NAIGHEACHDAN.
THA na paipeirean-naigheachd air dol an dìosg gu buileach. Cha robh dad annta o chionn treis a b’ fhiach ath-sgrìobhadh ach coinneachadh Ard Sheanadh Eaglais na h-Alba. Thachair so air 9mh là deug a’ Mhàigh, agus ’s e b’ fhear-riaghlaidh air a’ chuideachd ard agus fhoghlumte so an t-Olla MacLeòid, ministeir sgìreachd Chalum-Chille sa’ bhaile so. ’Se so urram a’s airde ’s urrainnear a chur air ministeir de Eaglais na h-Alba, agus cha ’n fhiosrach sinn gu’n robh ministeir Gàidhealach riamh roimhe co fortanach agus fhaotainn.
Ged is cinnteach gu’n d’ thainig ioma gnothach m’an coinneamh, cha robh móran ann a bha ro dhlù-cheangailte ris a’ Ghàidhealtachd. ’Se naigheachd a’s fearr is urrainn duinn a chur thun nan Gàidheal air an àm so gu bheil dà fhichead sgoil ùr r’an cur air chois gun dàil air feadh Gàidhealtachd Alba.
Gu cinnteach ’s iomad aobhar a th’aig ar luchd-dùthcha bhi taingeil airson a’ chothrom ionnsuchaidh a tha iad o àm gu àm a’ faotainn!
Tha no h-uile seòrsa barra ag amharc gu fìor mhath, ach am Buntàta: tha iomradh nach ’eil esan idir coimhlionta. ’S éiginn aideachadh cuideachd gu bheil am feur-saidhe ni’s giorra na ’s àbhaist da.
’S duilich leinn a chluinntinn gu bheil mòran ganntair ann an cuid de na h-eileanaibh tuathach. Bha coinneamh aig muinntir Dhun-éideann agus chruinnich iad sèa ceud punnd Sasunnach air an son. Tha so math, ach tha fiuthair againn gu’n dean Glascho mòran tuille.
title | 15 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |