AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH.
MIOS NA CIÙINE.
VII. AIREAMH.
COMHRADH NAN CNOC.
Lachunn Bàn ’s na gillean a’ leigeil an analach a’m fasgadh Creag-an-fhithich an déigh an fheannag bhuntàta ’chur—Seorus-nan-Long astar beag uapa, agus Seonaid-mhór a’ gabhail a nuas an cladach agus a’ dlùthachadh ri Seòrus.
Seòr.
Nam faicinn thu tighin,
’S fios agam gur tù bhiodh ann,
Gu’n éireadh mo chridhe
Mar dh’ éireadh a’ ghrian air a’ ghleann.
O Fàillirin ìllirin uthoro àillirin ò;
’Si m’ eudail-sa Seònaid òg,
Banarach fheòlmhor nam bò.
Banarach cheòlmhor nam bò a b’ àill leam a ràdhainn—fàilt’ ort a Sheònaid— ’s math a fhuair thu mach cùil nan gillean.
Seòn. ’S furasda do chùil-sa fhaotainn a mach fhad ’s a tha fannan soirbheis ann a ghiùlaineas air a sgiathabh boladh an tombaca agus fàile na tearra.
Seòr. So so a Sheònaid dean suidhe ’s innis domh ciod a th’ agad a’d mhurlaig.
Seòn. Tha agam faochagan ’s cailleagan ’s maorach-bàn ’s bàirnich ’s mùsgain; ’s ma thrusas tusa connadh ’s ma dh-fhadaidheas mise gealbhan beag ann an so taobh na craige, gheibh thu do chuid diubh.
Seòr. Dean suidhe ’s nì mi sin—chuir mi buachaille nan laogh a dh-iarraidh éileig a lasadh mo phìoba ’s bidh e’n so a thiota. Nach dean thu suidhe! tha thu co fhiadhaich, mhoiteil, choimheach ri seann ròn. So so, dean suidhe!
Seòn. ’S tu féin a bheireadh an coimeas bòidheach. So matà, ciod a th’ agad r’a ràdhainn? ’S ladhach fasgach a’ chùil so féin, air chùl gaoithe ’s ri aodann gréine.
Seòr. ’Seadh a Sheònaid, far ann faic thu gach neach ’s nach faic neach thù—O ’s bòidheach an ràidhe an t-earrach! tha tùs a’ chéitein mar gu’m biodh e a’ deanamh balachan dhiom féin—dheanainn caoineadh no dannsa air a’ cheart àm so. Is mìorbhuileach cumhachd an earraich! a’ dùsgadh càil an t-saoghail ’s na h-uile a’ caochladh fiamh—an snothach a dìreadh tre chuislibh nan craobh—a’ bhiolaire, na seamragan ’s na neònainean a’ togail an cinn—na h-eòin bheaga bhuchullach bhachullach òr-bhuidh a’ beadradh o phreas gu preas a’ suirdhe ’s a’ sùgradh gu mireagach éibhinn—
“Chì mi na h-eòin, chluinn mi na h-eòin,
Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach bhinne
Chì mi na h-eòin chluinn mi na h-eòin”
Seòn. ’S fhada bhuaithe sin, ach a Sheòruis tha thu cur iongantais orm—cha b’ fhiosrach riamh mi gu’n robh cumhachd labhairt agad mar tha mi ’faicinn a thà—cha labhradh am ministeir no fear-na-h- Airde féin na b’ fhèarr! —ach c’uin thainig spiorad na bardachd ort?
Seòr. Cha ’n eil fios agam ciod an spiorad a th’ ann, ach a Sheònaid cuimhnich thusa so, bha mise ceithir bliadhna gun earrach fhaicinn ’s gun eun a chluinntinn, gun bhlàs no teas gréine fhaireachdainn, ach fuachd a’s dùdlachd a’s geamhradh a’s gaillionn, sneachda ’s reothadh.
Seòn. Nach robh na gruagaichean Eisgimòthach le’m brigsean leathraich agad gu labhairt riutha?
Seòr. Coma Sheònaid cia dhiù bhà no nach robh—cha chluinn thusa mar bha sin; “an rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe.”
Seòn. Air m’ fhocal cha ghluais e mo chridhe-sa ged robh làn tighe dhiubh agad, ’dé sin dòmhsa?
Seòr. Ud ud! a Sheònaid, có thubhairt gu’n gluaiseadh? ach stad, ciod an deifir a th’ ort? freagair mi aon fhocal ’s na biodh dol a nùll no nall air a’ ghnothuch, ach freagair mi gu glan soilleir—am pòs thu mi?
Seòn. Am pòs mi thu! seann sgrog bodaich; a sheann rògaire ’se pòsadh a’s lugha tha tighin fainear dhuit— ’s fhada o’n chuala mi “Cha ’n fhuiling am broc ’na shlochd ach e féin.”
Seòr. Broc ann no as, tha iomad slochd is fuaire ’s is gainne na mo shlochdsa—tha mo sgillinn Shasunnach an ceann gach latha dh’ éireas mo thaobh agam—mo chead luidhe no éiridh—fhuair mi croit agus gheibh mi mart, ch có bhleódhnas i?
Seòn. Sgillinn Shasunnach!! Dheanadh sin rud-eiginn do dh-aon fhear, ach ’s beag a’ chuid dithis i, mar thuirt Alasdair Uaibhreach mu’n t-saoghal. —Do chroit, a Sheòruis; matà ’s beag fios a th’ agam féin ciod an fheudail a chuireas tu oirre mur cuir thu ròin oirre, no na mathghamhna no na muca-mara—Có bhleódhnas do bhó? sin rud nach urradh mise ìnnseadh—ach a dh-aona chuid cha ’n eil mart ann am buailidh a leigeadh leatsa do chròg adhairceach a chur air a sine; feuch gu’m bi buarach làidir agad, oir cha seasadh seana mhart maol Gallda a’ mhàidseir féin fo d’ chròig. So so, éireamaid suas far am bheil Lachunn bàn ’s na sgalagan.
Seòr. Cha ’n éirich ceum gus an innis thu dhomh an gabh thu mi. So a nis, a Sheònaid eudail, labhair am focal; an gabh thu mi?
Seòn. Uisd a Sheòruis! na labhair focal tuille—theid mi leat chum na faidhreach di-màirt so tighin ’s labhraidh sinn an sin r’a chéile.
Seòr. Théid, théid a Sheònaid ’s chì thu ciod a bhios aig Donull
Seòn. Sin i agad ach na fàisg i, ach sguir do d’ shuairceas, agus thugamaid Lachunn oirnn.
Seòr. Dean suidhe a Lachuinn thu féin ’s na gillean, ’s theid mi air m’ aghart le eachdraidh an taobh-tuath.
Lachunn. Matà ’s mì ni sin gu h-ealamh, agus is ro thaitneach leam urrad dhéigh a bhi aig Seònaid chòir air fiosrachadh mu na gnothuichean sin—ha ha hā!
Seòn. Coma leibhse có dhiù, a Lachuinn, tha chùis a’ dol gu math mur faod mi éisdeachd ri spleadhraich Sheòruis cho math ribhse.
Seòr. Bha na h-Eisgimòthaich a choinnich sinn air tùs anabarrach faicilleach, amharusach, eagalach; ach chuir sinn fios air seana chearcaill iaruinn, agus thug sinn mìr do gach fear dhiubh, agus ged a b’ òr a bhiodh ann—an t-òr bu deirge dreach, cha b’ urrainn iad a mheas ni b’ airde na rinn iad. Thug so misneach dhoibh agus ghluais iad thun na luinge.
Seòn. Ciod bu choltas doibh? An robh iad dubh, no odhar, no geal?
Seòr. Matà cha robh na truaghain idir grannda—tha mòran do chaoimhneas agus do dheagh-nàdur r’ a fhaicinn ’nan gnùis. ’S beag nach robh cumadh an aodainn cruinn; bha ’n sùilean ’s am falt dubh mar it an fhithich, an gruaidhean làn reamhar pluiceach, agus an craicionn uiread ’s a b’urradh dhuinn fhaicinn deth air dhath a’ chopair.
Lach. Na chuir an long-mhór iongantas orra?
Seór. Chuir, ’s cha b’iongantach sin; daoine truagha aineolach nach fhaca maide a b’fhaide na làn an dùirn a bhata, ’s nach fhaca soitheach no long riabh, cha b’ ioghnadh idir iongantas a bhi orra. Ràinig iad toiseach na luinge air an eigh, agus a’ smuainteachadh gur creutair beò bha innte, chuir gach fear dhiu a làmh air a shròin, chróm iad ain cìnn agus chuir iad fàilt’ oirre agus thòisich iad ri labhairt rithe, a’ feòraich, mar dh’ fhiosraich sinn ’na dhéigh sin, cia as a thàinig i agus cean a bha i ’dol. Shaoil cuid diu gur eun mòr a bh’ innte, agus gu’m b’ iad na siùil na sgiathan.
Buachaille. Tha mi deanamh dheth nach tuigeadh an long Shasunnach a’ Ghailig thuathach a bh’ aig na creutairean bochda.
Seòr. Tamull an déigh sin fhuair sinn an tàladh air bord air an luing. Bha na h-uile nì ’na aobhar-iongantais. Smuaintich fear dhiu gu’m b’ urrainn da aon de na h-acraichean móra thilgeadh air a ghualainn ’s a giùlan air falbh! Nuair chunnaic iad na seòladairean a’ ruith a suas gu bàrr nan crann, thog iad aon iolach ghairdeachais, a’ dannsa ’s a’ leumraich mar gu’m biodh iad as am beachd. Ach ’se nì ’s mò chuir a dh-iongantas orra ’nuair a chunnaic iad sgàthan ’s a dh’amhairc iad ann. Ghabh iad eagal an toiseach, leumadh iad air an ais ’s air an aghart—dh-amhairceadh iad cùl an sgàthain! Cha dealghadh iad ris air chor air bith, ’s a leithid do ghàiricich ’s do ghlaodhaich cha chuala mi riamh, gus an robh cuid diu a’ tuiteam air làr le sgìos.
Seòn. An d’ thug sibh biadh dhoibh?
Seòr. Air t’ athais a Sheònaid,
Seòn. Ubh uthabh! Marbh-phaisg air na trusdair.
Seòr. Na h-abair sin—creutairean co neò-chiontach neo-lochdach ’s a chunnacas riamh—ach ’s éigin domh aideachadh gu bheil iad co salach, ’nan dòigh ithe agus nas sailche gu mòr, na aona mhuc a chunnaic mi riamh. Suidhidh iad aig am biadh air an làr, gun soitheach gun spàin, ach ag itheadh saille ’s blonag lobhta nan ròn air an ùrlar, agus ag imlich a suas na fola mar a dheanadh madadh.
Seòn. An e gu bheil thu’g ràdhainn nach bruich iad ni air bith ach gu’n itheadh iad amh e?
Seòr. ’S iadsan a ni sin—cha leigeadh iad greim feòla ’nam beul a bha air a bhruicheadh, agus ’na dhéigh sin uile bha iad geur, tuigseach, glic, seòlta, tapaidh. Nuair nach b’urrainn doibh fiosrachadh air bith thoirt seachad dhùineadh iad an sùilean— ’nuair nach tuigeadh iad sinn chuireadh iad an corragan ’nan cluasan. Bha anabharra spéis aca do cheòl—ghluaiseadh iad air an ais’s air an aghart, a’ turraman le mòran de choltas toilinntinn.
Lach. An robh thu ’nan tighean a Sheòruis?
Seòr. Matà bhà gu tric, ’s air m’ fhocal b’iad sin na tighean seasgair. Bha iad air chumadh cupa no cuach ’s a beul foidhpe, air an togail le sneachd—taobhain an toabh-stigh do dh-aisnean na muice-mara, agus an sneachd air a charnadh os a cheann air an taobh muigh ’s air a bhualadh gu daingeann r’a chéile; toll no dhà a’ leigeil a mach na deathcha, agus dorus air an imir thu dol a stigh air do smògan; agus anns na frògan so tha an teaghlach uile a chòmhnuidh, fir a’s mnathan a’s clann agus an uile fheudail, ’siad sin na coin a th’ aca a tharruing nan slaod; agus chì thu sean agus òg, fir agus mnathan a’s pàisdean a’s coin ag ithe comaidh ’s ag imlich an ùrlair le chéile.
Seòn. Fhalbh, sguir dheth—thoir thairis da—chuala sinn gu leòir mu’n dòigh ithe; ach a Sheòruis a’ bheil iad pòsda r’a chéile?
Scòr. Sin thu ’Sheònaid—am pòsadh— ’se sin tha tighin fa’ near dhuit-sa; thà iad pòsda, ach ’s ann air aonta no gu ceann ùine shuidhichte, fad thrì no ceithir no sèa bliadhna a réir mar a chordas iad; am boirionnach a tha ’na banntraich agus aig am bheil clann tha meas mòr oirre, agus gheibh i leth-dusan ròn mar thochar o’n fhear.
Sgalag. Air m’ fhocal ’s e sin an dòigh phòsaidh a’s fearr a chuala mi riamh, muinntearras bliadhna no trì bliadhna; phòsainn
Lach. Uisd! ’s mór a’ chulaidh-bhròin a leithid éisdeachd.
Buachaille beag. Ciamar tha iad a’ marbhadh nan ròn ’s gun ghunnaichean aca?
Seòr. Tha fhios agad gu bheil sa’ gheamhradh eigh air a’ mhuir air fad. Ni iad tuill tromh ’n eigh agus suidhidh iad a’ faire nan ròn fad latha ’nan sìneadh taobh an fhasgaidh de ’n toll, agus co luath ’sa chuireas an ròn suas a cheann grad sparraidh iad lann ann. Chunnaic mi fear a mharbh leth dusan diu air aon latha mar so, agus tha ribeachan aca maraon a tha iad a’ cur na h-uile oidhche airson nan sionnach agus bheathaichean eile, agus tha iad anabharrach seòlta agus innleachdach ’an glacadh bheathaichean do ’n t-seòrsa so agus gu h-àraidh air glacadh éisg.
Sgalag. Ciod an seors’ éisg a th’ aca?
Seòr. Am pailteas bradain. Chunnaic mi Caiptein Ros agus a dhaoine a’ tarruing dà chiad agus trì ciad bradan aig bun aibhne le aon sgrìb lin; agus tha aona bhuaidh an lorg an fhuachd sna cearnabh sin, nach ’eil feum air salunn. Cha ’n eil aca ach an t-iasg no feòil nan ròn a chur fodha san t-sneachda gu math domhain, agus gleidhidh e bliadhnaichean gun ghrodadh.
Sgalag. Ach an d’ ràinig sibh am Pole, cridhe an taobh tuath?
Seòr. Matà rainig a’ cheart àite, air a’ cheud latha de mhios-meadhoin an t-samhraidh.
Buachaille. An robh am Pole a nis anabharrach ard?
Seòr. Ard, a bhurraidh! ’Bheil thu air bharail gu bheil maide ard mar gu’m biodh crann soithich, ann? Cha ’n eil: cha robh uiread agus monadh no cnoc ann, ach aon fhàsach fiadhaich creagach.
Sgalag. Ciamar thuig sibh gu’n robh sibh an déigh cridhe na h-airde-tuath a ruigheachd?
Seòr. Feuchaidh mi ri sin a dheanamh soilleir dhuit, ged is cinnte nach bi e furasda dhomh a sparradh ann ad chlaigionn-sa nach do smuaintich air an leithidean sinn do ghnothuichean riamh. Tha fios agad matā snàthad na combaist, no an tarung-art, gu’n amhairc i gu glan tuathail, cia air bith àite sam bì i, cumaidh ise a gob ris an taobh-tuath. Nis ’nuair a ràinig sinn fìor chridhe an taobh tuath no am pole, charuich i a nùll ’s a nall gun suim do dh-aird seach aird. Mar chàireadh tu i air a’ phinne mar sin sheasadh i, ach gu’n robh a gob a ghnàth ag iarraidh lùbadh a sìos ris an talamh. Dh’ fheuch sinn an déigh sin seòrs’ ùr snàthaid a bh’ againn, agus sheas i sin gu dìreach, gob na h-airde-tuath ris an talamh agus an ceann eile calg-dhìreach os a cheann, mar so a’ dearbhadh dhuinn gu’n robh an airde-tuath, no an cumhachd dìomhair dorcha tha a’ stiùradh na taruing-art ceart fodhainn sa’ cheart làraich air an robh sinn a’ seasamh.
Sgalag. A dhuine chridhe ’s neònach sin féin!
Lach. ’S tu dh-fhaodas sin a ràdhainn; ’s beag is leur dhuinn de dhìomhaireachd an t-saoghail mhóir!
Seòr. Thog sinn càrn mór chlach san àite, ’s cha robh sin doirbh r’a dheanamh oir bha pailteas chlachan ann. Thìodhlaic sinn botul fo’n charn anns an
Lach. Agus cia mar fhuair sibh dhachaidh?
Seòr. Cha b’ ann gun fhios domh. Ghabhadh sin seachduin g’a ìnnseadh; ach ciod a th’ agad air—b’ éiginn duinn an long fhàgail. Chruinnich an eigh co dómhail ’s co teann ’s nach robh dol as. Cha robh againn air ach an dara cuid fuireach geamhradh eile sna cearnabh oillteil sin, air neo an long fhàgail agus oidhirp a thoirt air na bàtaichean a shlaodadh thairis air an eigh agus a’ mhuir fhosgaìlte ruigheachd mar a b’ fhèarr ab’ urrainn duinn; agus ’se so a rinn sinn. Dhealaich sinn ris an luing an déigh na nithe a b’ fheumala na chéile thoirt leinn. Choisinn sinn a’ mhuir mhór fhosgailte mu dheireadh, an déigh iomad saothair, gleachd agus spairn. Bha sinn air ar claoidh le saothair, fann, lag agus breòite. ’S gann a bha duine ’nar measg a b’ urrainn ràmh a ghabhail ’na làimh. Bha sinn air ar meileachadh leis an fhuachd agus an impis toirt thairis agus tuiteam air ùrlar nam bàtaichean.
Mu dheireadh ceud mhìos an fhogharaidh, còrr agus trì mìosan an déigh an long fhàgail, bha sinn uile ’nar suain ’s na bàtaichean ach aon fhear a bha ri faire. ’S ann mu cheithir uairean sa’ mhaduinn a chunnaice, mar shaoil e, long, fad air astar. Ghrad dhùisg e ’n Caiptein, agus air dhàsan sealltainn leis a’ ghloine fhad-sheallaich, chunnaic e gun teagamh gur long a bh’ ann. Dhùisg e’n sgioba air fad—thog sinn na siùil—a mach na ràimh, agus thug sinn oirnn chum na h-àird anns am facas an long.
Chaill sinn sealladh air an luing so, ach thainig té eile san t-sealladh. Chaill sinn sealladh oirre-se mar an ceudna; ach mu dheireadh mhothuich sinn long eile’ tighin fo làn sheòl ’nar coinneamh—ràinig sinn i, agus le mór shòlas agus mór thaingealachd do Dhia, dhìrich sinn cliathach na luinge agus bha sinn aon uair eile am measg luchd dùthcha agus chairdean.
Cha ’n fhacas sgioba riamh air clàr luinge coslach ruinn.’ S gann a bha ’n craicionn féin oirnn; ach cha robh caoimhneas no caomhalachd a b’ urrrain iad a chleachdadh nach d’ fhuair sinn. B’ eagalach an coltas a bh’ oirnn—fiasagan fada dà bhliadhna dh-aois air gach aon againn—gun aodach ach seana chraicinn—na cnaimhean a’ tighin troimh ’n chraicionn, oir feòil cha robh ann; agus neul a’ bhàis féin air gach aodann. Thàinig an oidhche ’s fhuair sinn mu dheireadh leapaichean blàtha tioram, agus ma bha aon ’nar measg nach d’ thug cliū agus buidheachas do Dhia airson a chaoimhneis-gràidh agus an tèaruinteachd a dheònaicheadh dhuinn, bu duine truagh gun tuigs’ e—agus an Tighearna thoirt maitheanais da!
Ach ’s mìorbhuileach cumhachd a’ chleachdaidh. Bha sinn uile cho cleachdte ri leapannan do’n t-sneachda agus mill eidhe f’ar cinn ’s nach d’ fhuair sinn tàmh no lochd codail air na leapannan seasgair a fhuair sinn san luing. Air mo shon féin b’éigin domh mo leaba fhàgail agus luidhe air na clàrabh cruaidhe mun do dhùin mi sùil.
Lach. Matà mo mhìle mìle beannachd ort a Sheòruis! —ach innis so dhomh mun dealaich sinn; an robh beachd air bith aig na h-Escimòthaich mu shìorruidheachd no mu Chruithear an t-saoghail?
Seòr. Gu truagh cha robh, fhad’s a b’ urrainn duinne an tuigsinn; ach, eudail eudail, ’s iomadh aon ’s na cearnabh so nach ’eil co math giùlan riutha! Tha iad caoimhneil r’an cloinn ’s r’am pàrantan; cha ghoid iad, cha ’n eil mèirle de sheòrsa sam bith ’nam measg; roinnidh iad an lòn gu cridheil toileach ris a’ choigreach; tha iad fialaidh blāth-chridheach, làn tlus agus caoimhneis.
Gu’n tugadh an Tighearna ’na dhòigh féin agus ’na àm féin mu’n cuairt an latha anns an cluinn iad sgeul an àigh, agus an soilleirich gathan an t-soisgeil na cearna fuar agus dorcha sin!
So so! éireamaid.
title | 1 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |