[126]

BÀN-RIGHINN SEMIRAMIS.

DE na thamhnathan agam uile,” arsa Righ Ninus[B’e Ninus mac Nimroid a thog Tùr Bhabeil. ] ri Semiramis, “is tusas docha leam. Chaneil a h-aon diubh a thàlas mo chridhe le gaol coltach riutsachaneil a h-aon diubh cho sgiamhach no cho màlda, agus air do shon-sa dhealaichinn riutha uile.”

Thugadh an Rìgh an aire ciod a tha eg ràdh,” arsa Semiramis, “ciod a theireadh e nan gabhainn-aigfhocal e?”

S e do bheathaarsa Ninus; “oir fhads a mhealas mi fiamh do ghàire-sa tha mi caoin-shuarach mun t-saoghal.”

A réir acholtais mata,” arsa Semiramis, “nan iarrainn ort e gun cuireadh tu air falbh a h-uile bean a thagad, ’s gun deanadh tu misenam Bhàn-righinn air Asiria.”

“ ’Nad Bhàn-rìghinn air Asiria!” arsa Ninus, “nacheil thud Bhàn-righinn air Asiria mar thà, am feadh is tu annsachd agus deò-ghréine an rìgh?”

Chaneil idir,” arsa Semiramis, “chaneil annamach tràill air am bheil an rìgh an gaol; cha mhi idir a tha rìoghachadh, oir ma bheir mi òrdugh cha teid a chur an gniomh gus am faicear thusa.”

Tha thusmuainteachadh, a réir acholtais, gu bheil sòlas mòr fuaighte ri bhirìoghachadh.”

Thà, do neach aig nach robh fios riabh ciod è.”


[127]

Am bu mhath leatsa deuchainn a thoirt ? An gabh thu màite-sa car beagan làithean?”

Thoir an aire, ORigh! nach tairg thu tuilles achòir, —thoir an aire nach dean thu dan gabh thu aithreachas.”

Aithreachas!” arsan Righs ega pògadh; “Tha mi rithist ag ràdh, am bu mhiann leat a bhi car aon latha ad bhàn-righinn air Siria? Mas miann tha mo làn cheadsa agad.”

Am feud mi gach nis àill leam a dheanamh, gun ghrabadh?”

Gach ni is àill leat, bheir mise suas dhuit, aon latha iomlan, muile chumhachd, agus an t-slat-rìoghail òir so.”

Cuin mata?”

Am màireach, ma thoilicheas tu.”

Am màireach bitheadh e,” arsa Semiramis, ’s i leigeil acinn air gualainn an Rìgh, mar gum beadh atoirt taing dha, aguss an àm cheudna ag iarraidh maitheanais airson a leanailt cho fada.

Cha luaithe thainig an ath mhaduinn na ghairm Semiramis a mnathan-comhaideachd. Dhàithn i dhoibh a h-éideadh cho rìomhachs a bhanan comas; cha luaithethubhairt na bha e deanta; thainig i gu Nìnus le crùn air a ceann, adeàlradh le òr, le daoimanan, ’s leis gach seòrsa de chlacha luachmhor, air a sgeudachadh mar bhain-dia! Ma bha i àillidh roimhe bu cheud àillenis i ann an sùilibh Nìnuis. Dhorduich e a thiota gach mac màthar da luchd-frithealaidh don lùchairt, agus an t-slat rìoghail a thoirt chuige. Cha luaithe thubhairt na bha e deanta. Thainig e fein an sin a steach agus Semiramis air làimh aige ga càradh air an righ-chathair. Cho luaths a chunnaic na h-ofigich an rìgh thuit ìad air an aghaidh gu làr adeanamh aoraidh. Dhiarr an righ orra éiridh, agus thubhairt e riutha gun robh iad ri ùmhlachd agus géill a thoirt do Shemiramis, re aon latha iomlan, mar don righ féin; ghabh en sin an t-slat-rìoghail oir, agus thug e i do Shemiramis. “A Bhan-rìghinnarsesan, “gabh so, is comharradh air cumhachd rìoghail e, cuir do chumhachd a nis an céilldean nas âill leat, chan eil neach an so nacheilnad chomasis tràillean dhuit gu léir iad; air son an righ dhe chaneil ann, fad aon latha, ach do ghille-coise.” Ma tha mac màthar ann an rìoghachd Asiria a bheir eas-umhlachd do dòrdugh, buin ris marthoilicheas tudìreach mar gun tugteadh eas-umhlachd don righ”!

Air dha so a ràdh thuit e sìos air a ghlùinibh, adeanamh ùmhlachd do Shemiramis. Shìn ise, le fiamh-ghàire alàmh dha agus phòg e i. Thainig an sin na cùirtearan, ’s na buirdeisich, a lìon fear as fear, gach aon atoirt a mhionn gum biodh e dìleas don Bhàn-righinn fad aon latha. Nuair a bhan ùpraid thairis mhol Ninus a Bhàn-righinn agus dhfharraid e dhi cia mar thachair e gun do ghiùlain i féin cho stòlda, ’s nach drinn i uiread as fiamh-ghàire fad na h-ùine?

Am feadh a bha iadsan atoirt am mionn làn-ùmhlachd a thoirt di bha inntinn Semiramis aruith air cìod an nichuireadh i man coinneamh a dheanamh. “Chaneil àrd-chumhachd agamarsiseach car aon latha agus tha cur romham buil mhath a dheanamh dhe.”

Rinn an rìgh gàire, cha robh Semiramis riamh cho sgiamhachna shùilibh. “Faiceamaid,” arsesan, ciamar a sheasas tu àite an


[128] righ. Ciodan ceud òrdugh a bheir thu seachad?”

Thigeadh àrd-chomhairliche an righ an so!” arsa Semiramis le guth oscarra.

A thiota bhant-àrd-chomhairliche san làthair, le dithis fhear-comhaideachd.

Sgrìobh!” arsa Semiramis, “Thugadh uachdaran caisteal-dìdein Bhabiloin suas a chomannda don neach a liùbhras so dha, ar neos bàs da a thiota. Fill suas an t-òrdugh so; seulaich e le seula an rìgh agus cuìr am làimh-se. “Sgrìobh a rithist! Thugadh fear riaghlaidh nan seirbhiseach suas a chommanda don neach a liùbhras so, ar neos bàs da a thiotaFill suas e, seulaich e le seula an rìgh, agus thoir am làimh-se.

Sgrìobh a rithist! Thugadh seanalair an airm a tha sachàmpa fuidh bhallacha Bhabiloin suas a chomannda don neach a liùbhras so, ar neos bàs a thiota dha e.” —Fill suas, seulaich agus cuir am làimh-san tòrdugh sin.”

Nuair a bha so seachad, chuir i na trì litricheanna broilleach. Ghlac uamhunn gach neach a bha san lùchairt, agus cha robh an rìgh féin gun ioghnadh air.

Cluinnibh!” arsa Semiramis. “An ceann uair an uaireadair thigeadh a h-uile neach, agus stàta a bhuineas don lùchairt le tiodhlac do mionnsuidh mar is cubhaidhnuair theid rìgh ùr a chrùnadh, agus rachadh fleagh mhòr ullachadh airson an fheasgair. —A nis, gach neach mu chùl a ghnothaich! Na fuirgheadh neach ach mo sheirbhiseach dìleas Nìnus. Tha agam ri mo chomhairlechur ris-san mu ghnothaichean na rìoghachd.” ’Nuair chaidh iad uile mach. “Tha thufaicinn a nis,” arsa Semiramischo maths a dhiongas mi mâite.”

Rinn Nìnus gàire. “Mo bhàn-rìghinn àluinn,” arsesan, “tha thudiongadh tàite cho math, ’s gu bheil thucur iongantais orm. Ach, mur -mhodhail do dsheirbhiseach fharraid, ciod tha thudol a dheanamh ris na h-òrduighean a dhàithn thusgrìobhadh agus a sheulachadh?”

Cha bu bhàn-rìghinn mi nam biodh mar fhiachabh orm freagairt airson ma ghnìomharra. Ach on a dhfharraid thu e, thamhiann orm mi féin a dhìoladh air na trì oifigich.”

A dhìoladh! carson ag dioghaltas?”

Innsidh mi sin. Chaneil aig ceannard achaisteil ach aon sùil, ’s chan eil uair a thachras e orm nach cuir a eagal orm. Tha gràin mo chridhe agam air ceannard nan seirbhiseach, a chionn gum bi emaoigheadh maighdeannan is maisiche na misechur chugadsa; agus seanalair an airm, tha esan afaotainn tuilles achoir de dchomunn-sa. Chan fhaighear a latha nodh-oidhche thu ach anns achàmp.”

Ro-mhath, ro-mhath,” arsa Nìnus, agus e gàireachdaich. “ ’s gasdan riasan sin.”

Thainig a nis na stàtachas na h-urracha a steach, ’s gach fear agus tiodhlac aigechum na bàn-righinn. Thug cuid dhi clacha luachmhor, cuid eile blàithean agus measan, ach na tràillean aig nach robh dad ra thabhairt cha dthug ìad seachad ach ùmhlachd. Bann diu so triùir bhràithrean a thainig le Semiramis o Chaucasus, agus a shàbhail a mnathan-comhaideachd o thigeir. ’Nuair thainig iadsan dlù don rìgh-chathair, arsise, “Am bheil tiodhlac idir agaibhse dur bàn-rìghinn?”

Chan eil agamsa,” arsan ceud fhear, O bhàn-righinn! ach mo bheathachum do dhìon.”


[129]

Chan eil agamsa,” arsan dara fearach mo chlaidheamh, a mharbhadh do naimhdean.” “Chan eil agamsa,” arsan treas fear, “ach an ùmhlachd agus an t-urram air an airidh do làthaireachd.”

A thràilleanarsa Semiramis, “Is sibhsethug chugam na tiodhlacan as luachmhoire na càch uile, agus cha di-chuimhnich mise e. Thusathairg do chlaidheamh gu mdhìon, thoir an litir so gu seanalair an airm, feuch ciod a ni e air do shon. Thusathairg do bheatha leagadh siosn am aobhar, thoir an litir so gu ceannard achaisteil, feuch ciod a ni e air do shon. Thusathairg dhomh an ùmhlachd agus an t-urram a bhuineas do mlàthaireachd, thoir an litir so gu ceannard nan seirbhiseach no luchd-frithealaidh na lùchairt, feuch ciod a ni e air do shon.” Cha robh Semiramis riabh cho àluinn agus cho rùnach am beachd Ninuiss a bha inis. Thainig fear da luchd-comhaideachd a steach agus o nach drinn en graide rud faoin air chor eigin a dhàithn i dha, dhorduich in ceann a sguidseadh dheth; cha luaithethubhairt na bha e deanta!

Cha do chuir so smuairein air Ninus, lean e féins i féin air seanachas gus an robh achuirm deas. Bi sin achuirm a bha sòghail, ròiceil, cosgail! Nuair thainig Semiramis don t-seòmar mhór, thug fear de na seirbhisich dhi air trìnseir ceann achullaich, no achaillteanaich eas-umhail. “Ro mhatharsise, “cuir air ruinn bior iaruinn e ann an cùirt na lùchaìrt, far am faicear e, agus seas làmh ris ag éigheach ris gach neach a theid seachad, ‘Bhan duine leis am bu leis an ceann so beò trì uairean roimhe so, ach a chionn nach-dthug e làn-ùmhlachd do dh-àithne na Bàn-righinn chaidh a cheann a sgaradh ocholuinn. ’”

Bhanis am bòrd air a chuibhrinneachadh, ’s gach deas, shuidhich Semiramis na maithean an aghaidh gach riaghailt a chunnacas riamh roimhe; chuir i Ninus aig casaibh a bhùird, cha drinn Ninus ach gàire ris a so, ni, ’nuair chunnaic càch shuidh iad sìos gach aon far an diarr i air. Chuir inan suidhe làmh rithe féin an triùir bhràithrean bochd á Caucasus. “An drinn na ceannardanarsisemar dhorduich mi dhoibh?” “Rinn, O Bhànrìghinn!” arsan triùir bhràithrean.

Thug an t-ard ghille-buird acheud mhias don Righ mar bhachleachdadh aige, ach nuair chunnaic Semiramis so dhorduich i a thiota a sgiùrsadh!

Nuair bhachuìrm mhór a nis dlù air bhi thairis, dheirich Semiramis, agus arsìse, le guth oscara,— “A mhaithibh, agusuaislibh! Tha aon stàta s achomunn nach dthug tiodhlac a chum na Bàn-righinn an diugh.”

esan?” arsa Ninus, ’s e fàs gruamach, “ ’s éigin peanas a thoirt as.”

S tusa féin, a Ninuis, an ceart duine, ciod an tìodhlac a thug thusa don Bhànrighinn an diugh?”

Dhéirich Ninus on bhòrd, ’s chaidh e chum na Bànrighinn, a chur cagarna cluais. “Faicibharsiseaon da h-ìochdarain acur tàmailt air aBhànrighinn!” “Tha mi air mo ghlùinibh ag iarraidh maitheanais ort a Bhànrighinn àluinn,” arsan rìgh, “thoir maitheanas domh; agusarsesan ann an guth ìosal, “bfhèarr leam gun robh crìoch air aghnothach so.”


[130]

Ciod?” arsise, “am bàill leat gum biodh crìoch cheana air mo rìoghachd? Ach chan eil, tha uair an uaireadair gun ruith do mùine fathast, agus tha micur romham buil mhath a dheanamh dhiu. Eiricharsise ri Ninus, “chan eil maitheanas air do shon; dean deas airson bàis!”

A bhean aimlisgeach,” arsa Ninus, ’s e fathast air a ghlùinibh— “ach chan fhadamhaireas so, tha do thoil féin agadsan diughs bidh i agamsamàireach.”

Cha bhi corruich ort, tha dòchas agam,” arsise, ann an leth-chagar, “ged bheir mi aon ordugh eile seachad.”

Cha bhìarsesan.

A chaillteanaich,” arsise le àrd-ghuth,” deanaibh greim air an duine so, eadhon air Ninus!”

Rinn Ninus fiamh ghàires leig e leò greim a dheanamh air.

Thugaibh a mach don chùirt earsise, “biodh gach deas, agus fanaibh gus an toir mise ordugh dhuibh.” Thuirt in sin ris an triùir bhràithrean bochda ann an cagar, “gach fear ga phost.”

A Bhànrighinn àluinn,” arsa Ninus le fiamh-ghàire, than latha tighin gu crìch, ’s tha earbsagam gun cuir thu crìoch mhath air,” agus esanan dùil fad na h-ùine nach robh i ach ri fala-dhà.

Thamhiann orm sin a dheanamh,” arsa Semiramis; “ ’Illean, ’sguidsibh an ceann deth,” Mum buileach a bham focal as a beul thug ceann an rìgh glag air an t-sràid! bham buille cho grads gum faicte fiamh aghàire fathast air a ghnùis!

A nis,” arsa Semiramis, “is mise bànrighinn Asiria; agus firionn no bainionn nach dean mar dhiarras mise, theid a cheann acheart rathad a chaidh ceann a chailteanaich eas-umhail, agus ceann an rìgh!”

Sin agaibh, a Theachdaire, sgeul a thachair o chionn mu thuaiream trì mìle bliadhna! Theagamh gun abair cuid de mhnathan na Gaeltachd nacheil ann ach spleódhraich. Chaneil a fhreagairt agam achmas a breug uam es breug chugam e.” Tha fios aig an t-saoghal gum bi Semiramis a a rinn Babilonna bhaile cho barraichte mhòr ged rinn Nebuchadnesar a dhà uireads a rinn ise.

Air mo shon féin deth tha min amharus gum bu Bhana-Ghael Semiramis; bhuineadh i do na beannta móra ris an abrar Caucasus. Tha Herodotus, neach a sgrìobh 400 bliadhna roimh theachd Chrìosd, ag ìnnseadh mu bhlàr fuileachdach a thugadh air na sléibhtibh sin, agus is ann uaithe so a theirear Caucasus no cath-uca riutha. Tha mnathansan dùthaich sin a dheanadh an ni ceudna an diugh, agus mur biodh an soisgeul, againne theagamh nach bfhèarr sinn na iadsan.

MACTALLA.

Ceud mhìos an t-Samhraidh, 1836.

[Chaidh no leanas air an ath dhuilleig a thoirt o Eadar-theangachadh (nacheil fathast crìoch- naichte) air leabhar àraidh sam bheil Gràs agus Fìrinn no Glòir agus Lànachd an Fhir-shaoraidh air am foillseachadh o Shamhlaidhibh an t-Seann-Tiomnaidh, agus gheibhear bladh gach Caibdeil de ann am briathraibh aithghearr o mhìos gu mìos anns an Teachdaire.]

title4
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page