CUMHADH DHAIBHIDH OS CEANN SHAUIL AGUS IONATAIN.
2 Sam. 1. 19–27.
O! tionnsgain m’ fhonn le tùrsa tróm gu luaidh,
Oir thuit an Rìgh, ’s cha phill o mhìle buaidh;
A’s Israel siar, a mhais’, a mhiagh ’s a threòir
Luidh air an t-sliabh; ach dheàrs a ghrian ’s a ghlòir,
’S a shléibhtean uain’ m’ an tric rinn suaimhneas tàmh,
Cha chluinn ach fuaim a’s caithream buadh’ nan nàmh,
Biodh tosd san t-saogh ’l—oir thuit na laoich le ’m beum,
’S air slios nam beann tha ’n sgiath ’s an lann gun fheum,
’S their Gat nan dé Mo ghaisgich fein thug buaidh,
A’s Iudah ghéill biodh ainm a dhé gun luaidh,
O shléibhtean àigh an dealta thlà cha bhraon
Mu’r slios gu bràth, ’s a mhaise dh’ fhàg an raon,
Oir thuit na slòigh—bha ’n sgiath gu ’m fòir gun stà,
A’s shearg fo leòn am mais’, am beò ’s am blàth;
Thuit Righ nan euchd—thuit òg nam beus, gun bhuaidh,
’S an tosd a’ bhais a measg an àir tha ’n uaigh,
Ach ’s tric a sheinn an saighde srann sa’ bhlàr,
’S a bhoillsg an lann, le sgrios do nàimh san àr.
Bu ghràdhach caoin, ’nam beò, na laoich, a’s thréig,
A’s thuit iad còmhla ’s luidh fo leòn an éig.
Mar fhìreun speur bha ’n lùgh an reidh nam blàr,
’S mar phrionns’ na frìthe treun gu strìgh nan àr.
A nìgh ’nan Iudaih togaibh tùrs’ le deòir
’S ur caoidh m’ an Righ a dhìol dhuibh rîomhadh òir,
A dhreach ur n-àille ’n éideadh b’ àraidh sgiamh
’S a shoillsich sròl nan leug bu bhòidhche fiamh.
C’uim thuit no slòigh bu bhoillsgeil glòir fo ’n cruaidh,
’S am bratach ghéill be Treòir an treun gu buaidh?
’S an gairdean treun bu reachdmhor beum gun chlì,
’S an fhior-shuil fann a bhoillsg mar lann san strìgh;
’S O òig nam beus! a thuit fo bheum nan daoi;
Bu chaomh rium féin, ’s tu fàth mo dheur ’s mo chaoidh,
An òg-bhean chiùin cha taisbein tùs a gràidh,
D’a céile òg mar nochd thu dhòmhsa bàigh.
Tha cràdh ’ga m chlaoidh ’s O ’s tric le d’ chuimhn mo dheòir;
Mo chreach! mo chràdh! tha ’m fiùran àigh gun treòir!
C’uim thuit na slòigh? bha ’n sgiath gu’m fòir gun stà,
A’s shearg fo leòn am maise, ’m beò ’s am blàth.
Their Gat nan dé Mo ghaisgich fein thug buaidh;
A’s Israel ghèill—biodh ainm a dhé gun luaidh,
Ach Iudah ait gu’n seinn ’nuair ’s frasaich’ deòir
’S e Triath nan speur mo Thaice Threun ’s mo Threòir.
A. M.
An Calbh Muileach.
title | 7 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 6 |