TIGH-EIRIDINN RÌOGHAIL GHLASCHO.
THEAGAMH nach rud mi-thlachdmhor le luchd-leughaidh an Teachdaire duilleag dheth a lìonadh le eachdraidh (gearr mar is éigin di a bhith) an tighe so; ’s iomadh Gàidheal a fhuair furtachd ann, agus is toilinntinn leam a ràdh, gu bheil iad cuimhneachail air.
Air an naoidh-la-deug de’n mhios Mhàigh sa’ bhliadhna 1792, stéidhicheadh au tigh so agus dh’ fhosgladh e airson euslan air an ochdamh la do dhara mios a’ gheamhraidh 1794: aig an àm so b’e àireamh nan leapaichean ochd fichead, agus bu leòir iad, ach, mar a tha fios agaibh, dh’fhàs sluagh Ghlascho co lìonmhor ’s gu’m b’ éigin a mheudachadh gu mór.
Thogadh an earrann a tha’g amharc gu tuath sa’ bhliadhna 1815; annsan tha ceithir fichead, agus diubh so bha dà fhichead air an cur fa leth airson luchd fiabhruis. Ann an ceann bheagan bhliadhnachan ’na dhéigh so thromaich am fiabhrus co grad agus gu’m facar feumail le luchd riaghlaidh an tighe, tigh-eiridinn fiabhruis a chur air dòigh, a tha nis crìochnaichte.
Chaidh an ceud earrann deth-san a thogail sa’ bhliadhna 1826, an dara ann an 1832, an treas ann an 1834, agus air a’ bhliadhna so cheangladh an dithis thighean r’a chéile: ann an cruaidh-chas gabhar a stigh do’n dithis cùig ceud euslan agus le socair ceithir cheud gu leth.
Tha gach tinneas gabhaltach ’gan cur do’n tigh ùr agus gach seòrsa eile do’n t-seann tigh: thogadh tighean air a’ bhliadhna so anns a bheil a rùn air lighiche, comhairle, agus cungaidh-leighis a thabhairt a nasgaidh do bhochdan an dà chuid a’ bhaile agus na dùthcha mu’n cuairt. Anns gach aon do sheòmraichean móra nan euslan (wards) tha ochd leapaichean deug, agus aig a’ cheann a stigh tha tri seòmraichean beaga airson euslain àraid: anns gach aon diubh so tha àite-gealbhain, solus guail (gas) a’ soillseachadh, aite-ionnlaid, agus gach goireas eile; tha na leapaichean a dh-iarunn le ùrlair fhiodha no chainbhais, an t-aodach-leapach glan agus taitneach, air a chur a dh-ionnsuidh an tigh-nigheadaireachd nuair a tha’n t-euslan ’gam fàgail air chor agus gu bheil gach oidhirp ’ga thabhairt air glainead agus furtachd.
Tha cùig ard-lighichean a’ teachd chum an tighe gach latha a dh’ fhaicinn nan euslan agus maille riùsan sgaoth fhòghlumaichean òga; tha a rithist seachd lighichean òga a’ còmhnuchadh san tigh, ullamh chum freasdal aig gach àm.
Tha leth-cheud banaltrum ann; eadar luchd là agus luchd oidhche; tha a’ bhanaltrum là a’ freasdal bho sheachd uairean sa’ mhaduinn gu deich san fheasgar agus té na h-oidhche bho’n àm so gu seachd sa’ mhaduinn: a bharr orra so tha mòran sheirbhiseach eile ann; agus ag amharc thairis air an arm bhoirionn so air fad, tha mathair-teaghlaich, sa’ Bheurla Matron.
Cha’n eil caomhnadh air seòrsa béidh na dibhe a bhitheas feumail do na h-euslain, mar a tha fìon, uisge-beatha, branndai, portair.
A cheithir bliadhna na taice so chosg an deoch osceann cùig ceud punnd Sasunnach.
Tha ministeir a’ searmonachadh an t-soisgeil dà uair ’s gach seachduin agus ’si barail mhóran gu’m bu choir e bhi chomhnuidh san tigh chum comhairle spioradail a thabhairt aig gach uair feuma; tha so ri tachairt gu h-aithghearr.
Cha ’n eil ministeir aidmheil air bhith co mi-sgàthach ris an t-sagart Phàpanach; roimh fhiabhrus, breac, no tinneas eile cha ’n eil e’gabhail fiamh.
Tha na maighstirean-guail ro chuimhneach, oir chuir iad a stigh air a’bhliadhna so còrr agus trì cheud cairt: tha mìle cairt ’gan losgadh ré na bliadhna.
Tha an t-uisge ’tighin a nasgaidh; theagamh ga bheil cuid do luchd-leughaidh an Teachdaire aineolach gu’n imrear dìoladh ann an Ghlascho airson an uisge.
Ged tha gach goireas, iomchuidheachd, aire agus sgil ’gan tabhairt mar so, gidheadh gheibhear iad a chàineas e, ach cha ’n eil an t-àireamh so mór: ’s aobhar-ghearain cuid, nach ’eil an dìlsean aca, cuid gu bheil droch bhanaltrum aca; feudaidh so tachairt a meag móran, ach is ainmig e; cuid eile leis an d’rugadh mi-thoileachas-inntinn agus a leanas riutha ged chuireadh iad do lùchairt rìgh; agus tha cuid eile is fàth an gearain an t-ocras. Tha cuimhn’ agam gu math air éisdeachd gearan diubh so bho chionn iomadh bliadhna. “Cha robh mi” ars’esan “ach beagan láithean a stigh nuair a fhuair mi a’ chuid a b’fhèarr do’n fhiabhrus, agus thainig toil do bhiadh dhomh ionnus gu’n robh mo mhionach air a tholladh leis an acras; bha mi ’faighiun cuach bhrochain a’s bhainne moch agus anmoch, a thuillidh air dìnneir, ach bu bheag air ùrlar mo stamaig iad; bheirinn da-bhliadhnach muilt air chùmhnant a’ chuach a bhi mheud eile.” Is beag a shaoil e gu’n deanadh a bheag no mhór a gheòcaireachd aig an àm so an t-acras a chur deth agus lan a dhroma do’n fhiabhrus a chur ’na àite; so mar a gheibhar iad.
Bho’n a dh’ fhosgladh an tigh ann an 1794, ghabhadh a stigh 63,577 euslan, dh’fhàg dhiubh so, gun bhi air an leigheas, 12,030, shlànuicheadh 45,899 agus bhàsaich 5,374.
Bha air a’cheud la do’n bhliadhna 1835, 260 a stigh, air an là mu dheireadh 274 agus bha 3534 fo chungaidh-leighis ré na bliadhna; dhiubh so chaidh 2435 a shlànuchadh, 263 a chur am feabhas, 15 do-leigheas, bhàsaich 359 agus dh’fhàg a’ chuid eile le’n toil féin.
De’n àireamh so bha 1359 gu tinn le fiabhrus, 716 bhoirionn agus 643 fhirionn: mar so tha sinn a’ faicinn gu bheil na boirionnaich ni’s buailtiche do’n fhiabhrus san áite so na na fir.
Chaidh ceud-gu-leth a ghearradh, airson sgiorraidhnean, do chuid làmh, do chuid cas agus do chuid buill eile. Tha mòran a’ tighin a stigh air an losgadh; ’s bitheanta leò bhi air an lotadh mar an ceudna le nathair Mhic-talla; thugadh tri boirionnaich ann an aon là a stigh; an déigh dhoibh a’mhisg a ghabhail, smuaintich iad gu’m fiachadh iad a’ phìb-thombaca agus ann an àm a lasaidh, ghabh an aodach teine,
Ghabhadh a stigh 72 leis a’ bhric nàdurra; dhiubh so bhàsaich I8, agus is duilich leam a ràdh gu’m bu Ghaidheil as na h-eileanaibh a’ chuid mhór dhiubh; is reusan da so, gu bheil pàrantan ’sna cèarnaibh so a’ deanadh dearmad air breac a’ chruidh a chur air an cuid cloinne; is mór an fhreagairt a tha aca ri thabhairt. Tha cuid eile ri dimeas air an t-sochair so, “ ’s minic” ars’ iadsan “a chunnaic sinn iad air an deachaidh breac a’ chruidh a chur a’ gabhail na bric nàdurra agus a’ falbh leatha, an gairdeanan ag at agus a’ lionnachadh gus an do chailleadh iad agus an coluinnean a’ bristeadh a mach bho mhullach gu bonn; faodaidh so tachairt le mi-ghnàthachadh agus neo-aire, ciod nach feud tachairt ri leithid sin? cha ’n fhaca mise riabh aon urra san dòigh ud, ni mò a h-aon a ghabh breac a’ chruidh a’ falbh leis a’ bhric-nàdurra; tha iad ann a tha ’ga gabhail gun teagamh, agus mar an ceudna a tha gabhail na bric-nàdurra dà uair, oir bha h-aon diubh so a stigh am bliadhna: ach tha iad ainmig le chéile. Le faicill cha ’n eil cunnart ’na cur, ionnas gu’m feud gach bean choìr san dùthaich so a dheanamh. Theagamh gu bheil dream ann nach eil ’ga cur bho neo-iomchuidheachd; acasan tha leisgeul, ged ’si mo bharail féin gu’n rachadh aig ministeir na sgìreachd (far nach’eil lighiche) air a faotainn as a’ Ghalldachd aig gach àm do na cèarnaibh a’s iomallaiche. Tha dòchas agam gu’n gabh gach aon a tha ciontach dhe so comhairle agus nach bi uiread a’ dh-aodannan bòidheach nan caileagan Gàidhealach air am breacadh leis a’ghalar ghràineil so. Tha cosdas an tighe ré na bliadhna mu thiomchioll cùig gu leth mìle agus an tighin-a- stigh mu thimchioll sè: tha an calpa mu cheithir mìle deug punnd Sasunnach.
Tha cead aig gach aon a phàigheas sgillin ar fhichead Shasunnach, euslan a chur a stigh, agus tha cuid a’ pàigheadh cuid tuillidh, am fòghlumaiche seachd puinnd ’s a deich, agus tha daoine iochdmhor a’ fàgail dhìleaban gach bliadhna, cuid diubh so a ruigeas suas air mìle punnd Sasunnach: ’se tabhartas a’s mò a fhuaradh air a’ bhliadhna chaidh seachad, ceud punnd Sasunnach bho Fhear Dhiùra.
Saoilidh sibh gun teagamh air bith, gur h-ionann gach cungaidh-leighis, a tha air an gnàthachadh anns au tigh so do’n Ghall agus do’n Ghàidheal, agus mar is bitheanta tha so fior, ach an gabhar iongantas nuair a their mi gu bheil aon luibh againn a tha ’tabhairt mòran fuasglaidh agus comhfhurtachd do na Gàidheil agus gidheadh anns nach ’eil feum air bith do’n Ghall; is e bu chòir dhomh ràdh gur ann a ni i móran coire dha; (oir tha eud mòr air nuair a tha e cluinntinn na Gàilig ’ga labhairt ris na h-euslain) is i an luibh so a’ Ghàilig. ’S mòr an toilinntinn agus an sòlas a bheir focal tlusmhor no dhà do’n Ghàidheal euslan ann an àite aineoil; ’s minic a chunnaic mi leis a so, an inntinn lag agus ìosal a’ togail gu grad agus an urra a’ faighinn faochaidh, seadh, nach robh e comasach dha fhaotainn bho chungaidh-leighis sam bith. Tha bàigh mhòr aig a’ Ghàidheal d’a dhùthaich, a luchd-dùthcha agus
’Se gàradair na luibh so an Teachdaire, agus is còir do gach Gàidheal a cur anns gach gàradh, a chùm agus gu’n sgaoil i: ’s mór am feum a tha ’n Teachdaire ’deanamh am measg nan euslan; tha gach seòrsa leughaidh ann, air chor agus gu bheil e ’nan comas roghainn a ghabhail; tha beagan diubh nach urradh a leughadh ged tha iad eòlach air Beurla a leughadh, agus is mór an nàire dhoibh; tha dòchas againn, nuair a gheibh iad leabhar Mhictalla gu’m brosnaichear iad gu leughadh Gàilig.
ROB RUADH.
title | 3 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |