AMERICA.
Tha sinn ’ga mheas ’na aobhar-thaingealachd do dh-ioma duine foghainteach agus íoma teaghlach deanadach deagh-bheusach a tha ’gan sàrachadh san dùthaich-sa, gu bheil e nis ’nan comas dol thairis do dh-America gun chostas sam bith airson bìdh no faraidh. Tha cuideachd air éiridh suas o chionn ghoirid a tha air ceannach farsuingeachd mhor fhearainn ann an New Brunswick agus Nova Scotia; agus chum an fearann so áiteachadh tha iad a’ tairgsinn daoine bochda nach urrainn pàigheadh air a shon a thoirt a mach agus an socrachadh ann am fearann aig mál sgillinn Shasunnach an acair sa’ bhliadhna agus e ’nan comas an gabhalaichean a cheannach an taobh a stigh do dheich bliadhna. Gu ma fada robh e bhuainne comhairle thoirt air duine sam bith a tha sona san duthaich-sa, a fàgail airson dùthaich sam bith eile air uachdar an domhain; ach tha móran eadar sin agus duine bhi ’ga shàrachadh ’s a’ bristeadh a chridhe o thoiseach gu deireadh no bliadhna. Tha cuid a dhaoine nach fàgadh an dùthaich so ged a bhiodh iad féin ’s an teaghlaichean a’ dol bàs mu na gàracha càil. Riuthasan cha’n eil feum a bhi ’bruidhinn, ach tha sinn cinnteach gur h-ioma teaghlach fiachaíl a ghabhas an tairgse fhàbharach so a tha iad a’ faotainn. Paighidh a’ cheud bhàrr prìs anfhearainn agus na h-uile costas eile tha ’na dhéigh ged a cheannchadh iad e; agus tha dearbh-fhios againn gu bheìl so fior.
title | 17 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |