[134]

NAIMHDEAN NA H-EAGLAIS.

A Theachdaire Ghaolaich.

Tha e afadadh tomhas nach gann de shòlas ann am chridhe bhi cluinntinn gu bheil an Teachdair asoirbheachadh, agus gu bheil a chairdean dìleas asìor dholan lìonmhorachd. Tha làn chinnt agaibhse nacheil sinnefaicinn phaipeirean-naidheachd anns na cearnaibh iomallach so, agus ge do bhiodh iad air an leughadh dhuinn is ro ainneamh iadnar measg a thuigeadh lide dhiubh. Air an aobhar sin bhiodh e anabarrach sòlasach leinne gun tugadh sibhse dhuinn o àm gu àm cùnntas soilleir aithghearr mu na gnothaichean cudthromach tha dol air an aghart anns an rìoghachdair mhodh sònruichte san Eaglais. Ma chreideas sibh mise, chan eil e chum buannachd sam bith do luchd-àiteachaidh nam beann a bhi lionadh duilleagan an Teachdaire le duanagan air an eadar-theangachadh on Bheurla. Tha gu leòir againn do dh-òrain is blasda agus is mìne na duanag eadar-theangaichte a nochd a gnùis reasgach Shasunnach riamh air taobh duilleige. Thugaibh dhuinne nithe a sgapas air falbh an tiugh-dhorchadas tha ag iadhadh mur tuigse agus chan iad nithe dhfheudas diogailte dhùsgadh agus an càirein a rùsgadh, ach nach toir lòn don inntinn air am feud beò chìocras a bhi an geall air eòlas tarbhach.

Chuala sinne le mór chràdh-cridhe agus le h-ioghnadh, gu bheil buidheann lìonmhor, gharg, ghuineideach do mhinisteirean anns an taobh deas, air dol ann an co-bhoinn, gun do chuir iad iad fèin fo mhionnachadh agus fo mhallachadh, nach toir iad cadal dan sùilibh no clò-chadal dan rosgaibh, gus an tilg iad bun os-ceann gach clach agus maide ann an eaglais na h-Albagus an saltair iad len casaibh air a turaidean arda, air a ballachan naomha, agus air a lùchairtean uasalgus an glan-spùinn iad i dhen oighreachd bhig a dhfhàgadh aice leis na daoine naomha, urramach, a dhóirt gach braon do fhuil an cridheachan caomha chum a togail, o chionn cheud bliadhna. A réir an sgeòil a chuala sinne, tha na daoine so abruadar gu bheil e peacach mi-reusonta, agus calg-dhìreach an aghaidh aBhìobuill gum biodh eaglais sam bith air a cumail suas le uachdarain na rìoghachdgur i eaglais na


[135] h-Alba abhan-strìopach mhór tha air a h-ainmachadh ann an leabhar an Taisbeanaidh, a rinn strìopachas ri rìghrean na talmhainn, agus tha air mhisg le fuil nan naomh. O! na h-innsibh e ann an Gat, na deanaibh luaidh air ann an sràidibh Asceloin, &c.Am bheil fios ciod achearna don speur asn do bhoillsg an t-sradag choimheach so air claon shùilibh prabach nan creachadairean an-iochdar so? O! a Wichliff fhirinnich, a Hamilton naoimh, a Chramer dhìlis, a Luther thréin, a Chalbhin gheur-sheallaich, a Mhelbhil fhoghluimte, agus thusa, Iain Knox, a leómhainn ghaisgeil, nach dthug aoidheachd riamh ann ad chridhe mór do cheilg no do gheilt! Ciod an druidheachd a luidh oirbhse, a chòmhlain euchdaichciod an ceò doilleir a chòmhdaich bhur sùilean, an uair, an déigh dhuibh am Bìobull a rannsachadh, le urnuigh dhùrachdaich le dealas naomha, agus le ard fhoghlum, nach fhaca, nach do thuig, agus nach do mhothaich sibh riamh, gu bheil e ciontach, eucorach, mireusanta, don rìgh a ghnùis a thoirt do dh-eaglais Chriosd air thalamha chumhachd a chleachdadh a chum an soisgeul bhi air a shearmonachadh, gun airgiod agus gun òr, do na bochdan, do da doill, do na crioplaich, agus do na truaghain, a chum gum biodh an dall air a shoillseachadh, an t-anfhann air a neartachadh, an tràill air a shaoradh, agus na caoraich tha air seacharan air beanntaibh doilleir an diomhanais, agus than cunnart bhi air an reubadh as a chéile le sionnaich fhuilteach na h-ifrinn, a philleadh a dhionnsuidh achrò aig am faigh iad ionaltradh sultmhor?

Ma cheadaicheas an t Ard-riaghlair dona spùinneadairean cruaidh-chridheach so an rùintean puinnseantachur an gniomh, agus Sion a ghràidh a shaltairt fon casaibh neo-ionnlaidte, O! ciod a dhéireas dhuitse a dhùthaich bhochd nam beann? —a dhùthaich mo dhùchaisa dhùthaich mo leanabaisa dhùthaich mo ghaoil, mo shinnsearachd, agus maoibhneisanns an dfhosgail mi an tùs Litir-dhìlib mo Shlànuigheiranns an cuala mi an toiseach an fhuaim tha aoibhneach ait, agus air am bheil grian an àidh adeàrsadh an diugh le neart agus le soillse nacheil coitchionn ann an Eilean Bhreatunn?

O! ciod an sgal goirtaghaoir mhuladacham fàsgadh-dhòrn, agus an cràdh-cridhe, bhitheas ra fhaicinn agus ra chluinntinn ann ad ghleanntaibh uaigneach, agus air do shraithibh uaine, an uair anns an dean na creachadairean farmadach so buaidh chaithream os do cheann, agus an abair iad mar thubhairt muinntir o shean, Aha, Aha, thug sinn buaidh! O! is e sin an latha tha duibh-nialach, an latha tha sgalach, an anns am faicear na deòirnan tuiltean aruith le gruaidhean do mhac aosmhor, an latha anns an taisbean gnùis tòigridh chalma shubhailcich tomhas do dhubhachas nach do luidh riamh roimhe orra; an latha bhitheas dhuitse mìle uair nas cianaile, agus nas sgriosaile, na ged shéideadh anail chruaidh reòta Greenland, fad na h-oidhche, ann am mìos meadhonach an fhogharaidh, air tachaibh bhòidheach fon làn déis! Ach cha do chaill sinn idir ar misneach, cha do mheataich ar cridheachan fhathast. Tha Ceannard mór ar Sioin làn chomasach air comhairlean Ahitopheil a thiunndadh gu amaideachd, agus air an dòchas baoth a thur-mhealladh. Tha ar cairdean mu dheas lìonmhor, fòghluimte agus gaisgeil, agus tha mo chridhe adannsadh le aoibhneas


[136] do bhrìgh gun do chuir iad umpa an armachdgu bheil iad fo shàr cheannardangu bheil am freiceadain dìleas ri faire, agus gu bheil iad atogail suas ballachan an teampuill leis an dara làimh, agus acumail air falbh an naimhdean leis an làimh eile. Is duilich leam nach eil e comasach dhuinne cómhnadh a dheanamh leò anns an t-seadh so. Ach feudaidh sibhse innseadh dor cairdean gràdhach ann an Glascho, air mhodh sònruichte do Thormaid Og, do Sheumas Gibson, do Raibart Buchannan, ma thig an sin mun cuairt a chaoidh anns an éigin duinn uile éiridh a dhìon ar sochairean, gu bheil cheud mìle gaisgeach treun ann an tìr Oisein, tha air an cospagan gu dol san strìgh, len cridheachan calma, len claidhean móra lìomhte, lem biodagan beura, lem boineidean gorma, len éile cuaicheanach, agus len osain bhalla-bhreac, a théid cho deòthasach ri uchd an nàimdeans a chruinnich ar seanairean aig ceann Loch Seile, mun cuairt air brataichean sìoda Thearlaich asrannraich mun cluasan! Air leam gu bheil mi adearcadh air na gaisgich lùth-chleasach so air an cruinneachadh air aon dail, fon airm agus fon éideadh dhùchasach, cliath-luth nam bas chrann spòrsail astròiceadh fàiltePhrionnsanan éisdeachdan sùilean afàs colgach, an gairdeanan neartmhor an rithe, claidheamh lannrach achinn-Ilichnan glacaibh turcaiseach, agus ìota falanach air gach cridhenam measg. Air leam gu bheil migam faicinn a sgioblachadh an éilidh, agusgan cluinntinn atogail ard-iolach, agus amaomadh air an nàimhdean mar mhaoim-sléibhe aig am bheil fuaim tairneinich, a thag iomain roimhe gach clach is maidethàrlas a bhi san t-slighe!

A nis a Theachdaire, tha mi arùnachadh an trómpaid a shéideadh gu h-ard, agus caismachd shoilleir a thoirt do mluchd-dùthcha mun chùis so, a chum nach bi iad nas fhaide air am mealladh leis an dream a dhéirich an aghaidh eaglais na h-Alba. Tha cuid dhiubh so adol mun cuairtnar measg-nenan ruagalaichean miodalach, agabhail orra gur e ar math tha aca san amharc, afaotainn aoidheachd uainn gu cridheil, agus air acheart àm asealgaireachd oirnn, agus ag iarraidh ar tarruing air falbh on eaglais sin tha nis gràdhaiche leinn na fuil ar cridheachan. Biodh e aithnichte dhuibhse air fad, a luchd-àiteachaidh nam beann, an uair a chì sibh fearan t-seòrsa sodol mun cuairt gu bheil e air a chur a mach le buidhinn tha ri spàirn gach latha chum bhur n-eaglais a sgrios. Chan eil teagamh nach bi e sìbhalta car tamuillnur measg, ach thugaibh an aire, leigibh leis searmonachadh do na cnuic, na tugaibh bhur gnùis dha. Ach séiginn domh ìnnseadh dhuibh nacheil na Baistich don t-seòrsa so, ni tha na Methodists dhiubhcha do thog iad so an guth an aghaidh eaglais na h-Alba.

A nis, a Theachdaire, ma tha misemearachd anns na nithibh alabhair mi, cuiribh ceart mi, oir chan eil mi ach aineolach.

Ma bheir sibh àite don litir so anns an ath Theachdaire, bidh mi fadanur comaine, agus feudaidh e bhi gun cluinn sibh uam an ùine ghearrSlàn leibh!

Is mise bhur seirbhiseach dileas

AILEIN NA BEINNE.

AIRD-AN-TIOBAIRT, Mios deireannach an earraich, 1836.

title6
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text6
<< please select a word
<< please select a page