ADHAMH AGUS EUBH.
A luchd-dùthcha ionmhuinn,
Na gabhaibh fadal, “ruigidh each mall mnilionn,” ’s fèarr a bhi cinnteach na bhi caillteach, Cha leig dreap an t-samhraidh leam móran a sgrìobhadh no leughadh, ach tha mi dol air m’ aghaidh ceum air cheum, a’ snàgan taic a’ chladaich ann am fionnaireachd gach feasgair agus ag èaladh leis an t-seòl-shruth ann an camhanaich gach maidne. Fhuair mi cheana mach Adhamh a’s Eubh anns a’ ghàradh a’ deanamh na Gàilig, agus leigidh mi fhaicinn duibhse nach d’ rinn iad ach na bha feumail dhoibh féin di; gu’n deachaidh cur rithe gach bliadhna o’n latha chaidh Càin do thìr Nod; agus nam biodh dithis dhibhse air ur càradh ann an Eden gun fhocal cainnte, ach le clàisdeachd agus teanga fhuasgailte, gu’n deanadh sibh a’ Ghàilig dìreach mar rinn iadsan, focal air fhocal.
Dh’ fhaodainn Adhamh agus Eubh a chur a mach a nis féin agus na gheall mi a choimhlionadh, ach tha ’mhiann orm an leanailt air an luirg air feadh Asia agus
Is mise le mór urram, L. MAC’ILLEAIN.
An 7mh Mìos, 1836.
title | 13 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |