I.
AN CEUD ’S AN DARA ADHAMH.
’NUAIR dhearc an Cruithear air tùs air na nèamhan a’ deàlradh ’nan uile ghlòir, agus air an talamh, ait ’na àilleachh féin, bha iasg san fhairge, eunlaith san athar, agus ainmhidhean sa’ mhachair; ach cha robh bith aig creutair reusonda, is iomchuidh araon chum riaghladh thairis air oibribh eile a’ chruthachaidh, agus conaltradh a chumail r’a Chruithear. “Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine do dhuslach na talmhainn agus shéid e ann an cuinneinibh a shròine anail na beatha; agus dh’ fhàs an duine ’na anam beò.” Gin. ii. 7. ’S iad so briathran Mhaois, agus tha sinn a rithist a’ fiosrachadh o Phòl gu’n robh an ceud duine d’am b’ainm Adhamh, “ ’na shamhladh air an Ti ud a bha ri teachd.” Rom. v. 14.
A nis gabhamaid beachd air na cùisibh sin sam bheil samhladh aig a’ cheud ris an dara Adhamh, agus cha deacair an toirt fa’near, co dhiù a bheachdaichear air Adhamh mar an ceud duine, an ceud athair, no’n ceud cheann-cùmhnanta; agus mosgladh ar smaointean mu’n Tì ghlòrmhor ud a sgaoileadh amach cho trà—agus ar n-ioghnadh mu dhoimhneachd roimh-eòlais Dhé a dh’ orduich cùisean air sheòl ’s gu’m biodh eachdraidh a’ cheud duine a bha o’n talamh, mar fhàisneachd air an dara duine an Tighearna o nèamh.
An toiseach, a thaobh cruthachaidh ar ceud sinnsir; b’e Adhamh an ceud duine ann an saoghal nàduir, ’s air dha bhi air a dhealbh o’n duslach le làimh a’ Chruitheir féin, bha e gun athair ’s gun mhàthair, a gus ann an seadh sònruichte goirear dhe Mac Dhé. Luc. iii. 38. Bu chreutair nuadh e, aig nach robh coimeas no ionann’ an oibribh faicsinneach Dhé, oir bha ’phearsa, a tha co-sheasamh do chorp faicsinneach ’s do dh-anam neo-fhaicsinneach, air a dealbh a réir ìomhaigh Dhé, a tha gu h-àraidh a’ co-sheasamh ann an eòlas, ann am fireantachd agus ann an naomhachd. Anis nach soilleir gur h-e Criosd, an dara Adhamh, an ceud-ghin am measg móran bhràithrean ann an saoghal nan gràs, air dhà bhi gun athair mar dhuine—gun mhàthair mar Dhia. Dhealbhadh a chorp (cha b’ann o’n duslach ach ann an dòigh cho mhìorbhuileach) agus cho luath ’s a dh’ aonadh anam reusonda ris am broinn na h-Oighe, ghabhadh le chéil’ iad o’n cheart àm sin an aonachd ri pearsa dhiadhaidh a’ Mhic; agus gu h-iomchuidh ghoireadh do’n nì naomh sin a rugadh leatha, Mac Dhé. Luc. i. 35, an “nì nuadh a chruthaicheadh air an talamh.” Ier. xxxi. 22. Cha’n fhaod naoimh no aingil coslas ris an Diadhachd agairt mar dh’fhaodas an duine Iosa Criosd, oir có de na h-ainglibh do’n do ghoireadh deàlradh glòir an Athar agus fìor-ìomhaigh a phearsa? no ris an d’thubhairt an t-Athair uair air bith, “Is tù mo Mhac-sa, an diugh ghin mi thu?” Eabh. i. 3. 5. Dh’ fhaodadh samhladh a bhi aig Adhamh ris a’ Chruithear mar th’ aig an ìomhaigh air a’ chùinne ris an rìgh air a’ chathair, ach tha coslas Iosa ri Dia mar an samhladh a th’ aig oighre ’chruin r’a athair rìoghail air dhà bhi araon cosmhuil ris agus de’n aon nàdur agus de’n aona ghnè, agus ged thig gach samhladh ro ghèarr air pearsa Immanueil
A rithist b’e Adhamh ceud righ an t-saoghail, oir rinn Dia e beagan ni b’ ìsle na na h-aingil, agus chrùn se e le glòir agus le h-urram, chuir e gach nì fo ’chosaibh, caoraich agus buar agus ainmhidhean na machrach; eunlaith nan speur agus iasg na mara a shiùbhlas air slighibh nan cuan, Salm viii. 5–8. Ach bu diombuan an uachdaranachd so a bh’ aig rìgh na talmhainn, oir “air dha bhi ’an urram cha do mhair e.” Ach ann am pearsa Chriosd, a tha ’na Dhia agus ’na dhuine, tha ’n ceud thighearnas a bhuineadh do’n duine air a làn aiseag, oir rinneadh c ’na cheann thar nan uile nithe do’n eaglais anns na h-ardaibh agus anns na doimhneachdaibh.” Ged a b’ fharsuing uachdaranachd Adhaimh cha robh i uile-choitcheann, ach tha rìoghachd Chriosd a’ riaghladh thar nan uile nithe agus “air fàs ’uachdaranachd agus air a shìth cha tig crìoch.” Is. ix. 7.
Bheir sinn a nis fa’near pòsadh ar ceud athar. Chunnaic Dia nach robh e math gu’m biodh an duine ’na aonar; agus thilg se ’n tróm-chadal e, dh’ fhosgail e ’thaobh, thug e aisinn as; agus dhealbh e bean uaithe—dhùin e ’n lot; agus air do ’n duine dùsgadh, dh’ aidich e ’n tiodhlac ro phrìseil so a bhi ’na cnàimh d’ a chnàmhaibh agus ’na feòil d’a fheòil. Air an aobhar sin, arsa Maois, fàgaidh fear ’athair agus a mhàthair agus dlù-leanaidh se r’a mhnaoi. A nis is eachdraidh fhìor so; ach tha’n t-Abstol ag ràdh gu ’m bheil na briathran air an labhairt mu Chriosd agus m’an eaglais, Eph. v. 32. agus thugamaid so fa’near. Dheònaich an dara Adhamh dol gu cadal a’ bhàis chum bith agus beatha thoirt d’a chéile ghràdhaich an eaglais a’s màthair dhoibhsan a ta da rìreadh beò. Cha b’ ann le h-aois no le h-euslaint a thilgeadh ’an cadal a’
San aite mu dheireadh, b’e Adhamh an ceud cheann-cùmhnanta sheas ’an ionad a’ chinne-dhaonna, agus tha chuis so comharraichte ann an iomadh earrann do’n sgriobtur; agus mun do liùbhradh an lagh do Mhaois is cinnteach gu’n d’thugadh lagh do dh-Adhamh, do bhrìgh gu’n do rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, agus dh’ fheumadh gu’m biodh lagh ann tre ’n d’ rinn am bàs so rìoghachadh, oir cha chuirear peacadh á leth duine far nach ’eil lagh, Rom. v. 13. Bha’n lagh ann mata mun d’ fhuaimeadh e o Shinai, eadhon lagh nan oibre anns an robh Adhamh ri seasamh air a shon féin agus airson a shliochd, ach tha fios againn air an ni mhuladach sin a thachair. “Ach mar tre easumhlachd aon duine a rinneadh móran ’nam peacaich, is amhuil sin tre ùmhlachd aon duine, a nithear móran ’nam fireanaibh.” Rom. v. 19. Thug an ceud Adhamh eas-umhlachd do’n reachd a b’ eutruime, ach thug an dara Adhamh ùmhlachd do’n àithne bu chruaidhe. Air do’n cheud Adhamh a bhi ’na dhuine, mhiannaich e bhi mar Dhia; air do’n dara Adhamh a bhi ’na Dhia fhuaradh e an cruth mar dhuine. Thug an diabhul ionnsuidh air a’ cheud Adhamh sa’ ghàradh agus thug e buaidh air; thug e ionnsuidh air an dara Adhamh san fhàsach ach cha d’ thug e buaidh, ’Nuair bhris Adhamh aon àithne bha e ciontach do’n iomlan; ach air do’n dara Adhamh an lagh a choimhead uile dh’ardaich se e agus chuir e urram air. Cho luath ’s a tha sinne teachd do’n t-saoghal mar chloinn do Adhamh, tre ghineamhuinn nàdurra, tha sinn a’ bàsachadh airson peacaidh nach b’urrainn sinn a chur an gniomh; ach cho luath ’s a tha sinn a’ teachd gu bhi nar cloinn do Chriosd tre ath-ghineamhuinn tha sinn beò tre fhìreantachd nach bu chomasach sinn féin oibreachadh amach. Ann an Adhamh tha sinn air ar dìteadh airson aona pheacaidh, ach ann an Criosd tha sinn air ar fireanachadh o lochdaibh gun àireamh. Sa’ cheud leabhar do’n Bhìobull chì sinn cho neo-chomasach ’s a bha’n ceud Adhamh air beatha ’s air sonas aiseag d’a shliochd, agus mar a dh’ fhògradh e féin o chraoibh na beatha; ach, san earrainn mu dheireadh do’n leabhar naomh, tha sealladh againn air an dara Adhamh ’an ionad ni’s glòrmhoire na ’n gàradh sona, agus e’ cur an céill, “Do’n ti a bhuadhaicheas bheir mise r’a itheadh do chraoibh na beatha a tha ann am meadhon phàrrais Dé.” Taisb. ii. 7.
Gu ma beannaichte gu’n robh ainm ar Dé, a chionn gu’n deachaidh an ni sin a chaill an ceud Adhamh a làn-aiseag dhuinn leis an dara Adhamh; oir mar ann an Adhamh a rìoghaich am peacadh chum bàis, mar sin rìoghaich gràs tre fhìreantachd chum na beatha maireannaich, tre Iosa Criosd ar Tighearna. Rom. v. 21, a thainig cha’n e ’mhàin chum ’s gu’m biodh beatha againn ach “a chum ’s gu’m biodh i againn ni bu phailte.” Eoin x. 10.
A. M.
An Calbh Muileach.
Gheibhear eachdraidh Noaih a réir ’s mar a bha e ’na Shamhladh air an t-Slànuighear, air an ath mhìos.
title | 5 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |