[125]

MEUDACHD AGUS CUDTHROM LONG-CHOGAIDH CHEUD GUNNACHA-MORA.

BIDH clar-uachdrach na luinge so mu 160 troidh air fad, 50 air leud; gabhaidh i mu 60,000 troidh no 1500 tunna fiodha ga togail 84 Tunna cainb airson siùil agus buill di; bidh aice 4 acraichean agus Tunna anns gach aon diu, agus chosdadh acheithir 1660 Punnd Sasnnnach, a thuilleadh air feadhain is eutruime. Bidh 1000 fear air bord, a dh-fheumas 8800 pùnnd san latha eadar bhiadh agus dheoch, agus do réìr so gabhaidh iad còrr agus 320 Tunna airson turus-cuain 3 mìosan.

Bidh 30 de ghunnacha-móra a ghabhas peileir 42 pùnnd air a clar-uachdrach; cothromaichidh gach gunna dhiu 6100 punnd no an t-iomlan diu 183,000 punnd. Air an dara clàr bidh 30 a ghabhas peileir 24 Punnd, cothromaichidh gach aon diu 5.100 punnd no an t-iomlan diu 153,000 pùnnd. Air achlàr ìochdrach bidh 26. a ghabhas peileir 12 pùnnd agus cothromaichidh iad so 76,000 punnd. A thuilleadh orra so bidh 14 air achlar uachdrach airson peileir 6 pùinnd agus cudthromaichidh


[126] iadsan 28,600 pùnnd; bidh mar an ceudna feadhain airson peileir 3 puinnd anns na crannagantha sin goirid o 200 Tunna de ghunnacha-móra air aon luing!

Gabhaidh gunna apheileir 42 punnd 22 pùnnd fhùdair airson gach urchuir, agus càch do réir sin; cha bu mhór ged a bhiodh 100 lòd aice airson gach gunnabidh an so mata goirid o 200 Tunna eadar fhùdar agus pheileirean. Chan eil dairireach a loisgeas i nacheil i afrasadh mu thimchioll còrr agus Tunna pheileirean, cia uamhasach ra smuainteachadh e; cha bioghnadh ged nach biodh e so-fhaotainn na sheasadh rithe.

Tha sinn a nis ra chuimhneachadh a bhàrr air na dhainmich sinn cheana, gum bi aig gach luing dùblachadh de shiùil, de bhuill agus acfhuinn de gach seòrsa, a ghabhadh mòran ùine gan ainmeachadh air leth; (agus nach biodh soirbh ra dheanamhnuair bhios aig luing 74 gunna, 1400 ulagna h-acfhuinn) bidh mar an ceudna fiodh agus tèarr agus calcadh -nach suarach; agus bidh ann na h-airm eutrom mar tha claidhean, biodagan agus dagaichean, agus cudthrom na sgioba gu h-iomlan, ni nach beag; air chor agus nach lugha na 2, 160 Tunna a bhios aice air bord a bhàrr air a sliges a h-acfhuinn a than greim; agusna dhéigh so uile tha am meall uamhasach so air a chur taobh sam bith is miann leis an stiùradair mar nach biodh innte ach birlinn!

INNLEACHDAIR.

Caolas Eisdeil, 1836

title3
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page