TINNEASAN AN AN GLASCHO.
RE ceud mhios an t-samhraidh thromaich fiabhruis agus a’ bhreac nàdurra air feadh a’ bhaile so, air chor agus gu’n robh an Tigh-Eiridinn rìoghail ni bu làine na air na miosaibh eile chaidh seachad de’n bhliadhna. Bho lànachd no falamhachd an tighe feudar deagh bharail a thabhairt air fallaineachd no mi-fhallaineachd a’ bhaile.
Ghabhadh a stigh rè a’ mhìos 370 air fad; air 208 dhiubh so bha fiabhrus, air 8 breac nàdurra, agus air càch galaran neo-ghabhabhaltach; bu Ghàidheil seathnar do mhuinntir na bric, agus chaochail triùir do na Gáidheil. Bha tri fichead bàs air feadh an tighe air fad ré a’ mhios, àireamh ni ’s mò na bha againn roimhe. Air mios meadhoin an t-samhraidh ghabhar a stigh 383; air 214 diubh so bha fiabhrus, air 12 breac-uàdurra, agus air càch tinneasan mì-ghabhaltach: do ’n 12 air an robh a’ bhreac, bhàsaich 5, agus bu Ghaidheil deichnar dhiubh. B’e àireamh nam bàs 64. Tha sinn mar so a’ faicinn nach ’eil mios meadhoin an t-samhruidh ni ’s fallaine na ’cheud mhìos.
ROB RUADH.
title | 12 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |