NAIGHEACHD CIANAIL.
Thachair a’ chùis m’a bheil sinn a’ dol a labhairt o chionn ghoirid, agus cha’n e faoin-sgeul a th’ ann. Bha fleasgach òg agus oigh car bhliadhnaichean an gaol air a chéile, agus fa dheireadh dh’ aontaich an càirdean gu’m pòsadh iad—chaidh an là a shocrachadh, agus bha gach uidheamachadh feumail a’ dol air aghaidh. An là mun robh ’chùis ri tachairt, ghearain bean-na-bainnse nach robh i gu math, agus dh’ iarr iad oirre i féin a leige ’na sìneadh. “Leigidh,” ars’ ise, “ach feumaidh e gur āite socair a bhitheas ann, oir tha mi ’mothachadh nach éirich mi tuille sa’ bheatha so.” An ùine bheag dh’ fhàs i ni bu mhiosa, chuir iad fios air léigh, a dh’ aidich ’nuair a chunnaic e i nach robh ach beag fiuthair aige gu’m faigheadh i’ chuid a b’fhearr de’n tinneas. Air an la-màireach thòisich muinntir na bainnse ri cruinneachadh, gun fhios aca mar bhà, agus thainig am ministeir mar an ceudna; ach, mo thruaighe! thionndaidh tigh an t-subhachais gu tigh a’ bhròin. Chaidh a leigeil ris do bhean-na-bainnse an cor cunnartach anns an robh i, ris an d’ éisd i le strìochdadh iomchuidh; fhuair fear-na-bainnse mar an ceudna fios mar bha’ chùis, agus ma fhuair cha bu chùis fharmaid e. Lion tróm-dhubhachas ’inntinn, agus bha e air a chlaoidh le cràdh anabarrach anama. Chaidh fheòraich dhiubh, an làthair na cuideachd uile, am b’ àill leo, fo leithid de dh’fhiosrachadh, gun rachadh am pòsadh. Theagamh nach do chuireadh ceisd riamh, air a leithid do dh-àm, bu deuchainniche na i so; agus an déigh dhoibh rùn cridhe a chéile a thuigsinn, dh’ asluich bean-na-bainnse gu’m feudadh i dol gu bàs mar mhnaoi chaidrich, agus gu’n giùlaineadh fear a cridhe a ceann chum na h-uaighe. Dhùisg an spéis mhòr so d’a chéile cianalas ann an cridhe gach aon a bha làthair—dhlùthaich iad ri taobh leapa bean-na-bainnse, agus dh’ asluicheadh beannachd Dhé le fìor dhùrachd, a’ measg osnaichean bristeach o iomad cridhe a bha ullamh gu sgàineadh leis an t-sealladh mhuladach air an robh iad fianuiseach. Ghlac fear-na-bainnse an lamh sin a chaidh gu fann a shìneadh dha mar fhianuis air a deòin; ghairm an deagh mhinisteir ’nan lànan pòsd’ iad, agus ’nan aon iadsan a bha ann am beagan uairean ri bhi air an eadar-dhealachadh a chaoidh. Dh’ iadh dorchadas a’ bhàis m’a sùilean agus dh’ fhàs a leaba phòsda ’na uiridh a bàis; agus bha ise a bha beagan làithean roimhe so, an ard dhóchas ri mòr shonas o chaidreamh gaolach a fir, ’na sìneadh air an eisinn fuar marbh gun deò, mun dùraigeadh mòran de mhuinntir na bainnse an teaghlach brònach fhàgail.
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |