MORT NA CEAPACH.
A Theachdaire,
Cha’n fhiosrach mi gu’n d’thug sibh eachdraidh fathast duinn mu mhort na Ceapach; tha móran toileach ni-eigin a chluinn tinn mu dhéibhinn; agus ma mheasar an cùnntas gearr a leanas airidh leibh air àite ’s an Teachdaire, theagamh gu’m brosnaich e cuid-eigin gu eachdraidh na’s mionaidiche ’thoirt mu ’n ghnothach sgreataidh oillteil sin. —Is ann do Mhac-an-Tòisich ceann-feadhna Chlainn-Chatain a bhuineadh a’ Cheapach iomad linn mu’n d’rinneadh am mort; bha i so ann an dlùth-choimhearsnachd ri còraichean Mhic-Dhomhnuill-Duibh, agus is ioma baiteal agus cruaidh-chaonnag a bha eadar an luchd-leanmhuinn. Ach bha Mac-an-Tóisich, le lionmhoireachd a chuid daoine, tuille ’s fad’ air falbh gu bhi cumail cogaidh ris na Camronaich euchdach; agus, air an aobhar sin, shuidhich e a’ Cheapach maille ri Gleann-Spi’ ain agus an Gleann-ruadh a r fear do chloinn-Dòmhnuill. —Ged nach robh an Dòmhnullach ach ’na phriomh thuathanach san àit’ an toiseach, cha b’ fhada gus na thilg e dheth a chleòc agus na ghairm se e féin na thighearn agus na cheann-feadhna.— ’Nuair a chuala Mac-an-Tòisich so, ghrad-sgrìobh e dh’ ionnsuidh Righ Uilleam ag iarraidh bann-sgrìobhte leis am biodh a chòraichean air an daighneachadh dha féin ’s d’a chuid oighreachan ’na dhéigh. Fhuair e na bha dhìth air: ach air do’n Dòmhnullach a chluinntinn mar thachair thuirt e,— “Fhalbh! ’s faoin a’ chachliadh duilleag phàipeir chum fearann a ghleidheadh o bhiasdan seachranach; so claidheamh ’s cha ’n eil Cat no Catanach a leumas thairis air a steach do na Cheapaich.” —Air do’n earrainn sin de’n oighreachd a bhi mar so air a ceangal gu laghail, chuir Mac-an-Toisich a mhac féin, le àireamh mhór da’ chuid daoine agus buidheann shaighdearan á gearasdan Ard-nan-saor a’ dh’iarraidh a mhàil do’n Cheapaich. Chuala ’n Dòmhnullach gu’n robh iad a’ tighin agus thug e ordugh d’ a chuid daoine ’bhi fo’n armaibh chum gu faigheadh am maor ’s a chuid giullan gabhail-riutha iomchuidh. Choinnich na fir air a’ Cheapaich agus sheas iad aghaidh ri h-aghaidh mu thuaiream da fhichead slat d’a chéile.” — ’Dé tha dhìth ort an diugh?” arsa MacDhòmhnuill.— “Chuir m’athair,” ars’ an Catanach òg, “beannachd a d’ ionnsuidh, le cruaidh fhios air son a’ mhail a bha dligheach dha fhaotainn o chionn ioma bliadhna.” — “O dìreach,” ars’ am fear eile ’s e fàs dù-ghorm le frionus agus colg,— “O dìreach—beannachd a’ chait a dh’ ionnsuidh na luch; ach tuig, a leanabain gun fhiasag, gu bheil curaidhean ann d’an suaicheantas an leómhann—agus ma thogas tusa do spòg gu’m bi thu air do reubadh as a chéile—ged bu Daniel gach neach a tha leat!” “Socair! socair! a thuathanaich,” —ars’ an t-òganach smiorail neo-sgàthach,— “ ’sann a thainig mise a thogail a’ mhàil— ’s cha’n ann a bheathachadh mo chluasan le ana-cainnt.” — “Tog e ma ta,” arsa fear na Ceapach,— “sin agad mo mhàl-sa—cùig ciad fear fo’n
Ach ’siomad latha roi’ sin a rin neadh mort na Ceapach; agus co fada ’s a chuala mise ’s ann mar so a thachair:—
Anns a’ bhliadhna 1688, no theagamh roi’ sin, chuir fear na Ceapach a dha mhac ’s iad nan giullain do ’n sgoil do’ n Fhraing. Bha ’n cleachdadh so ro-chumanta ’s an àm am measg mhaithibh a’s mhór-uaislibh na h-Alba. —Chaochail an athair ùine ghearr an déigh dhoibh falbh, agus air do’n oighre bhi an an-aois, agus gun duine—cloinne eile ann ach aon nighean, fhuair brathair-an-athar, duine iargalta anamèineach aig an robh seachdnar mhac, riaghladh
Phòg iad sibh le pògan Iudais,
Air dhuibh tighin ùr oirnn as an Fhraing;
Faicill oirbh, a chlann mo rùin-sa
Nach bi cùis ac’ oirbh gun taing.
Ach bha e ’na ghealtaire cho comharaichte ’s nach tugteadh feart air ’nuair a bhiodh fàth eagail ann, agus beagan mhionaidean an déigh dha ’n rann so a sheinn, chuireadh air falbh e thoirt cuireadh do’n tuath a bhi ’s tigh aig cuilm mu naoi uairean a dh-oidhche. Chaidh na h-uile ni air aghart le cridhealas agus sunndachas neo-mheasgta car ùine. Anns na làithibh sin cha bhiodh e air a mheas tàireil do nighin tighearna no mor-fhir a làmh a chur ri h-obair air bith a bhuineadh do ghnothuichean a h-athar. Cha robh fathast craobh an ardain cho fad-mheurach; cha robh tobar an spòrs a’ cur thairis agus cha d’òl maighdeannan nam beann dhe. Mu dha uair an déigh mheadhon-latha chaidh piuthar nan gilleann a thainig dhachaidh a mach le dinneir nam buanaichean; dh’ fhàg i a bràithrean agus clann bhrathar-a- h-athar ’nan suidhe aig an aona bhord, ’s iad ag òl ’s a’ gabhail naigheachdan. Tharladh gu’n robh fear do mhic a’ chileadair aig an robh fior-dhroch bhoineid agus bha ’n t-oighre co toigheach orra ’s gu’n
(R’a leanailt san ath Theachdaire.)
title | 9 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 7 |