[167]

II.

NOAH ’NA SHAMHLADH AIR AN T-SLANUIGHEAR.

Than t-ainm Noah aciallachadh fois, sòlas, agus gu tric gràs; agus mar sinse Criosd ar sòlas agus ar fois-ne, agus tre-san tha gràs arìoghachadh chum na beatha maireannaich; agus da thaobh-sans ceart a dhfhaodar a ràdh, “Bheir an so féin sòlas dhuinne thaobh ar n-oibre agus saoithreach ar làmh.” Gin. v. 29. ’Nuair a thruaill gach uile fheòil an slighe, “Bha Noahna dhuine cothromach agus iomlanna linn, agus ghluais e maille ri Dia, Gin. vi. 6, agus, suarach mu thàir nan aingidh, chronaich e iad am briathraibh bagraidh, asearmonachadh fìreantachdnan coimhthional, 2 Pead. ii. 5. Mar so sheas Criosdna ionracas anns gach cùis, an linn olc agus adhaltranach, asearmonachadh mar tha e sgrìobhtuimesna sailm, “Rinn mi sgeul air tfhìreantachd sachoimhthional mhór; feuch cha do chaisg mi mo bhilean, a Thighearn, is aithne dhuit,” Salm. xl. 9. Tha e air ìnnse dhuinn, nach bu chomasach fìreantachd Noah, Dhanieil agus Iob, sluagh aingidh a shaoradh on bhuille bha teachd orra, Esec. xiv. 14. Bfhìrean Noah, ach, trefhìreantachd, cha bu chomasach e air an dìle thilleadh, ach tha fireantachd an Fhir-shaoraidh cho luachmhor, cho iomlans cho neo-chrìochnach, ’s gur comasach e air peacaich gun àireamh a shaoradh o bhàs. Ach gabhaidh sinn a nis beachd air ullachadh na h-àirce, achùis àraidh sin a tha mar shamhlachas, “air tèarnadh tre aiseirigh Iosa Criosd.” 1 Pead. iii. 21. Sguir Spiorad an Tighearna bhi strīgh ri daoinibh ceannairceach, agus bhan t-àm air teachd san robh dioghaltas an Tighearna


[168] ri bhi air a dhórtadh orra le buaireas, ach, air do Noah rabhadh fhaotuinn o Dhia, dhullaich e àirc fa chomhair na dìle bha dlùthachadh, ’s air dha bhi air a ghluasad le h-eagal thug e géill do dh-àithnen Tighearna. Chuir en suarachas fanaid an t-saoghail mhi-chreidichs cha robh smuairean air a thaobh nan deuchainnean a bha gu amas air mun crìochnaicheadh e àirc a ghleidheadhna glaic gach gnè bheò-chreutair, leis gach ni bhiodh feumail fhads a bha iad ri tuineachadh innte; ach chreid Noah ann an Dia agus ghluais ena eagal agus neartuicheadh e gus achùis a dhorduicheadh a thoirt gu crìch. ’Nuair ghabhadh an luchd a stigh dhéirich an tuil thar na beanntabh a bairde, ’s dhadhlaiceadh an cinne-daonna ann an uaigh uisge, ach mharcaich an àirc gu buadhar thar na tonnabhs cha do bhuail i air na creagaibhs cha do lion is na h-uisgeachabh làidir. Fadheòigh thainig columan le duilleig craoibh-ola mar shanus gun do thraoigh na h-uisgeacha, Gin. viii. 2. Fhuair iad mu dheireadh fa sgaoil, agus le taingealachd airson tèarnaidh cho miorbhuileach thairg an saoi urramach féin iobairt don Tighearn, a dhfhairich faile cùbhraidh sìthe, agus a dhùraich leis a chùmhnanta gràsmhor, nach malluicheadh e nis an talamh airson an duine. Nochdadh am bogha-frois os a cheann, agus bha so mar chomharadh nach còmhdaich na h-uisgeachan aghaidh na talmhainn, ’s nach buadhaich na tuinn ged bhuaileas iad air an tràigh.

nach faic achùis gu léir mar shamhladh air saorsa, tre Iosa Criosd, o thuil as uamhasaiche thig luath no mall air na h-aingidh? ’Se Criosd air am bu shamhladh Noah, araon san àirc, aig an altairs air a chuartachadh leis abhogha-fhrois; agus gu cinnteach is esan an àirc a thagar tèarnadh o thuiltibh feirge Dhé, an ìobairt a thasìtheachadh a cheartais, ’s am bogha sin a dhfhiamhaicheas le suilbhearachd gach neul a dhiathas mar cuairt. Ged bha àirc Noah, an iobairts am bogha-frois eadar-dhealaichtuaithe féin agus o aon a chéile, ann an Iosa Criosd tha iad gu léir air an aonadh.

thùradh innleachd mar an àirc chum tèarnaidh on dìle léir-sgriosaich? Cha be Noah féin a mheòraich achuis ach Dia; mar sin ged rachadh aingil agus daoine gun dùlan chum seol-saoraidh fhaotainn airson saoghail aingidh, cha tigeadh an rathad sin am feasd fanear dhoibh a fhuair gliocas Dhé amach ann an eadar-mheadhonaireachd Iosa Criosd; oir tha e dol cho fada thar smaointe dhaoines nach urrainn iad a thaobh nàduir gabhail ri run-diòmhair Dhé; oir a ta ena cheap-tuislidh do na h-Iudhaich agus do na Greugaichna amaideachd.” 1 Cor. i. 23.

Anns an àirc cha robh ach ochd anama, (1 Pead. iii. 20.) agus cia beag an àireamh sin an coimeas ris an t-sluagh gun chunntas a chailleadhs na tuiltibh! Mar sin is treud beag treud Chriosd, oir ged tha mòran air an gairm chan eil ach beagan air an taghadh. Gu cinnteach biongantach an sealladh na h-ainmhidheans an eunlaith a bfhiadhaiche fhaicinn, gu sìtheil,


[169] san aon ionad, an àm gabhaidh cho cruaidh, ach cho robh so idir cho iongantach ris achùis sin a tha tachairt, ’nuair tha peacaich, air an tilleadh gu Dia agus adol asteach da ionad naomh, oir, ann an Criosd, tha daoine garg acall am buirbe nàdurra agus acur umpa mar shluagh Dhè, cridhe iochdmhor, irisleachd inntinn, macantas agus fad-fhulangas; agus am briathraibh maiseach an fhàidhe, “An sin gabhaidh am madadh alluidh còmhnuidh maille ris an uan agus luidhidh an liopard sios maille ris amheann; agus an laogh agus an leòmhan òg, agus an spréidh reamhar le chéile; Cha dochuinn agus cha sgrios iad air feadh mo shléibh naoimh-sa gu h-iomlan.” (Is. xi. 6.) Uamhasachs mar bha bualadh nan tonn air an àirc, air dhi bhi fo dhìdean an Fhreasdail sheas ighaillionn agus ghléidh i gach beo-chreutair a bhinnte gus an do shocraich i air beanntaibh Ararat. Mar sin, a Shlànuighir bheannaichte, chaidh tonna feirge tAthar thar do cheann-sa agus chair tuilte dhroch dhaoine eagal ort, (Salm xviii. 4,) ach thainig thu asda gu buadhar agus ghabh thu tfhois air beanntaibh na glòire, an déigh saorsa do shluaigh féin oibreachadh amach. Is tusa ar n-aite-folaich on stoirms ar fasgadh on doininn. Mur biodh an Tighearna leinn shluigeadh tuiltean feirge Dhé suas sinn; rachadh na h-uisgeachan uaibhreach thar ar n-anam. (Salm cxxiv. 4.)

Nuair chuimhnichear gun do luidh columan air an àirc le duilleig craoibh-ola, thig enar beachd mar thuirling an Spiorad air Iosa aig uisgeachaibh Iordain, an coslas an eòin chaoimh sin. ’Nuair fhuaradh an sanus so airgeamhradh na feirge bhi seachad.” (Dan. ii. 11.) dhfhàg an saoi urramach an àirc, ’snuair dhearc e air an léir-sgrios uamhasach dhìol e ìobairt réite de gach eun as beathach glan agus dhfhairich an Tighearna fàile sìthe. Bheir so sinn gu smuaineachadh air-san a thug e féin air ar son“ ’na thabhartas agusna ìobairt deagh-fhàile do Dhia.” (Eph. v. 2.) Tha Dia cho toilichte leis an ìobairt sos gum bheil e socrachadh ann an cumhnanta le Criosd, agus le shluagh nach tig iad (muinntir Chriosd) am feasd a chum dìtidh. Agus chuir e féin an céill leis an fhàidh Isaiah: Tha so mar uisgeachaibh Noah dhomh. mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeacha Noah tuilleadh thar an talamh, is amhuil a mhionnaich mi nach bithinn ann an corruich agus nach toirinn achmhasan duit, O thusa, a ta ainniseach, air do luasgadh leis an doininn agus gun chomh-fhurtachd. (Is. liv. 9.) Faic mar tha na neòil ghruamach fo fhiamh-ghàire le dathaibh oirdheirc abhogha-fhrois as comhara suilbhear air cùmhnanta Dhé! Is bogha e, ach is bogha gun saighead e, leaghaidh air a thionndadh air falbh uainn mar chomharadh air sìth. ’Sann mar so a theid àmhghair nan oighreachan air fireantachd a chaochladh gu sòlas tre Iosa Criosd. Faodaidh neòil agus dubh-neòil iathadh mun timchioll ach cha sil iad ach braona air an anam a dhath-bheothaicheas sinn mar arbhar ùrar. An ni sin a bha aon uairna chomharadh air feirgsna chuis-


[170] eagail, tha nisna shamhladh gràidhsna chuis-mhisnich dar creidimh. Tha bogha-frois gu siorruidh mu thimchioll righ-chathair Dhe, (Taisb. iv. 3.) ged thigeadh amach aisde dealanaich, tairneanaich agus gathanna; agus ged bhiodh esan mar an t-aingeal cumhachdach, (Taisb. x. 1.) air a sgeadachadh le neul ann am frithealadh a fhreasdail ni deàlradh a ghnùise bogha-frois mu chuairt a chinn. Tha e ghnàth cuimhneachail air a chumhnant agus chan eil aobhar aig a mhuinntir a bhi fo gheilt roimh uamhasaibh a ghlòire.

A. M‘I.

An Calbh Muileach.

(Gheibhear san ath Theachdaire, eachdraidh Mhelchisedeic a réirs mar bha ena shamhladh air an t-Slànuighear.)

title4
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text7
<< please select a word
<< please select a page