[185]

AN TEACHDAIRE UR GAIDHEALACH.

MIOS DEIRIDH AN T-SAMHRAIDH.

VIII. AIREAMH.

SEANN SGEUL GAIDHEALACH.

A Theachdaire Ghaelaich,

Innsidh mi dhuit sgeul beag mu a thachair o chionn còrr agus cheud bliadhna. Cha robh bith agadsa san àm sin, ged bu liath mise, Mactalla. Bi bainionnach do Chloinn-Dhiarmaid a thug cìoch do dh-Alastair Stiùbhart, fear Ghart. Bha dithis mhac aice, agus chaidh eucoir a dheanamh air an fhear dhiubha na chodhalta don tighearna, le Mac MhicIomhair Glinnlìbhit. Dhfhalbh an dithis bhràithrean gu Dùn Ghart air ghearan. Bha fios aig Mac-Mhic-Iomhair gun éireadh fear Ghartan aobhar nan òganach, agus dhorduich e, uime sin, an ruaig a chur orra agus gun leigeadh dhoibh dol as. Chunnaic Clann- ’ic-Dhiarmaid an tòir atighin cas orra, ’s o nach robh dol as aca leum iad don abhuinn Lìbhinn, an dùil nach leanadh an luchd-tòrach iad, ach ged a leum chaidh codhaltan tighearn a lot le saighid agus bhàthadh e. Theirear ris an àite gus an la diugh Linne Dhòmhnuill. Shnàmh am fear eile gu tìr agus thug e mach Gart.

Cha luaithe chuala Fear Ghart mar a bhà na thog e air, e féins a ghillean a thoirt a mach èiric a chodhalta. Dhaithnich Mac Mhic-Iomhair mar bhiodh achùis, agus chruinnich esan a dhaoine, agus choinnich na seòid a chéile mu mheadhon aghlinne. Dhfhàg na cinn-fheadhna an cuid daoine agus chaidh iad an còmhdhail a chéile, feuch an réiteadh iad achùis eatorra féin.

Bha breacan-an-éilidh air Fear Gharts bhan dara taobh dhe dorcha, ’s an taobh eile dearg: mun do dhealaich e ra ghillean thuirt e riutha fhads a chitheadh iad taobh dorch abhreacain a mach mar bhà e gun iad a ghluasad, ach nam faiceadh iad etionndadh an taobh dheirg iad a tharruinn an lann.

Cha robh an dithis fadaseanachasnuair rinn Mac-Mhic Iomhair fead; chual a dhaoine e, agus tharruinn gach fear a chlaidheamh. “Carson an fhead?” arsa fear Ghart. “Chaneilarsesanach a thional mo chuid éildean o na beannta.” “Mas ann mar sin a thà,” arsa fear Ghart, “ ’s mithich dhòmhsa mo mhìolchoin a ghairm,” ’s etionndadh a mach taobh dearg a bhreacain. Thug na suinnna chéile, —thòisich an slachdradh, ’s be sin an cath fuileachdach! Mu dheireadh ghabh Clann


[186] Mhic-Iomhair an ruaig, ’s lean càch iad ochd mìle suas an gleann; ann an so thionndaidh iad a rithist, ach cha bfhadasheas iad; thuit mu sheachd fichead dhiu! Am beagan dhiuchaidh as theich iad gu cearn eile don dùthaich. Ghlac Fear Gharts a chuideachd an tigheans an cuid fearainn, agus an ni a bhuannaich e mar so leis achlaidheamh chaidh a dhaingneachadh dha le lagh na rìoghachd fo làimh righ Seumas an treas anns abhliadhna 1477.

Nuair bha na Stiùbhartaich apilleadh on chath chaidh iad a thaobh don abhainn a nigheadh na fola bhàrr an claidhean. ’S ann uaith so a fhuair an gleann an t-ainm. Mun do thòisich an cath chuir na Stiùbhartaich dhiù seòrsa chuaran a bhorra, agus dhfhàg iad iad ri sgàth creige. Lean Leac-nan-cuaran rithe gus an la diughDail an Rùsgaidh ris an àit anns an do rùisg iad an claidheanLaggan achath ris an àit an dthàinig iad gu buillean, agus Camus-nan-carn ris an aiten do thill Clann Mhic Iomhair an déigh an ruaig a ghabhail agus farn do mharbhadh achuid ba mhò dhiu.

Chaidh claidheamh agus aon de na tuadhan-airm a chladhach á Laggan-nan-cath anns abhliadhna 1816, agus bha iad an sin aig an t-seanalair Daibhi Stiubhart, mar a chaidh ìnnse dhòmhsa.

MACTALLA.

Eilean Chola, 1836.

title1
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page