[211]

MAR CHAIDH CALAIS A GHLACADH.

CHUIR an treas Edward, an déigh blār Chressy, séisd ri Calais. Dhaighnich e a champ co laidirs nach robh uile chumhachd na Fraingenan urrainn thoirt orra géilleadh, no idir aon ni a chur don bhaile a dheanadh còmhnadh riutha. Dhìon muinntir abhaile iad féin gu gaisgeil foghainteach. Bha nis còrr agus bliadhnon a chuairtich Edward, lefheachd buadhar, am baile. Bhan Eòrpair fad ann an iomaguin mar chrìochnaicheadh


[212] achùis. Ach fa dheireadh rinn cion lòin an gnothach a luathachadh. —An déigh do mhuinntir abhaile ioma cruaidh-chas anabarrach fhulang, chuir iad romhpa oidheirp a thoirt air camp an nàmhaid. —Chaidh iad gu misneachail a mach; choinnich am feachd Sasunnach iad; agus an déigh dhoibh cath ro shearbh a chur, ghlacadh an Ceann-feachd Frangach, agus chaidh achuid a dhfhan beò den arm a stigh don bhaile. Thuit riaghladh abhaile air St Pierre, duine neo-inbheach do thaobh breith, ach ard do thaobh deagh-bheus: Thairg e géilleadh do Edward, nan ceadaicheadh e dhoibh am beatha agus an saorsainn. Chum nach measte gun robh e ro an-iochdmhor, dhaontaich e am mòr-shluagh a chaomhnadh, nan dthugadh iad suas dhàsan sèathnar de na daoine burramaiche bhaca le cùird mam muineil chum dìoladh a thoirt airson mar bhrosnaich iad an cumanda gu ar-amachna aghaidh. ’Nuair a dhinnis a theachdaire, Sir Walter Mauny, dhoibh na cùmhnantan air am faigheadh iad as, ghlac oillt agus mòr-uamhunn gach aon diu. An déigh tosd fada gu h-acaineach tróm, thuirt St Pierre, air dha dol suas air ionad àrd, ris amhòr-chuideachd:— “Mo chàirdean, tha sinn an diugh air tuiteam ann an airc ro mhòr. Feumaidh sinn strìochdadh do thoil ar nàmhaid, no ar clann bheag, ar mnathan, agus ar nigheanan a thoirt thairis do ana-miann chìocrasach an airm. Abheil aon dòigh air so a bhacadh, leis am feud sinn iadsan a bhair cho’ -dìol ruinn féin a shaoradh, no an leig sinn leo am baila ghlacadh, agus léir-sgrios agus fàsachadh a tharruing air? Thà, mo chàirdean, aon seòl againn air sin a sheachnadh, dòigh àghmhor, urramach, agus chliùiteach! Abheil aon fhearn ar measg leis an ionmhuinne cliù na a bheatha? Ma thà, thugadh e suas e féin mar ìobairt arson tearuinteachd a shluaigh! Measar taitneach e leis aChumhachd sin a thug thairisaona mhac chum an cinne daonna thèarnadh!” Labhair esan, —ach cha dubhairt duine focal. Dhamhairc gach fear ma thimchioll dhfheuch an robh de mhisnich agus de dh-fhiachalachd aig a h-aon diu na thairgeadh e féin. Mu dheireadh thuirt St Pierre: Is cinnteach mi gu bheil iomad fear ann an so, a tha nis dealasaiche gu e féin ìobradh, na mise, ged a than inbhe chum abheil mi air màrduchadh, le ciomachas ar Ceannaird, atoirt còir dhomh air mo bheatha féin a thoirt suas an toiseach chum sibhsa shaoradh. Tha miga dheanamh gu làn toileach. thig a rithist?” “Do mhac,” ghlaodh òganach nach robh fathastna làn fhàs.— “Och, mo leanabh!” a deir St Pierre; “théid misen sin ìobradh uairach chan e sin a thachair, ’s ann a ghin mi thu an dara h-uair. —Chaneil do bhliadhnaidh ach tearc, a mhic, ach tha iad iomlan. Than neach a dhfhuilingeas airson na còrach air ruigheachd amhaith as àirde sabheatha so. thig a rìs, mo chàirde? ’Se so àm nan laoch:” Do charaid, a deir fear. Tfhear-cinnidh, a deir fear eile. Agus mise, deir fear eile.— “Mo chreach!” dhéigh Sir Walter
[213] Mauny, Carson nach ann de mhuinntir Chalais a bha mi?” Bhan seathamh fear fhathast a dhì orra, ach cha bfhada thachair sin, oir bha nis cruaidh strìgh am measg an t-sluaigh am fear a ghabhte. Chaidh an sin iuchraichean abhaile a liuthairt do Shir Walter. Ghabh e na prìosanaich fochùram; —agus thug e àithne na geataichean fhosgladh, atoirt earail dhoibhsan a bha leis muinntir abhaile fhaicinn saor slàn len teaghluichibh tre champa nan Sasunnach. —Ach mun dfhalbh iad, dhasluich iad comas an cead deireannach a ghabhail den mhuinntir a shaor iad. ’Sann an sin a bhan dealachadh brònach! Dhùmhlaich iad eadar shean agus òg mu thimchioll St Pierre, agus a chòmpanach. Phòg agus chnìodaich siad iad leis an deòthas bu chaomhaile agus bu dealasaiche; thuit iad le ùmhlachdnan làthair. Chualas an osnaich, agus an tuireadh ann an camp nan Sasunnach. Thuig iad mun àm so ciod a thachair ann an Calais. Chualiad caoidh chràiteach, agus bha truas mòr aca dhiu: Chuir gach fear den arm seachad càileiginn da bhiadh féin chum a thoirt do mhuinntir abhaile, a bha dlù air abhàs le gorta; agus luchdaich iad iad le uireadsa burrainn doibh a ghiùlan, chum lòn a bhi acair an t-slighe. Mu dheireadh thàinig St Pierre agus a cho’ -luchd fulaing, fo chùram Shir Walter agus an fhreiceadain. Cha robh duine sachamp nach do thaom a machgam faicinn. Thug iad ùmhlachd dhoibh air gach laimh. Mhol iad an cruadal sin dam béiginn doibh urram a thoirt, a choisinn an nàimhdean; agus mheas iad na cùird sin, a ghabh iad len deòin mam muineal, nan suaicheantais a burramaiche na aon ni a dhfheudadh righ Shasunn a bhuileachadh orra. ’Nuair a thainig iadam fianuis an righ, thuirt eAn iad sin no daoina burramaichc bha ann an Calais? “Is iad,” a deir Mauny, “ni h-e amhàin ann an Calais, ach is iad na daoinis inbhiche anns an Fhraing, ma bhios cruadal agus duinealas air am meas mar ghniomh euchdach.” “An dthugadh seachad iad gun ainneart?” adeir an righ, “an robh othail no buaireas ameasg an t-sluaigh?” “Cha robh a bheag, le cead ur mòrachd; bfhearr leis an t-sluagh gu h-iomlan dol gu bàs a roghainn air an fhear bu shuaraiche dhiu sin a liuthairt do dmhòrachd. Thug iad uile iad féin suas len saor thoil, chum an cinn luachmhor ìobradh a chosnadh saorsuinn amhòrain.” Ghabh an Righ doimheadas ris achainnt so ach chuimhnich e air achomas-labhairt a thaig na Breatunnaich: agus chum e air féin. Thuirt e, “Tha fiosrachadh gach linn adearbhadh nacheil meachainn agus bàighealchd ach afuran dhaoine gu tuille cionta chur an gniomh. Tha teanndachd smachdail air uairibh feumail chum peanas adheanamh air na ciontaich, chum gun strìochd achuid eile. Falbh,” thuirt e ri oifigeach, “thoir leat na daoine sin chum an cur gu bàs. Tha ur ceannairc,” a deir e ris na prìosunaich; “tha ur n-ar-amacham aghaidh-h- se, ur righ dligheach, air antromachadh gu mòr ler ladurnas agus ler cion meas air mo chumhachd.” “Chaneil
[214] sinn ag iarraidh a bheag air do Mhòrachd,” a deir St Pierre, “ach ni nach comasach dhuit a dhiùltadh.” “Ciod e sin?” a deir an righ. “Am meas a tha dligheach dhuinn,” arsa St Pierre, agus efalbh a mach lechómpanaich.

Air acheart àm so chualas iolach bhuadach anns achamp. BhaBhanrighinn air ùr thighin le feachd lìonmhor chum an còmhnadh. Ghrad dhfhalbh Sir Walterna comhdhail, agus dhinnis e gu luath dhi mar thachair.

Co luaths a chuir an Righ agus achuirt fàilt oirre, dhiarr i guth uaigneach den righ. “Mo Thriath,” a deir i, “chan ann a tha chùis mu bheil mi dol a labhairt mu thimchioll beatha àireamh bheag de luchd-ceairde. Is ann a bhuineas e do dh-urram rìoghachd Shasunn: —Buinidh e do chliù mEdwaird, mfhir-phòsda, agus mo righ. Air leat gun do dhìt thu sèathnar de dnaimdean gu bàsCha do dhìt; ach dhìt siad iad féin; agus be an cur gu bàs am breith fèin, agus cha be òrdugh Righ Shasunn. “Rinn iad iad féin a ghiùlan gu ciatach, bhan gnàthachadh urramach: chan fheud mi gun bhi measail umpa am feadh a tha farmad agam riutha, a chionn nach dfhàg iad againn aon earrann den chlìù saghniomh so, ach a mhâin gun dthug sinn maitheanas beag suarach dhoibh. Tha mig aideachadh gun do thoill iad gach olc o dlàimh. Dhearbh iad gum biad féin na naimdean bu chumhachdaiche agus bu do-chìosmaicht a bhagad. Is iadsan a-mhàin a chuir an aghaidh do bhuaidh chaithreimich, agus a chum uait an crùn sin a bhan dlighe dhuit a tòige. Uime sin am bu chòir dhuit duais a thoirt dhoibh? gun géilleadh tu dan iarrtuis, gun riaraicheadh tu an cìocrais, agus gun crùnadh a leithid sin de bhàs cliù an samhuil-san àrdachadh os ceann nam flath bu tréine, nach mòr an tàmailt a bheireadh e do ainm Edward, leis gach buaidh a fhuair e? Nach abradh daoine nacheil meas aig Righ Bhreatunn air ard-fhiùghantachd agus air cruadal? agus gur iad na ceart daoine tha eg òrduchadh gu bàs chiontach, na h-aon daoine tha toilltinn meas agus miagh achinne-dhaonna. Bhiodh an t-àite air am fuilingeadh iadsanna ionad urramach dhoibhsan, ach na ionad tàmailte agus mi-chliu do Edward; ’na sgainnil da bhuaidhibh, agusna mhasladh airainm. Cha dean sinn an toileacha sin riutha air chor air bith; ach gu ma fearr leinn am mealladhnan dòchas, on bu deòin leo iad féin àrdachadh air ar cosd-ne. Chan urrainn duinn cliù a leithid do ìobairt a chumail uapa, ach feudaidh sinn gun an làn toil a leigeil leo; ann an ionad abhais sin a shocraicheadh an cliù-san, gu ma fearr leinn an luchdachadh le sochairibh: cuireamaid gu h-amhluadh iad le gnà mholadh. Cumaidh sinn uapa an cliù sin on t-saoghal, a thig do ghná orrasan a dhfhuilingeas airson deagh-bheus.” “Tha mi alan-chreidsinn na thubhairt thuBiodh e mar is àill leat.” arsan righ; “cuir stad air iad a dhfhulang; faigh gu grad iadnar fianuis.” Thàinig iad; am feadh a bha


[215]bhàn-righinn le gnùis agus le cainnt thlà anochdadh màldachd agus caoimhneas dlù-thàirngeach, agus labhair i mar so riutha. “A mhuinntir na Frainge, agus a luchd-àiteachaidh Chalais, chuir sibh sinn gu mòran cosdais agus calldaich ann an ni agus ann an daoine ann am faighinn ath-chòir air an oighreachd bu dligheach dhuinn; ach rinn sibhse, a réir ur barail mhearachdaich, mar a bfhearr a dhfheud sibh; agus chan fheud sinn gun mheas a bhi againn air achruadal agus air aghaisge sin leis an do chumadh co fada or cuid féin sinn. A shaor dhaoine urramach, a dheagh luchd aona bhaile! ged a bha sibhnur n-eascairdean dar pearsa agus dar crùn, is èiginn duinn a bhi measail umaibh. Chaidh ur làn-dearbhadh. Tha sinn atoirt dìbh ur cuibhrichean; tha sinng ur toirt o ghrad bhàs; agus atoirt taing dhuibh a chionn a theasgasg dhuinn, nach ann a tha ro-oirdheirceas ateachd o fhuil, o ainm, no o inbh; ach gu bheil subhailc asgaoileadh urram os ceann na tha aig rìghrean; agus gubhaeil iadsan air an do bhuilich an t-Uile chumhachdach barailean mar tha agaibhse, gu cothromach air am meas os ceann gach urram saoghalta. Tha sibh a nis saor gu falbh romhaibh chum ur càirdean, ur luchd dùthcha, agus a dhionnsuidh gach neach dan dfhuair sibh am beatha agus an saorsuinn, air chumhas nach diùlt sibh comharan air ar meas. Achs mòr a bfhearr leinn ur càramh ruinn féin leis gach ni bu luachmhoire; agus chum so a dheanamh tha sinn atairgseadh dhuibh rogha gach urraim agus inbh a thaig Edward ra bhuileachadh. Tha sinnan tòir air cliù, ach do ghnà càirdeil do dheagh-bheus, bu chaomh leinn gum feudadh Sasunn urn-àireamh a measg a cloinne.” “O! mo thruaighe mo dhùthaich!” ghlaodh St Pierre, “sann a nis a tha fàth eagail orm air do shon. Tha Edward acìosnachadh bhailtean, ach tha Philippa atoirt buaidh air cridheachan.” “A dhuinfhoghaintich,” a deir a Bhan-righinnCarson a tha thug amharc co dubhach?” “Le cead ur mòrachd,” thuirt esan, “nuair a gheibh mi a leithid eile de chothrom air dol gu bàs urramach cha bhi duilichinn orm nach dfhuiling min diugh e.”

title15
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page