[209]

FREAGRADH DO LITIR A’GHILLE CHARRAICH.”

A Theachdair ùir,

’S iongatach leam gun tugadh sibh àitenur duilleagan prìseil do ghearan aGhille Charraich,” mar a rinn sibh sachóigeamh àireamh, no a dh-anoa chuid gun gabhadh sibhfhocal-san mar fhìrinn gun thaobh na cùise a hluinntinn. ’S fhada on chuala sibh, Tha thaobh aig bàtan aiseig, agus tha dhòigh air sgeul aithris.

Mun tugadh sibhse binn a mach, agus mun craobh-sgaoileadh sibh an sgeul air feadh na dùthcha, shaoilinn gum biomchuidh an gun éisdeadh sibh na bha aig amhaighstir-sgoilea ràdh air a shon féin mun cuireadh


[210] sibhaimn a mach ra chagnadh am beul an t-sluaigh nach iarradh na bfhearr air àm air bith na ministeir no maighstir-sgoile fhoatainn eadar am fiaclabh. ’S math is aithne dhomh co èngille carrach mac na banntraich,” an slaod mosach! ’S oil leam nach robh slatag righin challtuinn agamsa thairis air a cheann granndas air mfhocal gheibheadh e cìreadh nach -chuimhnicheadh e an latha so.

S math tha fios agaibhse, a Theachdaire (a dhaona chuid bha fios aig an fhear nach mairionn an seann Teachdaire) nacheil daoine san dùthaich as miosa giullachd na na maighstirean-sgoile Gaidhealach, daoinechaith móran ùine air foghlum fhaotainndaoine dan éiginn giùlan stòlda riaghailteach a leantuinn, agus, am bitheantas daoine ionraic, diadhaidh, thaga dheanamh sin; agus aig abheil seòrsa de leth uaisle ra chumail suas, agus measus deagh aimn san sgìreachd; ach a dh-aindeoin so chan eil luchd ceairde san dùthaich is lugha aig am bheil air son an saoithreach; no tha air am fàgail ann am bochduinn co mór riutha. Gheibh an gobhainn luach a shaoithreach mar dhoibricheas egheibh an greusaiche prìs nam brògan tàillear mar a dhfhuaigheas e, agus am figheadair dìolar dha saothair a làmh. Gheibh fear an tigh-òsda pàigheadh an uisge-bheatha a h-uile leth-bhodach, oir bu tàmailteach so fhàgail gun dìol; ach am maighstir-sgoile bochd cha nàrs cha pheacach esan a spùinneadhs a mhealladh. ’S minic a choisich mi o mhoch gu anmoch air feadh na sgìreachd ag iarraidh airgiod-sgoile agus a phill mi san fheasgar gun uiread agus luach peic mhine fhaotainn.

Tha na ministeirean agus daoin’ -uaisle eile glé thogarach air dìlleachdain agus clann dhaoine bochda chur don sgoil agus litir a thoirt doibh don mhaighstir; ach shaoilinn gum bu fhreagarach an dhoibh ràidhe no dha phàigheadh air an son. An cuir iad dìlleachdain le litir a dhionnsuidh aghreusaiche dhfhaighinn paidhir bhròg, no dhionnsuidh an tàilleir a dhfhoatainn paidhir bhrigsean? ’S beag mo chùram; tha fios aca ciod a thigeadh as a leithid sin; ach a h-uile cailleach, a h-uile slaod lùnndach leasg nach dean obair no cosnadh, a h-uile misgeir tha dearmadach ma theaghlach chan eil aca ach ceum a ghabhail gu ministeir no duin’ -uasal san dùthaich, agus an gearan a dheanamh, agus grad gheibh iad litir agus sparrargillean carrachair amhaightstir-sgoile mar chuireadh a chailleach air Eóghan, a dheòin no dh-aindeoin; agus ma bheir mi clibheag dhoibh taobh an leth-chinn no ma dh-fhàisgeas mi cluas aona gharraichnam measg, no ma bheir mi achmhasan air bith dhoibh, air falbh gabhaidh iad le casaid agus gearan, agus cha leòir sin, achs éiginn litir a chur san Teachdair ùr gar smàdadh agus a thogail fanoid na dùthchanar n-aghaidh. Air mfhocal nam bithinn-se cho bras ullamh air eachdraidh na h-uile gille carrach san dùthaich a sgrìobhadhs a chur a mach dur n-ionnsuidh agus a liughad leisgeul lùbach


[211] briagach agus diùltadh mosach a gheibh mi eadar dhà cheann na bliadhna o dhaoine nach saoileadh sibh, bheirinn air iomadh aon amharc glé neònach an ath uair a thigeadh an Teachdair ùr don dùthaich. An cluinn sibhse mise, Theachdaire, eadaruinn féin, mas iad na tighearnan beaga iad féin, chan ann aon uair no uair a theid sinn a dhiarraidh ar còir féin orra, agusnuair a gheibh sinn es ann le diomb agus gearan, ged tha ar còir air co maths a than còir-san air amhàl. Tha airgiod sgoilagam an aghaidh dhaoine san sgìreachd o chionn leth-dusan bliadhna agus cuid diubh an cothrom math, ach gun tighin air airgiod cha toir iad sguab no adag arbhair dhomh airson amhairt, no croidhleag bhuntàta don teaghlach. Tha garraich bheaga mhìomhail is aithne dhomh bha iomad ràidhe ann am sgoil gun aon sgillinn a phàigheadh dhomh, ’s cha toir iad uibhir latha dhomh sabhlar-mhòine nothogail abhuntàta, agus gad éisg cha dthug a h-aon diubh am ionnsuidh riamh; ach ma thuiteas dòmhsa dol latha on tigh, no dol a mach air dorus an tighe, cha chluinnear ach gearan as casaid, agus chunnaic mi riamh gum ben slaod lùnndach leisg aig am biodh achasaid bu làidire.

Mobhrigsean corduròigu dearbh! ’ sin dàsan an trusdarn seorsa bhrigsean tha micaitheamh? Moshùilean biorach dubha!” Cha bionann sins a shùilean-sa, an glog-shuileach glòireann ceanann.

Agus a nis a Theachdair ùir, slàn leibh air an àm! ach na biodh sìbhse cho teóm air casaid a ghabhail an aghaidh mhaighstirean-sgoile. Nam biodh mo shaoghal ri tòiseachadh a rithist, bfhearr leam a bhim cheard nam mhaighstir-sgoile Gaelach. Bhiodh an sin agam masail fhad-chluasach athaiseachleanabh anns gach cliabhaon eilair an t-srathairan naoidhean aig mo mhnaoiga ghùilan air a h-uchd, agus mi réin acoiseachd le nphìb bhig Eirionnaich fo machlais, am balg-séididh air mo dhruim le mchuid òrds gach acfhuinn eile. Sagheamhradh bhiodh gach uamh dhorchana dachaidh dhuinn, agus dhfhòghnadh sgàile nan creag san t-samhradh.

Slàn leibh a rithist! ’Nuair a gheibh mim beagan mòine chur a stigh bidh sibh an cunnart litir eile fhaotainn on.

MHAIGHSTIR-SGOILE GHAELACH.

title14
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page