach airson òir a’ ciallachadh deàlradh boillsgeil àillidh: mar so tha e air a ràdh mu éirigh na gréine ’nar seann dàna féin, gu bheil i ag òradh mullach nam beann. ’S e is ciall do’n aird’ -an-Ear, no an aird’ an oir, an airde bhoillsgeanta, ghlòrmhor, dheàlrach, as am bheil a’ ghrian ag éiridh, agus le a gathan àillidh ag òradh nan sléibhtean, an t-saoghail, agus airde nan speur.
AN AIRDE DEAS.
Smuaintich leat féin matà, am fear-aoraidh air a ghlùinean agus ’aghaidh ri aird’ -an-òir, ’si ’n airde deas an aird’ air a dheas-làimh. ’S e an t-aon fhocal tha san t-seann Tiomnadh sa’ chainnt Eabhraich airson na làimhe-deise agus na h-àirde-deise: mar so Ier. 22. 24mh agus Salm 89.13. ’S e am focal tha ann an so air ’eadar-theangachadh deas làmh agus làimh dheis an ceart fhocal tha air ’eadar-theangachadh an àirde-deas ann an Iosua 15. 1. agus Ecsod. 26. 18. agus ann an iomadh àit eile. Anns a’ chainnt Eabhraich mar anns a’ chainnt Ghàidhealaich ’s e an t-aon fhocal tha aca airson na làimhe deise agus airson na h-àirde deise; ’s i an airde-Deas mata an airde tha air deas-laimh an fhir-aoraidh ’nuair a tha ’aghaidh ris an aird’ -an-ear.
AN AIRD’ AN IAR.
An déigh na thubhairt sinn cheana tha so ni’s soirbhe r’a thuigsinn. Iar, ’s e sin cùl no cùlaobh, no tàrr nî air bith. O so tha am focal Iar-bhuille, ’s e sin buille o’n taobh-cùil, agus Iarball. “Thainig e siar orm” ’s e sin thainig e air mo thaobh-cùil, Leis a so tha e soilleir gu bheil am focal so aird’ -an-Iar a’ ciallachadh airde-cùil an fhir-aoraidh a ta ag amharc
AN AIRDE TUATH.
Is airidh air ar smuainteachadh gur e an t-aon fhocal a ta a’ ciallachadh na laimhe-clì sa’ chainnt Eabhraich agus a’ ciallachadh an taobh-Tuath. An airde-Tuath, ’se sin àirde tuath no tuaidheal an fhir-aoraidh tha ’g amharc ris an aird’ -an-ear. Gin. 24 .48 agus 48 .18. ’Se am focal tha an sin air ’eadar-theangachadh an làmh-chlì an ceart fhocal a ta ann an àiteachan eile air ’eadar-theangachadh an taobh-tuath no an àirde-tuath.
’Se am focal tha aca ann an Eirinn airson na làimhe-clìthe an tuath lamh. Duine tuaithealach, ’se sin duine ciotach no duine cearr-lamhach—nì tuaitheal, ’se sin nì tha dol cearr an aghaidh cuairt na gréine, rathad clì ’s ni h-ann deiseal.
Mar so mhìnich sinn ainmeannan airdean nan speur, agus is soirbh r’a fhaicinn an tuigse agus an seadh a ta annta seach na h-ainmeannan Beurla; agus is airidh air ar smuaintean an comh-chordadh tha eadar an t-seana chànain Eabhraich agus an t-seana chànain againn féin.
C. C.
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |