MARGAIDHNEAN.
Tha prìs gach seorsa teachd-an-tir gu mór ag eiridh le fuairead na h-aimsir.
Mairtfheoil 8 sgillean gu 4 sgillean am pùnnd.
Muiltfheoil 7sgillean gu 6 sgillean am pùnnd.
Laoigfheoil 8 sgillean gu 6 sgillean am pùnnd.
Muicfheoil 5 sgillean gu 4 sgillean am pùnnd.
Min-choirce 2 sgillinn Shasunnach gu 20 sgillinn a’ chlach;
Buntàta 5 sgillean a’ chlach.
Im ùr—13 sgillinn gu sgillinn Shasunnach am punnd;
Uighean 6 sgillean an dusan.
Tha Builionn nan 4 punnd 7 sgillean an seòrsa ’s féarr, agus an seòrsa ’s faigse 6 sgillean.
NAIGHEACHDAN.
CHA’N eil ach beag naigheachd air bith ’s na paipeirean is fiach aithris. Tha iad a’ togail sheòladairean aig an àm so chum an cabhlach-cogaidh a neartachadh, agus ge nach ’eil iad a’ gabhail co luath ’s a shaoil iad, tha dòchas aca gu’m faigh iad an àireamh tha ’dhîth orra gun am fòirneadh mar a b’ àbhaist doibh ri àm cogaidh. Tha so air àrdachadh an tuarasdail air na loingeis mharsantachd; agus tha e a’ cur eagail air àireamh mhór de’n phobull, a tha ’smaointeachadh nach biodh a leithid so ann gun choltas cogaidh. Cha’n eil fàth eagail ann, ged is cinnteach gu bheil iomad cearna de’n t-saoghal ann an staid glé bhruailleanach. Tha gu h-àraidh luchd-àiteachaidh nan Canadas iar fâs mi-thoilichte, fo riaghladh na rìoghachd so, agus tha iomad aon ’am barail nach fhada ’s urrainn sinn an gleidheadh agus gu’n teid iad fo riaghludh Staidean America. Bhiodh so
Tha mùthadh mór iar tighin air a’ chuid sin de laghanna na rìoghachd a bhuineas ri fiachan, o chionn ghoirid. Cha’n fhaodar a nis aon a chur am prìosan airson ainbhfhiach is lugha na ochd puinnd Shasunnach sèa sgillean Sasunnach agus ochd sgillean, mur d’ thainig iad fo’n ainbhfhiach sin roimh ’n t-sèathamh latha de mhìos meadhonach an fhogharaidh so chaidh, 1835. agus airson ghnothuichean a rinneadh roimh ’n àm sin tha fad cheithir bliadhna air a luathsachadh chum an réiteachadh a réir na seann riaghailt: ’s e sin faodar aon a chur am prìosan airson an t-sean ainbhfhich sin ma nìotar e an taobh a stigh de cheithir bliadhna o’n àm sin. Shaoileadh aon gu’n cuireadh an t-atharrachadh so crìoch air Creideas ann an gnothuichean beaga, ach cha’n ann mar sin idir a bhithheas; oir cha’n eil a nis toiseach aig na tighearnan mar a b’àbhaist doibh, agus tha e ceadaichte do’n aon a bheir creideas a chuid dhligheach féin a thoirt a mach le ni air bith a bhuineas do luchd ainbhfhich a reic agus gun e bhi ’n comas an tighearna stad a chur air; air chor agus mar thuirt an sean-fhocal “Am fear a’s luaithe làmh ’s e ’s làine brù.” Mheas sinn gu’m biodh ar luchd-dùthcha toilichte fiosrachadh fhaotainn mu na riaghailtean so, oir is dona thig e do dhuine sam bith a bhi aineolach umpa.
title | 21 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |