[152]

THA sinn fior dhuilich nach deach againn air a’ “Chòmhradha leanailt anns an àireamh so. Chan e idir nach robh e deas, ach leis nacheil eòlas air bith aig na clò-bhualairean air aGhàilig; shuidhich iad ghnothuichean eilena àite, agus cha burrainnear atharrachadh gun mhóran costais. Bheir sinn gu cinnteach, seachad e air toiseach an ath Theachdaire.

Chùm an t-aobhar ceudna as an àireamh so deagh chùnntas ROB RUAIDH mu Thigh-Eiridinn rìoghail Ghlascho, ach gheibhear san ath Theachdair esan cuideachd.

Fhuair sinn cùnntas mar an ceudna air Tigh-Tèarmuinn no Tigh-Dìdein Ghlascho a thatar an dràsd atogail. Ged is ann airson mhèirleach òga agus na h-uile seòrsa bhéistean tha an tigh so, a chostas dusan mìle punnd Sasunnach, ga thogail, chan eil teagamh nach dean e móran feum don bhaile. Bheir sinn seachad an cùnntas a fhuair sinn air acheud chothrom.

Cluinnidh OSAG uainn gun dàil.

Tha sgeulCiod air bith a bàill libh” ’an lamhan an luchd-rannsachaidh, achs e ar barail gun cluinn e uainn san ath Theachdaire.

Ma tha fadal air a’ “Ghille Charrachfuirgheadh e co foighidneachs a dhfhaodas e car aona mhìos eile, agus cha bioghnadh leinn ged a bheirteadh beagan don pheasanachd as.

Na biodh fadal air anTuathach Chuaileanach;” chan eil sinn idirga dhì-chuimhneachadh.

Cuiridh sinn Dàn A. M. J. san ath àireamh.

Tha òranCìbeir na Guala Seilichann na lamhan an luchd-rannsachaidh.

Fhuair sinn earran do eadar-theangachadh an dàin mhaisichOidhche shathuirne aChoiteiraig Burns am bard Gallda. Than dàn so cho anabharrach gasda saBheurlas gur gann tha fiughair againnfhaicinn fo shnuagh co taitneach saGhàilig. Tha eadar-theangachadh Bardachdna ghnothach fìor dheacair, agus chum na h-uile cothrom a thoirt don duin’ -uasal a chuir dar n-ionnsuidh e, cha chuir sinn a mach e gus am faigh sinn an earrann eile. Tha cuid den ranndachd nacheil uile gu léir cho mìns bu mhath leinn. Ma theid aige air a dheanamh cho math ris aBheurla toillidh e anabharra cliù, agus fhads a bhios enar comas-ne gheibh e sin.

Fhuair sinn chunntas mu mhurt nan Eigeach anns an uaimh. Chan eil an chùnntas idir acordadh, agus feumaidh sinn uime sin beagan forghais a dheanamh mun cuir sinn an céill a h-aon diu.

Fhuair sinn litir oTharacul Udlaidhmu theagasg nan Balachan ann an èolas nan âireamh, agus acomharachadh a mach na dòigh air am bheil so ra dheanamh. Tha meas againn air a litir, agus a thaobh na hiomaguin a thair chum math nam Balachan tha sinn am barail gur duine math e; ach thug an t-ainm grànnda so air? Cha chuala sinne riamh ainm a bheireadh bàrr air ann an gràindead mur deanadh ainm abhaile aige féin e, “Cùil-na-Brùide.” Chan eil sinn ach dìreach iar faotainn a litreach o chionn leth-uairtha i tuilles anmoch airson amhìos so, ach chî ar luchd-leughaidh air an ath mhìos na tha airaire.

Tha mion-chunntas mu ghnothuichean Eaglais Ghaidhealach Bhaile-Bhóid air an àm soga chur an ordugh, agus foillsichidh sinn e gun dàil.

Tha sinn am barail nach do dhìchuimhnich luchd-leughaidh an t-seann Teachdaire fathaistCUAIRT AMHINISTEIR GHALLDA;” agus is ann le mór thoilinntinn tha sinn ag innseadh dhoibh gun do gheall an duin-uasal ceanalta bha roimhega sgrìobhadh tòiseachadh as ùr, agus cuairt a thoirt duinn an ceann gach mìos; agus cha mhór nacheil eachdraidh nan Fineachan deas chum a cur a mach.

Tha iomadh aon eile dar cairdean nach urrainn sinn a fhreagairt air an am so. Gabhadh iad ar leisgeul.

title23
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page