D’AR AR CAIRDEAN.
’S duilich leinn gu bheil an àireamh sa ni’s anmoiche na bu mhiann leinn. B’ éiginn duinn muinntir a’ chlo-bhualaidh a mhùthadh agus chuir so agus cuid de’n luchd-ullachaidh a bhi air thurus, air deireadh sinn. Fhuair an “Gille-Carrach,” uime sin, tuille délach na bha shannt oirnn, agus chuir cruinneachadh nam ministeirean a’ “Chuairt” as ar comas an dràst.
Tha sinn air faotainn ioma litir, ioma dàn agus naigheachd air an labhradh-mid beagan nam biodh àit agaìnn san cuireamaid e, ach tha sinn an dòchas gu’n gabh iad ar leisgeul air an àm so.
Tha aon ni tha sinn ag iarraidh mar fhàbhar air ar cairdean, agus ’se sin ’nuair a chuireas iad eachdraidh, dàn, no ni sam bith eile bu mhiann leo chur san Teachdaire, g’ar n-ionnsuidh gu’n tugadh iad duinn an t-iomlan de còmhla; oir cha’n urrainn sinn a chur ann gus am faigh sinn an t-iomlan.
title | 16 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |