D’AR CAIRDEAN.
’S ann le INNEAL-TOITE chaidh an àireamh so de’n Teachdair a chlò-bhualadh; agus tha sinn am barail gur e so a’ cheud Ghàilig a chaidh riamh a chur a mach leis.
Fhuair sinn litir á Clachnaharie a chuir beagan iongatais oirnn. Bha marbh-rann air bàs mnatha ’an cois na litreach, agus anns a’ mharbhrann bha 36 rannan. Bha’n litir gu fior shnasmhor air a sgrìobhadh, ach a’ bagradh mur cuireamaid a’ mharbhrann san Teachdaire gu’n sguireadh esan d’a leughadh! Nise ’s fada ghabh a bhuainne an tuille duilichinn a chur air duine bha ’caoidh bàs a chéile, có air bith e, ach cha’n fhuilig sinn a leithid so do smachdachadh mi-mhodhail; agus ’se ’bheatha sgur do’n Teachdaire, agus theid a mharbhrann a chur gu cùramach g’a ionnsuidh.
Cluinnidh ar caraid ann an Gleann-Nibheis uainn san ath àireamh. Is duilich leinn nach d’ thainig a litir beagan ni bu tràithe.
Fhuair sinn litir, “Fhilidh O’Seanachaidh.” Tha cuid de’n ranndachd nach dean feum, agus b’fhearr leinn gu’n tugadh e sgrib bheag mhìneachaidh air; ach cluinnidh e uainn gun mhóran dàil.
Freagraidh sinn cairdean “Uilleam Thómais” san ath àireamh.
Anns an ath Theachdaire bheir sinn seachad cuibhrionn do dh-eachdraidh EILEANAN NA MARA MU DHEAS, agus mar chaidh an luchd-àiteachaidh a bha roimhe sin ann an tur-dhorchadas iompachadh chum a’ chreidimh Chriosdail; agus theid so a leanailt o àireamh gu àireamh.
title | 19 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |