[170] DUILLEAG NAM BALACHAN.
A chinn na Soillse,
O’n chuir thu h-ugam an fios mu dheireadh, ghabh mi do chomhairle, agus ràinig mi Càradal. —Rinn am fear-teagaisg mo bheatha, theid mi ’n urras, agus mar a thubhairt thusa, a dhiùlannaich chòir, is ann a thachair. A dh’ aindeoin cogarsaich Iain nam fiacla daimh, a thug ionnsuidh air mo ghrabadh, is feairrde mi gu bràch am mìos a chaith mi am bruth an labhruis; agus a bhàrr air na ni na dh’ionnsaich mi dhomh fein ’s do m’ chloinn, thu dòchas agam gu’n dean e ro mhòran do’n òigridh Ghàidhealta gu choidheanta, agus mar an ceudna do’n t-seana mhuinntir, do nach deachaidh riabh, mar a chaidh dhòmhsa, eigse an àireamh a theagasg ’nän cainnt dhùchasaich féin. An uair a sgriobh mi h-ugad a’ cheud litir, bha mi ’n dùil gu’n rachadh agam air gach nì, a chur sios gu réith mu’n ealaidh tharbhaich so, ann am bhriarachas féin; ach, cha b’ fhada bha mi fo cheannsal an fhir-iùil gus an d’ fhuair mi làn-dearbhadh gu’n robh mi fad ’am mearachd. An àite tòiseachadh aig aon, dà, trì, smss,[’s mar sin sios. ] mar bha rùn orm, ’s mar a chaidh a theagasg dhomh ann an Sgoil Iain-Mhic-Cumra sa’ Cheireamh Dhoilleir, ’s ann a thug esan orm gun dàil stéigh na cùis’ a ruigsinn, agus togail gu fòil air a sin, uigh air n-uigh, gus an do dhiongmhaltaich e mi air na bunasan; no, mar a theireadh mo sheanair, gus an d’ thug e orm bun a’ ghnothaich a thuigsinn. Ach, chum ’s gur fearr a thuigeas tu féin, a charaid chòir, agus na Balachain (ma’s balaich iad aig am bheil balachain, no ma’s proidsich) mar a chaidh mo theagasg, bheir mi a nis oirp air a’ cheud seòladh a chur sios gu pongail dìreach mar a chaidh ’fhoghlum dhomh féin.
Mu thuaiream 9 ceud bliadhna roimhe so, thug am pobull ris an canteadh na Mùraich leo á h-Arabia do’n Eòrpa na deich ailean so; 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8, 9, 0. Tha a’ cheud té a’ seasamh
[171] air son aon;
an dara té air son dà tri,
agus mar sin sios gus an ruig thu naoi.
A nise,
ma bhios àireamh sam bith de nithean ri chur sìos eadar a h-
aon ’
s a’
naoi,
cha’
neil agad ach a’
cheud litir de dh-
ainm an nì sin a chur sios,
agus an ail a fhreagras do’
n aireamh a chur fòipe no ’
nä déigh,
mar so.
Tri puinnd;
P.
3 no P.
3 sea tastain t.
6.
no t.
6. —
naoi bolla,
B.
9. —
coig dusain d 5.
Tha so cho soilleir fhurasda, ’
sgu’
n do thuig Ceit bheag agus Taracul òg,
mo chlann féin e,
a’
cheud uair a chaidh fheuchainn doibh.
Gu dearbh thuig Taracul beag e cho math, ’
s gu’
n d’
thug mo ghràdh an aire gu’
n robh deireas ’
s an rian ăilean so;
oir,
ars’
esan, “
A dhaidi,
ged a ghabhas naoi,
ochd,
seachd,
agus o sin gu aon cur sios,
ciamar a chuirinn sios deich,
no àireamh nas mò?” — ‘
Ma ta, ’
rùin,’
arsa mise, ‘
chaidh tusa ri d’
dhualchas;
cha bu dream gun smuaineachadh,
gun oighim,
gun tuaiream o’
n do liansgair thusa,
a leinibh spreigeil;
b’
e do Sheanair aon chuanaiche b’
fhearr a ghlac riabh ailm ’
nä laimh thoirteil,
no a dh’
iùl saidh luinge air rugha fuaraidh g’
ä chur fodha,
agus neo-
ar-
thaing mur h-
eil a bhlàth gu bheil cuid d’
ä àbhaist iar tàrmach ad cheann-
sa,
annsain rùnaich!
Mo phàiste gaolach,
chunna tu gu bheil ail an déigh naoi,
sùileag bheag air nach d’
thug mi iomradh idir—
seall tu so i, (
o)” — “
Shaoil mi, “
ars esan”
gur h-
o a bha sin.” “ ’
Se sin cumadh a th’
oirre,
a ghràidh;
ach,
mar ail cunntais, ’
se their iad rithe neoni,
neo séro.” — “
O,
tha mi ’
m beachd gur h-
i sin an ail a tha seasamh air son deich!” “
Cha ’
n i idir;
leatha féin cha n-
eil i ’
seasamh air son àireamh sam bith,
agus is ann air son sin a theirear neoni rithe; —
ach ma chuireas tu a h-
aon de na h-
ăilean eile air thoiseach oirre,
tha i a’
meudachadh än luach deich uairean;
air chor agus gu’
n dean 10,
aon deich;
20 dà dheich;
30,
tri deichean;
40,
ceithir deichean,
amss.
Agus,
air an amhuil cheudna,
ni 11,
deich ’
s a h-
aon,
neo h-
aon deug;
12,
a dhà dheug;
13,
a tri deug;
agus mar sin gus an ruig thu 19, (
naoi-
deug,)
far an toir thu fa’
near gu bheil an t-
aon ainm air ail na laimhe deise a bha oirre roimhe,
ach gach 1 a tha air an laimh chlì,
gu bheil ainm ùr oirre,
deug, ( ’
se sin deich).
So ma ta mar chuireas tu sios àireamh sam bith eadar deich agus fichead:
10,
11,
12,
13,
14,
15,
16,
17,
18,
19,
20. —
An uair a bhios dà ail cuideachd,
theirear gu bheil té na laimhe deise sa’
cheud àite,
agus té na laimhe cearra ’
s an dara h-
àite:
agus anns an dara h-
ionad is fiach ail sam bith a dheich urad ’
s a b’
fhiach i ’
s a’
cheud àite.
Air an aobhar sin,
an uair a ruigeas sinn 9,
is éudar tòiseachadh le 1 as-
ùr agus a cur ’
san dara h-
àite: —
chum na crìche so is eudar ni-
eigin gun luach a chur air a deis; ’
s ann air son so a ta neoni,
agus chi thu nise mar tha ’
n ail i-
féin gun luach,
ged is culaidh-
chòmhnaidh i gus luach a thoirt do chàch.” — “
Ma ta,
nach gasd an seòl a fhuair iad air a’
ghnothach a dheanamh!
Tha mi ’
faicinn a nise gu bheil sinn daonnan ri gabhail romhainn air rian dìreach o aon go 9,
agus an
[172] sin a’
cur séro ris an laimh dheis mar is àirde ’
ruigeas an àireamh a bhios againn ri thaisbeanadh:
so 20, (
fichead):
21, (
a h-
aon thar fhichead):
22, (
a dha thar,
&c):
23, (
a tri,
&c.);
24, (
a ceithir,
&c.):
25, 26, 27, 28, 29; —
agus a thaobh ’
s gu’
n d’
ràinig mi 9, ’
s éudar 3 a chur an aite 2,
agus séro far an robh 9—
mar so 30, —
agus tha agam a nise tri deichean,
neo 10 thair 20.” — “
Dìreach,
a cheist,
air ä shùil—
is oighr air do sheanair thu gu fìrinneach.” — “
So a nise da fhichead,
40. —
agus 50,
60,
70,
80,
90.
Ràinig sinn anise 9 ’
san dara h-
àite agus ciod a ni sinn?” —
Dìreach mar rinn sinn roimhe ’
nuair bha i againn ’
s a’
cheud àite, —
1 a chur sios agus dà neoni air a deis,
mar so,
100;
agus ni sin 10 deichean neo ciad.” — “
Sin thu,
a laochain bhig!
Mar is beò mi ma nì thu cho math sin aig a’
mhaistir-
sgoile,
nach ion domhsa ’
bhi ’
gearan mo sporan a bhi aotrom.
Cuir sios ciad ’
s a h-
aon.” “
So,
101.” — “
Ciad ’
s a fichead.” — “
So,
120.” — “
Dà chiad is tri fichead.” — “
So,
260.” — “
Ochd ciad is 5 fichead.” — “
Ochd ciad is cóig fichead!
A hah!
cha do ghlac sibh fathast mi,
athair;
ochd ceud is 5 fichead—
sin 9 ciad,
agus faic sibh,
sin e,
900.” — “
Math is dìreadh ort,
a rùin nam fear!
agus cliu bith-
bhuan do’
n Tì a chuir ormsa ’
s air do mhàthair culaidh-
ghàirdeachais mar thà thu,
an oidhch’
a thaine tu air an t-
saoghal!
Fair do leachd agus cuiridh mi ’
a nise sios dhut.
CLAR AN AIREIMH.
9, mìle muill.
8 ciad muill.
7 deich muill.
6, muillion.
5 ciad mil.
4 deich mìl.
3, mìltean.
2 ciadan.
1 deichean.
0 aonan.
Tha agad ’an so 1 deich, 2 chiad, 3 mìle, da fhichead mìle, 5 ciad mìle—6 muillionan, trì fichead mullion ’s a’ deich, 8 ciad muillion, agus 9 mìle muillion. Tòisich a nis aig an laimh chlì agus abair air ais an t-iomlan: 9 mìle, 8 ciad, 3 fichead muillion ’sa’ sea déug; 5 ciad tri is da fhichead mìle; 2 chiad, agus deich. Faodaidh tu nise na h-ailean atharrachadh air seòl sam bith is miann leat, agus teagaisgidh an clàr dhut än ainmeachadh. So agad cuid air am faod thu bhi ’g obair gus am bi thu coilionta agus leig fhaicinn do Cheit bhig na dh’ ionnsaich thu, feuch an toir thu oirre thuigsinn cho math riut féin. 27. —72. 301—103—310—428—824—248—284—1964—4961, 6914, 9641, 4169, 6419, 9416, 4691: 100001 : 502030 : 1111111 : 9696901 : 1023000 : 57601002.”
Tha dòchas agam nach dean thu moille air so a bhi aig na buachaillean; oir faodaidh leacag agus sgilibhein a bhi aig gach aonan diu ré an t-samhraidh air a’ bhlàr a-muigh agus a bhi fòghlum mòran a bhuannaicheas duais dhoibh ’nuair theid iad do’n sgoil ri linn an dùdlachd. Is mise, le mòr-spéis, a Theachdaire Shoilleir, do charaid dìleas.
TARACUL UDLAIDH.
Gleann-na-brùide, Mios Màigh, 1836.