[178]

AN GAOL.

I.

AIR achluaran luidh mo cheann,
Osag fhann gu mallam chiabh,
G éisdeachd ri torman nan allt,
Shiubhail thall le ceumaibh dian.

II.
Grian adol fo smàl san Iar,
Spréidh ag iarraidh sgà nan còs,
Oidhchedùnadh dlùth man t-sliabh,
Ceileireich nan sgiath fo bhròn.

III.
Thuirling aisling air mo shuain,
Chualas fuaim is thog mo cheann,
Oganach bu ghloine snuagh,
Dùsgadh fonn gun ghrúaim gun mheang.

IV.
Bu deirge nan t-suthag a ghruaidh,
Bog-chiabh òir nan dual mucheann,
Earradh deàrsadh mar ghath gréin,
Bogha cróm gun bheudna làimh.

V.
Cia as òigfhir nan ciabh bàn?
Till is gabh do thàmh air srath;
Eiridh grian le solus àigh,
Caithear oidhchle dàn is fleagh.”

VI.
Mar fhonn òigh air clàrsaich ghrinn
Labhair rium gu mìn an t-òg,
S fhad o so a nochd mo thàmh
Dhaindeoin muirn is gràdh is ceòl.”

VII.
Innis domh cia tainms do dhreuchd,
Sealgair féidh a réir mo bheachd,
Ma lùbas m bogha air sliabh,
S tric a be mo mhiann bhi leat.”

VIII.
Theirear rium mar ainm An Gaol,
S tric thog mìnnleachd faobh o shonn,
S minic dhfhàg min t-uaìbhreach tinn,
Dìoladh cìs le inntinn thróm.”

IX.
Chualas iomradh air do bheart,
S beag mo mheas do neart do làimh’,
Ormsa buaidh chan fhaighear leat
Eirich, fàg an leac gan dàil!”

X.
Tharruing ebhogha gu luath,
Thuit mi leòinte truagh gun chàil,
Oganaich a rinn mo chall,
Aisig dhomh air ball mo shlàint!”

XI.
Ghluais echeann, a bhogha thaisg,
Chaoidh na h-àicheaidh neart aghaoil,
Imich don —— le sgrìob,
Còir air —— ni thu slàn.”

OSAG.

title8
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text7
<< please select a word
<< please select a page