[204] CORN A’ MHISGEIR.
“Am fear thu bha ’pòit gu tric a ’s tigh-òsd
’S tu cridheil ag òl an dram?
Nach iarradh dhuit féin do fhlaitheanas Dé,
Ach beirm a bhi ’g éiridh ’d cheann.”
’SE CLEACHDADH PEACACH NA MISG aon do na dubhailcean a’s duaichni, a’s breisleachala, a’s miodalaiche, shodalaiche, bhrosgulaiche, mhealltaiche is urrainn teachd an caramh nàdur a’ chinne-dhaonna; tha e a’ tionndadh bun-os-ceann agus a’tur-atharrachadh fìrinnean shuidhichte na beatha; a’ deanamh amadan do’n duine thuigseach agus lunndaire do ’n duine shaothaireach—a’ tionndadh sonais gu truaighe, sìth gu glagaireachd agus cairdean gu nàimhdean; tha e mealltach mar abhall Ghomorrah, no meas na craoibhe toirmisgte sin o’n d’ thainig cionta agus truaighe do’n t-saoghal; mar chraobh an Upais a’ tilgeil a mach air gach taobh fuar-dhealt mhillteach, a’ puinnseanachadh blàithean na tròcair agus a’ duibhreachadh le clò-chadal marbhantach inntinnean a thràillean truaillidh dìbli. Cha ’n eil luchd-aoraidh Jugurnaut, ge h-òg a tha iad air an treòrachadh gu slighean carach saobh-chràbhaidh ni’s mò no ni’s truaighe air am buaireadh na tha iasdan tha cleachdadh ana-measarrachd na dibhe-làidir, agus a ta am bitheantas le’n deòin a’ cumail fodha gach deagh thogradh, a’ dearmad gach dleasnais, agus ag imeachd le làn
[205] fhiosrachadh chum a’
chip-
thuislidh mhuladaich so,
ann an làn-
aois am fearalais,
a’
cur an suarachas na h-
uile rabhadh agus earail is urrainn an cairdean is dìlse ’
s is fearr a thoirt doibh,
agus a’
tréigsinn gach uile thoil-
inntinn neo-
chiontach agus mheasail chum an glùn a lùbadh do dh-
ìodhol sgreamhail,
cuthaich,
neo-
aoidheil na misg!
d’
am bheil an dàn a réir coltais a bhi ’
na chion-
fàth do gach tràilleachd inntinn,
mi-
riaghailt agus cionta.
Tha cumhachd na TOITE cunnartach agus eagalach, ach tha ’n t-innleachd so air iomadh dòigh feumail; agus am FUDAR mar an ceudna, ged tha air uairibh na mìltean ’gam marbhadh leis, gabhaidh e air uairibh eile stiùradh chum math a’ Chinne dhaonna; ach tha cumhachd mìllteach na misg thar tomhas osceann iad sin, a’ léir-sgrios nan uile tha teachd ’na charamh, gun aon ni feumail no ciatach is urrainnear ainmeachadh ’na lorg, a’ truailleadh mathair-aobhair gach mothachalachd neo-chiontach agus òirdheirc, a’ milleadh ìomhaigh Dhé ann an gnùis an duine, a’ doilleireachadh gach seórsa fiosrachaidh, eòlais agus tuigse, agus a’ gintinn aineolais, féin-spéis, foirneart agus eu-dòchas, a’ breithealachadh an riasoin, a’ neartachadh gach droch thograidh, a’ fògradh gràidh, agus a’ lagachadh na meadhair—a’ fuadach faicill—a’ salchadh ionracais—a’ fiaradh na tuigse—a’ cìosnachadh saorsa neo-eisimealachd—a’ ceannsachadh neart agus tàbhachd na h-inntinn; a’ milleadh àilleachd—a’ caitheamh spionnaidh—a’ truailleadh tograidh—a salchadh na fola—a’ losgadh taobh a stigh an duine—a’ lagachadh meirbheidh—a’ cur na h-eanchainn troimh a chéile agus a’ truailleadh a’ chridhe; a gintinn meud-bhronn, boile-cuthaich, liunn-dubh agus airtneal, tograidhean mi-nàdurra, mealladh-fradhairc, agus iomadh eucail cuirp; a’ breothadh na h-analach, a prabadh ’s a’ deargachadh nan sùl, a’ togail spad-thinneas pairilis, reamhrachd sgreamhail ghalarach, crith-chinn agus làmh, cuthach no baoghaltachd ghurraiceil ùmpadail; a’ mì-naomhachadh gach ni tha naomha, deagh-bheusach agus luachmhor; a’ cur nan saoibhir fo gheasaibh, a’ milleadh nam bochdan; a mealladh an teallsanaich, a’ ruigheachd o’n altair gus an rìgh-chathair, agus a’ tilgeadh sìos ’s a’ maolachadh àilleachd bhoillsgeanta shoilleir géiread, foghluim agus mòrachd cheudfaithean gu coltas baoghalta, pleòisgeach, maol-aigneach, trom-cheannach faoin-chomhradhach, neo-mothachail an daor-amadain; a’ milleadh gach mothuchaidh, a’ sgrios an anama, mèirleach an sporain agus còmpanach a dh-ìslicheadh meas a’ BHAIGEIR; a tha coirbeadh nan òg, nan sean agus nan treun, a’ doilleireachadh urram agus òirdheirceas inntinn fhlathail chomasach mhic an duine; a’ tàladh nan neo-amharusach, a’ ribeadh nan neo-fhaicilleach, a’ sgaoileadh na cuirm a mhealladh agus a bhuaireadh an dream a ta cridheil, aighearach, sunndach, rìomhach, a ta faoin, diomhain, stràiceil, uallach, gòrach, amaideach, baoth, chum mire agus sùgradh am measg mealltaireachd fleadhachais agus cridhealas na h-òige, a’ cur mu ’n
[206] cuairt nan corn le aoibhneas agus ceol-
gàire,
a’
dùlanachadh gach cùram agus a’
deanamh gairdeachais ri cridhealas mòrchuisach,
aithghearr—
maighdeann bhuaireadail an léir-
sgrios a’
seinn—
na mìlseanan a’
s taitniche fo ’
n cuimse—
mi-
stumachd,
ana-
measarrachd agus ana-
mianna neo-
gheamnuidheachd ’
gam buaireadh agus ’
gan greasad gu ionad na dóruinn far am bi tinneas,
iarguin agus ganntar,
mar nathraichean millteach ag iadhadh mu ’
n cuairt na h-
aitim neo-
chùramach bhras a bhios an sin air a dhóruinneachadh agus a’
fulann geur chràdh!
Tha a mhaise àillidh a’
seargadh mar phreas a ghearrar sios,
tha mòrachd a neart ’
ga thréigsinn mar lasair theine,
tha e ’
grodadh ’
s a’
tuiteam sìos ann an staid anabachd.
Tha Còrn a’
Mhisgeir a’
fuarachadh fiùghantachd,
ag ìsleachadh fiosrachaidh agus foghluim,
a’
cur mì-
dhreach air gloinead,
a’
còmhdachadh fìreantachd agus a’
masluchadh urram agus ard-
inbhe an duine;
tha e ni’
s milltiche na a’
phlàigh,
ni’
s glutaiche na ’
n uile-
bheist ioma-
cheannach!
tha e ’
g ìsleachadh,
a’
tàmailteachadh,
a’
goid a thoinisg ’
s a chéill,
a chumhachd agus a smachd o’
n FHIRIONNACH;
ach ma tha anns an t-
saoghal so uile creutair is gràineala na duine misgeach, ’
s i ’
n creutair so am BOIRIONNACH misgeach!
Aon uair ’
s gu’
n strìochd ise do’
n chleachdadh uamhasach so cha ’
n eil cainnt air thalamh is urrainn an deicheamh cuid de’
n truaillidheachd no de ’
n truaighe d’
am beil i buailteach a chur an céill!
Co luath ’
s a thachras so tha i ’
gabhail a cead do neo-
chiontas agus do shìth,
agus tha i tàladh a’
mhac-
mhallachd chum gach dóruinn is guiniche na chéile chur ’
na caramh,
tha i a’
call a mothuchaidh air gach deagh-
bheus màlda banail a bha roimhe ’
ga sgeadachadh mar thrusgan àillidh;
cha leatha-
se tuillidh sonas maidne no feasgair,
tha aoibhneas sòlasach a’
chridhe theas ghràdhaich chairdeil a’
teicheadh fada bhuaipe,
agus ’
na àite tha teachd g’
a h-
ionnsuidh iomadh àmhghar agus trioblaid is géire na dh’
fhairich iadsan riabh a bha ’
caoidh an càirdean bu dìlse ’
s bu ghràdhaiche;
a’
fàsgadh na h-
àilleachd as a gruaidh;
tha e a’
milleadh a’
ghràidh bu chòir a bhi eadar pàrantan agus an cuid cloinne,
a’
deanamh màthair mhì-
nàdurra,
bean mhosach,
shalach,
neo-
sgeinmeil,
agus fear-
pósda brùideil borb;
tha toilinntinn theaghlachail a’
seachnadh na fardoich mhi-
shona,
a’
teicheadh o chomunn nam misgeirean;
tha bròn,
truaighe agus ainniseachd a’
sàrachadh na mnatha,
aineolas bochduinn,
droch eisimpleir agus dearmadachd a’
milleadh nam pàisdean mi-
fhortanach,
agus do bhach-
thoirm fhaoin ghloireach a’
phòiteir tha an ùine ghoirid a’
freagairt mar thaghairm,
caoidhearan àmhgharach na BANNTRACH àonaranaich ànraich,
agus gearan fann an dìlleachdain thruaigh air fhàgail gun chòmhnadh gun chobhair!
Ma’
s maighstir esan a chleachdas a’
mhisg fàsaidh e eucorach aingidh mi-
cheart;
ma’
s seirbhiseach e fàsaidh e mi-
onorach,
beadaidh,
tarcuiseach,
cealgach;
mar charaid bidh e mealltach,
foilleil,
agus mar bhall de’
n mhór-
shluagh,
neo-
fhiachail leibideach;
fear-
spùinnidh,
creachadair agus fein-
[207] mhortair;
tha daoine matha ’
ga mheas mar dhuine tha tur-
chaillte d’
a theaghlach agus do’
n t-
saoghal,
a ta le ’
uile dheòin a’
tréigsinn gach sonas mairionnach agus cliùiteach,
a’
fuadach bhuaithe ceartas agus suaimhneas,
agus ag aonagail ’
s a’
crìonadh air falbh ann an cleachdadh gach dubhailc a thig ’
na rathad anns na h-
ionadaibh dóruinneach oillteil d’
am bheil ’
inntinn thruaillte a nis ’
ga stiùradh gun oidhirp sam bith air a thaobh-
san chum an seachnadh;
mar fhear a ta a’
fàilteachadh truaighe agus dìth,
anns na h-
uile dòigh a’
s déisniche ’
s a’
s sgreamhala,
agus is gann is airidh air truaghas a ghabhail deth;
tha droch dhaoine ’
ga chur air bheag suim agus a’
deanamh tàir air;
tha daoine measarra air an oillteachadh roimhe agus a’
smuainteachadh air a’
chaithe-
beatha le sgreamh agus déistinn;
tha eadhon a chómpanaich thruaillidh iad féin a’
seasamh thairis air le gàire fanoideach!
tha ìnntinn an duine thruaigh fo sgàil dorcha,
tha gach còmhluadar creideasach toinisgeil air fhàgail,
na h-
uile gnothuch air a dhearmad agus dìblidheachd agus lùnndaireachd neo-
dhuineil air faotainn làn bhuaidh air;
cha ’
n eil e ’
na urrainn gnothuichean a chur air aghart mar dhuin’
eile,
tha eagal air romh chuideachda stuama agus gach fearas-
chuideachd a tha neo-
lochdach agus neo-
chiontach;
tha ’
n cleachdadh mallaichte so a’
mùchadh agus a’
truailleadh gach smuain mu stuamachd no iomchuidheachd agus ’
ga threòrachadh chum cleachdadh nam mionn,
nam breug agus gach ni tha ’
n lorg neo-
fhiachalachd.
Do ghnàth neo-
ghrùnndail,
neo-
ghniomhach agus stròghail,
faoin,
neo-
thuigseach,
neo-
fhreasdalach,
bidh e air uairibh ana-
céillidh gionach agus iargalta,
lān do spòrs féin-
bheachdail,
ach gun fhoighidin a thrusadh stòrais gu riaghailteach athaiseach mar dhaoin’
eile;
tha a dhachaidh mi-
riaghailteach agus gun tlus;
tha e coma ’
dé ’
s coltas da,
mī-
thaingeil mi-
naomha,
mi-
sheirceil neo-
thruacanta;
air a chruadhachadh ann an cionta agus ag aomadh chum uilc mar dhroch-
spioradaibh a’
chùl-
shleamhnachaidh,
no nàmhuid mhìllteach a’
chinne dhaonna;
cha’
n eil e a’
mealtainn uiread de shochairean na beatha so ’
s a tha daoine measarra;
agus ged nach biodh a’
bheatha mhairionnach idir ri teachd cha leigeadh ana-
measarrachd leis sòlasan neo-
chiontach na beatha so féin a shealbhachadh le tlachd.
Faodaidh laigsinn agus dubhachas truime-
inntinn stad a chur air car tamuill;
ach tha a dhòchas air a losgadh suas,
tha ’
ghaol agus a chàil air seargadh,
tha neart agus tàbhachd ’
inntinn air crìonadh,
tha a dhroch thograidhean o àm gu àm a’
dùsgadh,
agus air call an duinealais inntinn a chumadh fodha iad,
tha e’
g ràdh ’
na chridhe “
Iarraidh mi fhathast e”
agus a’
tionndadh gu dìbli,
dìmeasach,
sèapach mar am madadh chum a sgeith,
no a’
mhuc a chaidh nigheadh chum a h-
aoirneagan san làthaich.
Tha na h-
uile nì dhàsan neo-
bhlasda,
neo-
bhrìgheil,
marbhanta,
neo-
shùnndach mur bi e air a bhrosnuchadh le spionnadh buaireadail deoch làidir a chumas suas a mhisneach car tamuill agus an sin a thilgeas sìos e ni’
s doimhne na bha e riamh. ’
S ann mar
[208] so tha daonnan a’
tachairt do’
n gheòcaire ’
s do’
n mhisgeir,
tha an uile dhòchais bhoillsgeach dheàrsach ri sonas an lorg ana-
measarrachd a’
sleamhnachadh as an lamhan agus ’
gam fàgail ’
nan creich chreachte,
spùinnte,
mhìllte,
air am bioradh le aithreachas agus eu-
dòchas feargach cuthaich.
Gun umhaill m’
a chliù féin tha am misgeir borb mi-
thlusail r’
a theaghlach féin agus trodach searbh-
chainnteach r’
a choimhearsnach;
tha ’
chairdean a’
fàs ’
nan coigrich agus tha coigrich a’
cur as da gus mu dheireadh am bheil e dol fodha ann an truaighe gun dóchas,
ann an léir-
sgrios do-
leasachadh agus gu BAS roimh mhithich! ’
Se so deireadh muladach an tograidh sgriosail so a tha sa’
cheud dol a mach gu bitheanta r’
a fhaicinn an co-
lorg caoimhneis agus faoilidheachd chairdeil bhlàth-
cridheach!
gidheadh is tric is ann o’
n aobhar so tha peacadh agus laigsinn,
baigeireachd agus eu-
dòchas ag éiridh,
agus a’
gramachadh ri aitim mhi-
fhortanach na misg gu deireadh a làithean muladach,
agus masladh agus tàir ’
ga leanailt chum na h-
uaighe agus a’
mairsinn mar leus-
mara thoirt rabhaidh mu na creagan cunnartach air na sgoilt iadsan a tha nis gu h-
iosal agus gu truaillidh ’
nan laidhe san ùir!
Gu fortanach do na lìnnean tha fathast ri teachd cha ’n urrain an cleachdadh gràineil so m’an do labhair sinn grabadh sam bith a chur air a’ chràbhadh shoillseachail tha mach air feadh nan dùthchaibh so a’ ciùineachadh a’ càllachadh agus a’ teagasg an t-sluaigh; agus air a chuideachadh le foghlum pailt agus iomchuidh, fiùghantachd agus fiosrachadh, ’s ann tha sinn an dòchas gu’m fògair iad am cleachdadh sgriosail so agus gach peacadh gràineil eile as ar tìr! Ged tha beatha a’ Mhisgeir air a caitheamh ann an diombuil agus mi-ghnàthachadh mi-gheimnidh air sochairean na beatha, tha e a’ faotainn cha’n e amhàin dìmeas agus tàir a choimhearsnach, ach tha e a’ dùsgadh feirg an Uile-chumhachdaich, agus an cunnart an tiugh-dhorchadais a bhitheas gun cheann gun chrìoch! !! Is trioblaideach r’a chluinntinn eachdraidh cumhachd an tograidh mhealltaich so a ta an toiseach a’ teachd air dhòigh cho shìobhalta chiùin ri sruthan lùbach balbh a’ ghlinne, agus gun a’ tarruing ach beag aire ged tha e daonnan a’ dol air aghaidh agus a’ meudachadh, gus mu dheireadh a’ bheil e air fàs ’na bhras-shruth làidir buaireasach, feargach, a sguabadh leis agus a’ sgrios gach ni agus neach a thig ’na rathad! ’S ann amhàin an àm toìseachadh air a’ chleachdadh so a ghabhas e cìosnachadh. Tha déigh air deoch làidir dìreach mar tha déigh air tombaca agus sùgh-cadail; tha na h-uile duine ’gam meas gràineil air a’ cheud deuchainn agus cha ’n ann gun spairn is urrainn iad leanailt orra, ach a lìon cuid ’us cuid tha cumhachd a’ chleachdaidh ’gam fàgail taitneach agus mu dheireadh tha ’n aitim fhaoin, shocharach air a ribeadh air dhòigh is ainmic theid aige air fhuasgladh, Nuair tha e mar so a’ fosgladh air féin tuil-dhorsan na millteachd cha ’n eil e comasach a ràdhainn c’àit an stad e,
[209] oir tha togradh na misg cho do-
cheannsachaidh ri gorta,
do-
lùbadh mar am bàs,
agus cìocrach neo-
iochdmhor mar an uaigh.
Tha so a’
leigeil fhaicinn duinn cho cunnartach ’
s a tha e bhi meachranachd ri deoch làidir,
agus gliocas nam feadhnach tha fuireach tur air falbh uaipe agus a tha do ghnàth fa riaghladh féin-
smachd dhuineil,
a’
caidreachadh,
a’
sireadh agus a’
cur air aghaidh fiosrachadh feumail,
a’
gabhail tlachd ann an ionnsuchadh,
agus gach leasachadh cliùiteach,
agus ann an sonas saoithreachail dìchiollach an coimhearsnach,
agus a’
roghnachadh beannachdan slàinte-
cuirp,
neò-
chiontas agus sìth,
thar bach-
thoirm chonghaireach aimhreiteach na pòit,
agus slaodaireachd fhuasgailte neo-
mheasarra,
ged robh iad air an sgeadachadh leis gach faoin-
rìomhadh mealltach a ghabhas càramh m’
an tmchioll.
Mo thruaighe mo thruaighe! iadsan a ta cho fad’ air am buaireadh ’s gu bheil iad ag òl deoch na dí-chuimhn a bhàthadh nan àmhghar a tharruing an deoch so féin orra! iadsan a ta cho tur air an truailleadh ’s gu bheil iad a ghnàth a’ togairt do na h-ionadaibh dóruinneach ris na chuir sìth agus suaimhneas cùl! far nach ’eil neo-chiontas no dòchas idir a’ teachd! Ach có ’s urrainn ochòin! a ràdhainn air an sonsan a ta fo bhinn-dìtidh an Uile-Chumhachdaich, nuair tha iad a’ mì-bhuileachadh an cumhachdan agus gach cothrom agus fiosrachadh a bhuilich esan orra, a leanailt a’ phuinnsein a tha air a chomharachadh a mach agus air a mhallachadh ’na uidheamachadh, anns a’ bhascaid agus anns an tigh-thaisg, anns an tigh-chòmhnuidh agus air a’ mhagh! Fàgadh gach aon matà leis ’m bu mhiannach e féin a thogail as an duslach, agus a tha ’n déigh air deagh chliù agus saoibhreas, sligheannan sgriosail na pòit! Seachnadh iad DROCH CUIDEACHD, DIOMHANAS, STROGHALAS, MI-MHEASARRACHD agus CLUICHE AIR SON AIRGID. An sin éiridh fìreantachd, neo-chiontas agus cridhealas mu ’n cuairt doibh a sgiamhachadh agus a bheannachadh na talmhainn! Mar a sheachnadh sibh mata gach truaighe shaoghalta agus shiorruidh, foghlumaibh MEASARRACHD O CHORN A’ MHISGEIR.
EAD. D.