[215]

LEABHRAICHEAN GAILIG.

CHAN eil móran diu so ateachd a mach air an àm. Chaidh àireamh de SHEARMOINEAN MHR RALPH ERSKINE air an eadar-theangachadh le Mr Aonghas Dòmhnullach ann an Urchadainn, a chur a mach o chionn ghoirid. Tha iomadh duine foghlumte agus cràbhach ameas gun drinn na searmoinean so anns aBheurla móran feum do dh-ioma mìle Criosduidh; agus ged tha sinn ag aideachadh nach dfhuair sinn fhathast cothrom air an leughadh, tha sinn an dòchas nach caill iad a bheag dan dreach no dan éifeachd ann an cànain dhrùighteach nam beann. Than clò-bhualadh math agus aphrìs cuimseach, 5 tasdain.

Tha liughad foighneachdga dheanamh muADHAMH agus EUBH.” Mhictallas nach feud sinn gun iomradh aithghearr thoirt air, agus is math leinn e bhinar comas ìnnseadh dar luchd-dùthcha gu bheil eg obair air a lathas a dh-oidhche; ach thatarga phianadh le forghais. ’Sioma fear nacheìl cho seòlta ri Mactalla nach abradh diogma dhéibhinn gus am biodh achuid bu mho dhe criochnaichte; agus cha bioghnadh leinn ged a be sin doigh a ghabhas esan an ath leabhar a chuireas e mach.

Chan urrainn an leabhar so bhi mach nis luaithe na toiseach agheamhraidh air achuid is lugha.


[216]

Tha sinn acluinntinn gu bheil iad afaotainn mòran sgadain san iar-thuath, agus is mór am beannachadh do dh-ioma teaghlach bochd gur h-ann mar sin a tha. Tha sinn an dòchas fa stiùradh an Fhreasdail gum fuadaich so an ganntar a dh-fheuch cho goirt riutha.

title16
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page