[173]

TRIOBLAIDEAN NA H-ÒIGE.

A Theachdair urramaich,

Le fìor dhùrachd mo chridhe, guidheam soirbheachadh dhuits gach cearna. —A cheart cho cinnteach, ’s is duine beò mi, acheud iomradh a chuala mi air do ghnùis a bhi teachd gu solus na gréine oirnn as ùr thug e toileachadh dhòmhsa nach comasach dhuibhse a thuigsinn ni dhinndrigeas e cridhe neach sam bith. Ma dhaoite gun smuainich sibhse gur ann air son brosguil agus soduil a tha mi, ach chan ann, chan eil mi gabhail orm féin nithe móra spleaghnasach a chur dur n-ionnsuidh, ach am beagan a leanas tha e cho fior ri ni sam bith. Air an aobhar sin gheibh sibh e mar a chuala mo chluas, mar a chunnaic mo shùil agus mar a laimhsich mo làmh; agus chaneil a mhiann orm ni sam bith a chleith ach mainm agusse nàire mallabain a thug orm sin féin a chleith. Tha migam chunntas féin fortanach a leithid do chothrom fhaighinn air mo sgeul bochd a chur a dhionnsuidh mo chairdean agus mo luchd-eòlais ann an làithibh mòige a dhfhàg mi am dhéigh gu sàmhach anns na gleanntaibh; ach air a shon so uile mur fiach en t-saothair na truaillibh beul an Teachdaire leis.

Rugadh mi anns aGhaeltachd air oidhche na collainn a shè-bliadhna-deug na taice soBu mhi ceud-ghin mathar; air an aobhar sin chruinnich e na coimhearsnaich uile mun cuairt da gu cuirm mar is gnàth leo fhathast a dheanamhn cuid do dh-àiteachan. Gidheadh cha robh samheud-mhór so aig mo bhreith ach boillsgeadh on ghréin troimhn iarmailts i gu dui-neulach abagradh stoirm; no mar is minic a chunnaic thu, a gathan adèarsadh air lochan-feuraich air latha frasach ann an ceud-mhios agheamhraidh, ’sna neòil gu léir, atàrmachadh doininn; oir dhfhàgadh aig bristeadh na maidne am dhìlleachdan mi. —Chaidh an déigh sin mo chur a dhionnsuidh na Galldachd gu brathair-athar dhomh a bha fuireach ann am Paisleig agus cha bfhada bha mi le-sannuair a chuir e gu seirbhis mi gu bhi mghille-frithealaidh aig figheadair. Cha mhór bhalachan a bha co làidir rium aig maois agus chanann air sons mi féin ga ràdh bha mi anabarrach tapaidh agus geur; air an aobhar sin fhuair min dòigh air mo cheird cho seòltas gun dthug mi stigh ceithir tastain san t-seachduin. Ach bainmig a bha mi mhìos le aon mhaighstir; dhfhàs achuid mhór dhiubh gràineach orm, le dìth aodaich; ’s gann a bha do chùram air a bhuileachadh air na broineagan a bha orms gun còmhdaicheadh iad air éiginn mo nochds mo nàire. Bha brathair-mathar leasg, agus air son a mhnatha cha tugadh icosan á oir an teine fad an latha. Air an aobhar sin chaidh mo thuarasdal-sa a dhionnsuidh na sgillinn ma dheireadh a chumail an deò san teaghlach. Gun bhoineid air mo cheann, gun bhròg gun osan, gun orm ach an t-ainm do dhaodach, sheas mi mach tuiltean frasach an fhogharaidh, thug mi dùlan do shneachdas do reothadh agus do stoirmean gruamach agheamhraidh.


[174] Fhuair mi fìor dhroch laimhseachadh bho bhrathair-mathars bhomhnaoi; bha mi gu bitheanta afannachadh le dìth bìdh; bha mi air mo chnapadh gu math tric sacheann leis an dorn, gu h-àraid nan éireadh dhomh focal a thoirt an aghaidh clann bhrathar-mathar, ben t-aona chuid e co dhiù bhithinn san eucoir no nach bitheadh: —bha mi air mfhuathachadh aig an tigh, air mo sheachnadh lem cho-aoisean aig nach robh tlachd sam bith dhiom leis cho rùisgtesa bha mi. Dhfhàs mo mhisneach anabarrach lag do bhrìgh nach deanadh iad mo bheatha leo ann an cleasachd sam bith a dhfheudadh tilgeadh a suas, dhfhas mi neo-umhailleach umpa gu buileach. Gun an soilise bu chaoile do sholus foghluim, tréigte, ann an staid aineolais, gun athair gun mhàthair, gun iochd, gun chairdeas, am allaban bochd a null agus a nall air feadh an t-saoghail, am dhìlleachdan gun dìon, agus bliadhnachan mòige asiubhal air falbh gun toil-inntinn; be so bu chor dhomh aig aois naoi-bliadhna, nuair a thachair dhomh a bhi fo mhaighstireachd W. H. agussann le fior thruas dhiom a bha egam chumail idir. Nuair a dhamhairceadh e air mo dhéisneachdsgann a burrainn e labhairt rium le caoimhneas; ach mar bu mhò a chunnaic e dhiom, agus mar a beòlaiche dhfhàs e mun staid bhochd san robh mo chrannchur air a thilgeadh bhan tuille duilichinn aige dhiom agus chrion a ghairgealachd leis na labhair e rium an toiseach, air falbh ann an caoimhneas blà-chridheach a nàduir. Bha mi seachduinean lesan, ’nuair thachair dha dol do Ghlascho gu coinneamh àraid a bhaig na Figheadairean mu iarratais a bha iad acur fa chomhair na parlamaid. An àite e bhina latha cluiche dhòmhsa, bha mi air mo chur air theachdaireachd le mbhana-mhaistir on dfhuair mi mar dhuais deagh dhìnneir, agus sgillinn, a chomhairlich i dhomh a chosd air seòl sam bith a mhiannuichinn. Chaidh mi stigh do bhùth agus cheannaich mi fiach na sgillinn do bhiadh-milis a ghiùlain mi dhachaidh le ard ghairdeachas gu roinn a thoirt do chlann bhrathar-m’ -athar, chionn bi cheud sgillinn a mhaistirich mi riamh i. ’Fhir mo chridhe ma chaidh, cheasnaich bean bhrathar-mathar mi; dhinnis mi dhi an fhìrinn, agus ma dhinnis dhfhàs a sùileannan lasair dheirg; chàin i mi gu fuathasach, ’s gu mór bu mhiosa nam Mac-Stroghail, air an aobhar sin bhagair i orm gu searbh! Rinn mise gu hamaideach a freagairt gu math goirid le seòrsa dùlain a thoirt dith; ach mun abradh tu h-aon bha brathair-mathar air a bhonn agus gun aon fhocal a ràdh bhuail e min taobh achinn, ghabh en sin a chosan do mchorp air dhòighs gun robh mise gu math brùite fo mhullach gu bonn; thilg en sin a mach as an tigh mi. Bha mfhulangas cho goirt, ’s nach mór nach do sgàin mi mo chridhe acaoineadh. Le guth searbh, ghlaodh mi nach pillinn am fads bu bheò mi, gun roghnaichinn bàsachadh an toiseach. Acur romham cumail ri mfhocal, thug mi togail orm féin on talamh, thiormaich mi na
[175] deòir o mshùilean agus gu misneachail chuir mi maghaidh ri Glascho, far an robh piuthar màthar dhomh, ach ciod achearn den bhaile-mhór sin san robh i cha bfhios domh, nimo thainig e fanear dhomh aig acheart àm. Gu fortanach choinnich mi mo Mhaighstir apilltinn dhachaidh, agus air dha meudann fhaicinn air at, agus mo shùilean còmhdaichte le fuil, dhfheòraich e dhiom an robh mi a rithist an caonnaig agus ceana bha mi dol. Dhinnis mi dha gach car mar a thachair, —chomhairlich e dhomh pilleadh, ’s gun gabhainn còmhnuidh maille ris féin; phill mi, agus air ruigheachd dhachaidh dhomh, fhuair mi bean bhrathar-mathar romham a stigh. Thuirt i rium gun robh brathair-mathar fìor dhuilich le bhigam ionndrain fon dorus agus gum bfhearra dhomh dol dachaidhThuirt mi rithe gu neo-sgàthach nach pillinn a chaoidh, gun do chaidil an cadal fa-dheireadh a chaidlinnna tigh rimbheò. —Cha drinn so ach a fearg a thogail ni bu mhò. Bha toil aice droch làmh a thoirt orm aig an am so, ach thainig mo mhaighstir oirnn agus ghabh echùisna làimh féin; thuirt e rithe gu math geurs e gamharc oirre le tàir, nam biodh aon don luchd-ceartais dlù dha gun tugadh e chùisna làimh gu ceartas a dheanamh air son an dòigh chruaidh-chridheich airn do laimhsich iad mi. “Leigidh mise le brathair- ’athar féin tighin air a thòir,” arsise si teannadh thun an doruis, “agus tha mi air mo mhealladh am bharail mur faigh thu do leòir dhe, ma dhfhiachas eghairgealachd dhuit mar dhfhiach e dhuinne theagamh gun toir e fàsgadh air do chridhe fathast.” Cha robh brathair mathar aig an dragh tighin air mo thòir, —Fhuair nis ordugh deanamh air son mo leapach, agus threòraich mo Mhaighstir mi air làimh gu ionad uaigneach far an do rùisg a mi mar chaidh mo bhreith, agus ghlanadh mi fo bhonn mo choise gu mullach mo chinn le uisge blàth agus le siabunn, agus thilg mi dhìom mo luideagan air son na h-uair ma dheireadh, agus dhamhairc mi orra gu léir air an giùlan a mach air sluasaid gu tàmailteach, ’s chan fhaca mi iad nis . Fhuair mi deisùr air an la màireach agus thainig am folt dhìom san fhasan agus feudaidh mi a ràdh gun damhairc mi orm féin acheud uair riamh is sunnd; thòisich mi ri meas a ghabhail dhiom féin, agus bha mi air mo ghràdhachadh leòsan a thréig mo chuideachd tamull beag roimhe sin air son mo staid rùisgte; ach a dhaon atharachadh a thainig ormse bhi acluinntinn nan coimhearsnach alabhairt air amhùthadh a thainig orm gun fhiuthair ris, is mo thug do thoilinntinn domh; bha mo spiorad iosal air a h-ardachadh nuair a chluinninn o bheul gu beul focal molaidh, “tha e air tionndadh a machna ghiullan glan, ’na bhalachan smiorail,” — “Ni e duine tapaidh fathast.” Nuair a smuainichinn air mo phàrantan, mo chairdean, agus companaich mòige, thuitinn a sìos, asileadh nan deur gu tróm, agus cha burrainn mo chridhe bochd innseadh car son. Gu fortanach dhòmhsa, cha robh duine cloinne aig mo mhaighstir; air an aobhar sin, thug e leis mi
[176] don eaglais air gach -sàbaid, agus bhuilich e móran da ùine ag ionnsuchadh leughaidh agus sgriobhaidh dhomh. Bhan gnothuch sin duilich dhàsan air tùs, agus dhòmhsa gu math duilich ra thuigsinn, ach a nis tha ena thobar fom bheil mi afaotainn móran fionnaireachd. Rinn tri bliadhna mi comasach air litrichean marsandachd mo mhaighstir a sgrìobhadh agus na paipeirean-naigheachd a leughadh dha. ’Nuair a bhithinn aleughadh shaoileadh neach gun robh mo mhaighstir mór as féin a chionn gum buineadh urram mionnsuchaidh dha féin; agus ged tha mig aithris so chan ann idir acur iomchoir air an duine iochdmhor so a tha mi; ged tha mi còrr uair asmuainteachadh gu bheil e gu math cruaidh orm an gnothuichean beaga, oir fhathast ma ni mi bheag as an rathad smachdachaidh e mi gu sgaiteach, oir tha e gu math cas. Tha mi ag aideachadh gun robh feum agam air o chionn bliadhna no dha, do bhrìgh gun robh mi gu math eutrom aig mobair, ach a nis air dhomh a bhi air tionndadh mo chùlaoibh air faoineis leanabaidheachd, ’s abristeadh a stigh air fearachas, gabhaidh mi beagan nàire corr uair. Acheud phìob thombaca chuir mi riamh am bheul, dhéirich e agus spìon ephiob as mo bheul agus mhion-phronn e fo chosan i, am fianuis na bha sabhùth, ach cha be sin uile a bha mi agearan ach nàraich e mi am fianuis càraid mhaighdeannan òg uasal a bha ceannach nèapaiginean sìoda ann. Cha do ghabh mi orm gun drinn e bheag a nàire chur orm, ach a dhinnseadh dhuibhse na fìrinn bha ruthadhnam ghruaidh an latha sin. Rinn an trod sgaiteach a thug e dhomhna dhéigh sin agus riasunachadh socrach na cùise air an ath latha, mi ann an tomhas soilleir nacheil ann ach fasan salach, bu chòir a bhina thàmailt do dhuine òg fhaicinn agus ceò mucheann cosmhuil ri smùid fuirneis, a bharrachd air gum buin e do chostus, ach cha be sam bith a thug ormsadhèanamh ach toil a bhiam fearachas, agus cha robh fiuthair agam gun gabhadh esan cho dona e, do bhrigh gum bheil fear mo ghràidh e féin, gu math ronnach mun t-sròin lesnaoisein. Cha toir mi smugaid air fàsgadh na cluaise; tha mi saor gu aideachadh, agus tha toilinntinn orm air a shon, nach robh mi riamh ciontach do dholc a dhioladh an éiric maith. A nis bu mhiannach leam ad fhaighinn an āite na boineide, bu mhath leam beagan leabhraichean a bhi agam, agus tha mo chridhe suidhichte air uaireadair. Labhrainn féin ri mmhaighstir air an son ach tha eagal orm gur en diùltadh a gheibhinn agus gum bristeadh e mo chridhe. Ma dh-aoite gum faic mo chairdean so anns an Teachdaire. Cluinnidh sibh uamsa ma shoirbhicheas achùis leam mar bu mhiannach leam; agus bithibh dearbhte nach bi mise a dheasbhuidh taingealachd cho buileachs, gun -chuimhnich mi sibhsem fads is beò mi. —Slàn leibh.

’Smi le mór urram, CIOD AIR BITH A B’AILL LEIBH.

GLASCHO, An Treas Mios, 1836.

title6
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text7
<< please select a word
<< please select a page