[186]

BRAICEAS DIUC ALBHA.

SGEUL GEARMAILTEACH.

AIR dhomh bhirannsachadh seann leabhraichean Gearmailteach, thachair an sgeul a leanas rium, agus tha miga mheas air na h-uile cor airidh air a thionndadh gu Gàilig.

Chuir baintighearna Ghearmailteach a bhuineadh do theaghlach a bha daonnan aimneil airson misnich agus uaibhreachd spioraid, agus a chunnaic aon da chuid mac air rìgh-chathair na dùthcha sin, a dhaothainn eagail air diùc Albha, a bha do ghnàth acumail na cearna sin den dùthaich fo chruaidh-smachd agus fo eagal.

Anns abhliadhna 1547nuair a bha an cóigeamh Tearlach adol troimh Thuringia lechuid feachd, fhuair Catrìona, banntrach Iarla Schwartzenburg, agusna bana-phrionnsa a thaobh staid-breith, litir-dhìona no thèaruinteachd uaithe airson a cuid sluaigh, atoirmeasg don arm Spàindeach dochoir sam bith a dheanamh orra; agus mar éirig airson so ghabh ise os làimh aran, beòir, agus goireasan eile riarachadh don arm air prìs riasonda, aig an àite far an robh iad acrosgadh abhuinn Shaail; ach bha eagal oirre gun robh an t-àite so tuilles teann air beairteas abhaile, agus gum faodadh so a bhi daonnannan sealladh na saighdearan a bhuaireadh gu spùinneadh. Air an aobhar sin leag i na drochaidean a bha teann air abhaile, agus thog i feadhain eile treis air astar. Dhàithn i maraon do luchd-àiteachaidh nam frith-bhailtean na nithe


[187] bu luachmhoire bha aca chur a stigh ga lùchuirt féin, caisteal Rudolstadt.

Aig an àm so ràinig an seanalair Spàindeach am baile, agus maille ris diuc Eunraig Bhrunswick agus a chuid mac. Chuir e fios thun na baintighearna gun robh toil aige a bhraiceas a ghabhailna caisteal. Cha robh e furasda dhise so a dhiùltadh do phrionnsa air ceann feachd; agus le sin chuir i fios air ais gum be a bheatha nam burrainn a mhórachd cur suas leis na gnothuichean a bhana tigh-se. Air an àm cheudna chuir ina chuimhne an litir thèarmuinn, ag asluchadh gun rachadh an cùmhnant sin gu cùramach a choimhead.

Bha fàilte chaoimhneil agus bord air dheagh riarachadh afeitheamh air an diùcnuair thàinig e. Béigin da aideachadh, thuirt e, gun robh baintighearnan Thuringia ionnsuichte anns gach ni a bhuineadh do dh-fhaoilidheachd. Cha robh achuideachd fhathast air suidhe nuair thainig teachdaire a dh’ -iarraidh guth don bhaintighearna mach as an t-seòmar, agus dhinnis e dhi gun do thog na saighdearan Spàindeach an spréidh á cuid de na frith-bhailtean!

Bha Catrìona mar mhàthair da sluagh, agus bionann leatha dochoir a dheanamh oirre féin agus air an aon bu shuaraiche dhiu. Air a farranachadh leis abhristeadh-geallaidh so, ach acumail air a feirg cho maths a burrainn i, dhorduich i a muinntir a dhol gu grad agus gu sàmhach fo armaibh, agus geataichean achaisteil a chrannadh. Phill in sin air a h-ais don t-seòmar far an robh na h-uaisleannan suidhe mun bhord, agus ghearain i gu goirt air an eucoir a chaidh dheanamh oirre, agus air an tàir a bha iad adeanamh air gealladh an impire. ’Se freagairt a fhuair i, treis ghàiricich! Thuirt iad rithe gum be sin aon de ghnàthaichean achogaidh, aon de na tubaistean beaga bha daonnanan lorg airm, agus nach burrainnear a sheachnadh. “Chì sinn ciamar bhios sin!” arsise, alosgadh le feirg; “gheibh mo shluagh bochd-sa air ais na chaidh a thoirt uapa, air neo tha mi amionnachadh gun dìol fuil phrionnsachan airson fuil dhamh!” Le so a ràdhainn dhfhalbh i, agus a thiota bhan seòmar lān dhaoine fo lān armaibh, a chàirich iad féin len claidhean rùisgte, ach air an dòigh bu mhodhalas bu bheusaiche aig culaobh nan uaislean, deas chum frithealadh dhoibh aig abhord! Aig teachd a stigh nan gillean-buird armaichte so thainig mùthadh air neul diuc Albha, agus sheall a chompanaich air a chéile le mór ioghnadh, ach gun smid a labhairt. Air a ghearradh as ochuid feachd agus air a chuairteachadh le àireamh mhòr de dhaoine armaichte, ciod a burrainn edheanamh ach strìochdadh air dhòigh sam bith a roghnaicheadh abhaintighearn ardanach so. Be diùc Eunraig acheud fhear a ghlac misneach, agus adeanamh gàire cho cridheils a dhfhaodadh e ghabh e air gun robh emeas na thachairna fhala-dhà, agus rinn e mòran molaidh air abhaintighearn airson achùram a bha igabhail do na bhuineadh da h-iochdarain, agus gu sònruichte airson na h-ard-inntinneachd a chuir in céill.


[188]

Dhasluich e oirre gun tuille dragh a chur oirre féin mu na thachair, agabhail os làimh cead dhiuc Albha fhaotainn airson ni air bith a bhiodh ceart; agus a réir an iarrtais so chuir an diùc ordugh don champ an crodh a liubhairt thairis gun dàil. Co luaths a chualabhaintighearna gun deachaidh an t-ordugh a choimhlionadh thug i buidheachas doibh ann an briathraibh bainndi grinn; agus ghabh iadsan an cead diga h-ard-mholadh ann an cainnt chùirteil thaitneach mar bhuineadh dan ard inbheglé thoilichte bhi air taobh muigh na lùchuirt.

Chan eil teagamh nach ben gnothuch so a dhfhàg a h-ard-mhisneach co ainmeil san Roinn-Eòrpa. Bha i iomraiteach mar an ceudna airson iomadh oidhirp a thug i chum an creidimh ath-leasaichte a bhuanachadh san dùthaich sin: agus is iomad ministeir a bha air a gheur-leanmhuinn le naimhdean achreidimh so a dhìon i o chron agus a chum i suas. ’Nam measg so bha aon Caspar Aquila, a chaidhan làitheanòige le arm an impire do na Netherlands mar mhinisteir-feachd; agus a chionn gun do dhiùlt e peileir gunna-mhóir a bhaisteadh dhinn na saighdeirean a stigh e ann an gunna farsuing ris an abair iad mortar, a los a shéideadhsna speurabh; ach gu fortanach dhàsan, bham fùdar fliuch agus cha ghabhadh e lasadh. Cha biongantach e ghabhail acheud chothrom air teicheadh uapa, agus fhuair e àite tèarmuinn sachaisteal.

Chaochail i aig aois ochd-deugs da fhichead bliadhna, urramaichte agus gràdhaichte aig gach ard agus ìosal san dùthaich; oir bha i chairdeil chaoimhneils a bha i foghainteach. Thìodhlaiceadh i ann an eaglais Rudolstadt.

EAD. M.

title2
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page